Mariano Ospina Rodríguez
Mariano Ospina Rodríguez | |||
---|---|---|---|
22 dhen Chèitean 1858 - 31 dhen Mhàrt 1861 - Bartolomé Calvo → | |||
Beatha | |||
Breith | Guasca, 12 dhen t-Samhain 1805 | ||
Dùthaich |
Spanish Empire Co-chaidreachas Ghranada Poblachd Ghranada Ùire Coloimbia Mhòr Stàitean Aonaichte Choloimbia | ||
Bàs | Cali, 11 dhen Fhaoilleach 1885 | ||
Àite-adhlacaidh | San Pedro Cemetery (en) | ||
Teaghlach | |||
Cèile | Enriqueta Vásquez Jaramillo (en) | ||
Clann |
liosta
| ||
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
| ||
Foghlam | |||
Foghlam | Oilthigh Antioquia | ||
Cànain | Spàinntis | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | neach-poileataigs, neach-naidheachd agus neach-lagha | ||
Creideamh | |||
Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Glèidhteachail Choloimbia |
B’ e Mariano Ospina Rodríguez Neach-poileataigs, neach-aithris agus fear-lagha à Coloimbia, [1] a steidhich am Pàrtaidh Tòraidh Choloimbia. Bha e na cheann-suidhe na dùthcha eadar 1857 agus 1861. [2][3] Rugadh e ann an Guasca, Cundinamarca 18 an Dàmhair 1805 agus chaochail e ann an Santa Marta, Magdalena, 9 am Faoilleach 1885.
Beatha
[deasaich | deasaich an tùs]Dh’ionnsaich e eòlas-lagha aig an Colegio de Nueva Granada agus fhuair e deagh chliù rè na bliadhnachan mu dheireadh na Coloimbia Mòire o chionns gur e sàr dhìonadair agus fear-taic Francisco de Paula Santander a bh’ann; a bharrachd air sin, bha e an sàs ann an Cuilbheart an aghaidh Bholívar, is b’ fheudar dhàsan a theich gu Antioquia, an roinn far an robh iomadh luchd-dhùbhlain an aghaidh Bholívar fo stiùireadh an t-Seanalair José María Córdova: bha Ospina fiù’s na Rùnaire an t-Seanalair fhèin. Nuair a bhàsaich Córdova ann an 1829, thoisich Ospina a chuid obrach ann an saoghal a’ poileataigs gu dearbh, mar bhall-phàrlamaid anns an roinn ùr dhe Antioquia, far an robh e cuideachd na rùnaire a’ chaibineit agus na Riochdaire anns a’ Chòmhdhail.
‘S e fìor dheagh dhaoine a bh’ann oir dhèiligeadh ris na daoine ann an dòigh glè mheasail. ‘S e ball Buidheann nam Ministear (neo meadhanach) a bh’ann. Dh’ainmich an ceann-suidhe Pedro Alcántara Herrán e mar Rùnaire na Roinne agus na Dùthchannan Cèin ann an 1841; chleachd e an dreuchd sin airson pàirt a ghabhail ann an deasachadh a’ Bhun-Reachd dhe 1843 agus steidhich e siostam làidir an fhoghlaim anns na bun-sgoiltean agus aig ìre meadhanach anns an dùthaich. An uair sin bha e na Riaghladair ann an Antioquia.
Thill e chun a’ Chòmhdhail ann an 1845 agus sgrìobh esan agus José Eusebio Caro a’ chiad prògram an Riaghaltais aig Buidheann nam Ministear (Spàinntis Sector Ministerial), ainm a bha air na Tòraidhean aig an àm (1849); thathar ag ràdh gur e steidheachadh a’ Phàirtidh Thòraidh a bh’ann an gnothach sin.
Dh’fhàs e a bhith na phrìomh cheannard nan Tòraidh rè na 1850an agus sheas e mar thagraiche a’ chinneas aig na taghaidhean ann an 1857. Fhuair e buaidh air dithis nàmhaid Libearalach, Manuel Murillo Toro agus Tomás Cipriano de Mosquera airson an teirm bho 1857 gu ruige 1861. A dh’aindeoin nach d’ fhuair e ach beagan na bu fheàrr na 40% nan bhòtaichean, chuir e air dòigh Riaghaltas smachdail a’ phàirtidh. Fhad ‘s a bha e os cionn an Riaghaltais shabaideadh an aghaidh buaireas siostam a’ Ghranada Ùr o chionns gur e stàit meadhanachadh a bh’ann a leigeadh e do stàitean feadarail (Panama agus Antioquia) a bhith ann. Le sin, ghairm e co-chruinneachadh ann an 1858 airson bun-reachd na dùthcha a leasachadh, is le sin rugadh Co-chaidreachas Ghranada.
Dh’adhbharaich na atharraichean poileataigeach-shòisealta sin an Cogadh Sìobhalta dhe 1860. B’ fheudar dha Ospina a shabaid an aghaidh Tomás Cipriano de Mosquera, ach chaill e. Chaidh e a chur às an tìr ann an 1861 an dèidh an Riaghaltas agus thill e ann an 1871; chuir e seachad na bliadhnachan mu dheireadh aige an sàs anns na meadhanan agus a’ teagasg aig an oilthigh.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]Simón Bolívar • Francisco de Paula Santander • Joaquín Mosquera • Rafael Urdaneta • Domingo Caycedo Santamaría • Jerónimo de Mendoza Galavís • José Ignacio de Márquez Barreto • Pedro Alcántara Herrán • Juan de Dios Aranzazu • Tomás Cipriano de Mosquera • Rufino Cuervo y Barreto • José Hilario López • José María Obando • José María Melo • Tomás Herrera • José de Obaldía • Manuel María Mallarino • Mariano Ospina Rodríguez • Juan José Nieto Gil • Bartolomé Calvo • Leonardo Canal González • Froilán Largacha • Manuel Murillo Toro • José María Rojas Garrido • Santos Acosta Castillo Joaquín Riascos • Santos Gutiérrez Prieto • Eustorgio Salgar • Santiago Pérez de Manosalbas • Aquileo Parra Gómez • Manuel María Ramírez Fortoul • Julián Trujillo Largacha • Rafael Núñez Moledo • Francisco Javier Zaldúa • Clímaco Calderón • José Eusebio Otálora • Ezequiel Hurtado • José María Campo Serrano • Eliseo Payán • Carlos Holguín Mallarino • Miguel Antonio Caro Tovar • Manuel Antonio Sanclemente • José Manuel Marroquín • Rafael Reyes • Diego Lemos • Jorge Holguín Jaramillo • Ramón González Valencia • Carlos E. Restrepo Restrepo • José Vicente Concha • Marco Fidel Suárez • Pedro Nel Ospina Vásquez • Miguel Abadía Méndez • Enrique Olaya Herrera • Alfonso López Pumarejo • Eduardo Santos • Darío Echandía Olaya • Alberto Lleras Camargo • Mariano Ospina Pérez • Laureano Gómez Castro • Roberto Urdaneta Arbeláez • Gustavo Rojas Pinilla • Gabriel París • Guillermo León Valencia • Carlos Lleras Restrepo • Misael Pastrana Borrero • Alfonso López Michelsen • Julio César Turbay Ayala • Belisario Betancur Cuartas • Virgilio Barco Vargas • César Gaviria Trujillo • Ernesto Samper (1994–1998) • Carlos Lemos Simmonds • Andrés Pastrana Arango (1998–2002) • Álvaro Uribe (2002–2010) • Juan Manuel Santos Calderón (2010–2018) • Iván Duque (2018–)