Eliseo Payán

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Eliseo Payán
Eliseopayan.png
Ceann-suidhe Choloimbia

13 dhen Dùbhlachd 1882 - 8 dhen Ghearran 1888 - Miguel Antonio Caro Tovar
Ceann-suidhe Choloimbia

6 dhen Fhaoilleach 1887 - 4 dhen Ògmhios 1887
Beatha
Breith Cali, 1 dhen Lùnastal 1825
Dùthaich  Coloimbia
Bàs Buga, 30 dhen Ògmhios 1895
Foghlam
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd neach-naidheachd, neach-poileataigs agus neach-lagha
Seirbheis san arm
Meur an airm Arm Nàiseanta Choloimbia
Strì Cogadh nan Àrdanach
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Libearalach Choloimbia

B’ e Eliseo Payán (1825-1895) stàitire, fear-lagha, saighdear agus neach-poileataigs Coloimbianach[1], a bha na Cheann-suidhe na dùthcha eadar Am Faoilleach agus An t-Ògmhios 1887. Fhad ’s a bha e na cheann-suidhe rinn e dlùthachaidhean dha na libearalaich anabarrach agus a bharrachd air sin bha cliù aige airson na h-obrach poiliteagaiche a rinn e ann am Buga agus anns a’ Chauca.[2][3]

Beatha[deasaich | deasaich an tùs]

Fhuair Eliseo Payán Hurtado a chuid fhoghlaim anns an Sgoil Santa Libarda ann an Cali. An dèidh sin fhuair e ceum anns an Lagh, leis gun d'fhuair e deagh fhoghlaim aig Oilthigh a' Chauca.[4] Bha e na fhear-lagha ann am Buga, far an robh e an sàs anns a’ mhalairt, san t-siostam cheartas agus bha dreuchdan aige san riaghaltas iondail. stèidhich e An Sociedad Democrática Bugueña (Comann Deamocratach a’ Bhuga) agus bha e na dheasaiche am pàipear-naidheachd "El Sentimiento Democrático" ann an Cali, ann an co-bhonn còmhla ri Manuel Antonio Scarpetta y Ramón.

Toiseach na h-Obrach Poiliteagaiche[deasaich | deasaich an tùs]

Thoisich an t-slighe aige chun a’ phoileataigs ann an Seòmar Sgìreil a’ Chauca, far an do dh’fhàs e ainmeil air sàilleabh na cainntearachd spaideil aige. Bha e anns a’ Mhòr-dhàil Nàiseanta mar bhall airson a’ Chauca, eadar 1854 agus 1855. Ann an 1854 thug e pàirt anns a’ chòmhstri an aghaidh an t-Seanalair José María Melo, a bha na dheachdaire, agus bha e gu math seann-chrìonta anns an airm ma-thà, leis gun tug e pàirt ann an Cogadh nan Àrdanach ann an 1840, is e na shaighdear fon Sheanalair José María Obando, an aghaidh Riaghaltas a’ Chinn-shuidhe José Ignacio de Márquez Barreto.

Riaghladair a’ Chauca[deasaich | deasaich an tùs]

Bha Payán an sàs anns a’ chogadh shìobhalta dhe 1860 mar sheanalair, is esan ri taobh a’ Chinn-shuidhe Tomás Cipriano de Mosquera, à Cauca cuideachd, an aghaidh a’ Chinn-shuidhe taghte, an Tòraidh Mariano Ospina Rodríguez. Aig deireadh a’ chogaidh, dh’ainmich Mosquera e mar Riaghladair a’ Cheàra Bhuga, agus an ceann bliadhna a-mhàin ràinig e Riaghaltas na stàite a bu mhotha agus a bu bheairtiche na dùthcha: Cauca. Chaidh e bho Phopayán, prìomh-bhaile a’ cheàrna, gu Quibdó is esan anns an dreuchd sin 1871 gu ruige 1876.

Bha an Seanalair Payán an sàs anns a’ chogadh shìobhalta dhe 1876 gus a' Cheann-Suidhe Aquileo Parra Gómez a dhìon, ach cha do shabaid e ach an dèidh a bhuannaich na Libearalaich aig Blàr Los Chancos, air sgàth gu robh e na phrìosanach na Feachdan Tòraidh. Chuir an Seanalair Julián Trujillo Largacha, ceannard airm a’ Chauca, esan os cionn bhuidhne-chatha; agus shabaid e an aghaidh Feachdan Tòraidh na h-Antioquia agus bhuannaich e aig Blàr Batero. Ann an 1879 chuir e airm air dòigh airson Riaghladair a’ Chauca, air a bheil Garcés, a chur às a’ chathair, agus thug e an t-ùghdarras sìobhalta dha Ezequiel Hurtado, is esan ga thaghadh Ceann-Suidhe Stàit A’ Chauca.

Leas Ceann-suidhe[deasaich | deasaich an tùs]

20mh an Lùnasdal 1881 fhuair e an rang armailte na b’àirde a bh' ann, Àrd-Seanalair; agus anns an aon bhliadhna bha e na thagraiche airson a bhith Ceann-suidhe na Stàitean Aonaichte Choloimbia; ach leig e dheth e airson Francisco Javier Zaldua a bhrosnachadh. Bha atharrachaidhean beachd leantainneach eadar Payán agus na Anabarraich, rè na deichead na 80an, thug e pàirt ann an Gluasad An Ath-Bheòthachaidh agus thug e taic dha Núñez. bho 1882 gu 1884 is esan na Ministear a’ Chogaidh. Fhuair e cliù airson an Ath-Bheòthachadh a dhìon fad an dàrna Riaghaltas aig a’ Cheann-suidhe Núñez, ann an 1884-1886: dhìon e an Riaghaltas anns an Ar-a-mach anabarrach dhe 1885, agus chuir e ruaig air na Feachdan Anabarrach aig Cath Santa Bárbara de Cartago. Na bheachd Rafael Núñez, ‘s e a phrìomh caidreabhach armachd an aghaidh na Anabarraich; agus le sin, deagh fhear-dhìon Gluasad an Ath-Bheòthachaidh. Dh’ainmich Comhairle nam Ball e na Leas Ceann-suidhe na Poblachd ann an 1886, is iad ann an cruinneachadh airson Bun-reachd Phoilitigeach 1886 a ghabhail ris.

Ceann-suidhe na Dùthcha[deasaich | deasaich an tùs]

Mar a bha e air a thaghadh mar Riaghladair a’ Chauca cuideachd, b’ fheudar dhasan an dreuchd sin fhàgail airson obair Ceann-suidhe na Poblachd a dhèanamh, leis nach b’ urrainn dhan Cheann-suidhe taghte Rafael Núñez an gnothach a dhèanamh cho cho tinn ‘s a bha e. Bha e na cheann-suidhe bhon a’ Fhaoilteach gu ruige an t-Ògmhìos 1887, agus a-rithist bhon a’ Dhùbhlachd gu ruige 8mh an Gearran 1888, nuair a shuidhe Núñez sa Chathair a-rithist. An ceann greiseag bheag na cheann-suidhe, rinn e èigheachd a thug saoranas gu lèir dha na meadhanan ann an Coloimbia, agus fhuair e dubh-chàineadh air a sgàth. Chaidh Eliseo Payán a chur às a’ chathair air sàilleabh na comhraidhean a fhuair e leis na Libearalaich anabarrach.

Dìleab[deasaich | deasaich an tùs]

Randanaich An Comhairle an Leas-Ceann-Suidheas, is iad a’ beachdachadh gu robh e dìreach an aghaidh dòighean poilitigeach Ath-bheòthachadh na Dùthcha. Rè na bliadhnachan siud, ’s e payanización" (payanachadh) a t-ainm a bha air gach uile rud a dhèanadh an leas-cheann-shuidhe an aghaidh poileasaidhean a’ chinn-suidhe fhèin. Chaidh Eliseo Payán a chur a-mach às a’ phrìomh-bhaile; Bha e na thàmh ann am Medellín agus, mu dheireadh thall, bha e a’ fuireach air an oighreachd aige ann an San Pedro ann am Buga. Phòs e Carmen Ospina Lenis, agus bha còignear mic aca.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Oifis a' Chinn-suidhe
  3. Leabharlann Luis Angel Arango
  4. Oilthigh Cauca

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Pàrtaidh Libearalach Choloimbia (Spàinntis)


Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: