Marco Fidel Suárez

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Marco Fidel Suárez
Marco Fidel Suárez.jpg
ball Seanadh Choloimbia


Ministear Chùisean Cèin Choloimbia

10 dhen Mhàrt 1891 - 1895
Ministear Chùisean Cèin Choloimbia

7 dhen Lùnastal 1914 - 30 dhen Dàmhair 1917
Ceann-suidhe Choloimbia

10 dhen Lùnastal 1918 - 11 dhen t-Samhain 1921
José Vicente Concha - Jorge Holguín Jaramillo
Ministear Chùisean Cèin Choloimbia

7 dhen Lùnastal 1926 - 12 dhen Fhaoilleach 1927
Eduardo Restrepo Sáenz
Beatha
Breith Villapinzón, 23 dhen Ghiblean 1855
Dùthaich  Coloimbia
Bàs Bogotá, 3 dhen Ghiblean 1927
Foghlam
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd stàitire, sgrìobhadair, dioplomat agus neach-poileataigs
Duaisean a fhuaras
Ballrachd Academia Colombiana de la Lengua
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Glèidhteachail Choloimbia

B' e Neach-poileataigs à Coloimbia[1] a bh' ann am Marco Fidel Suárez (Hatoviejo (Bello), 23 an Giblean 1855 - Bogotá, 3 an Giblean 1927).[2] Bha e na cheann-suidhe eadar 1918 agus 1921. B' e an 32mh ceann-suidhe na dùthcha a bh' ann.[3]

Rugadh Suárez ann am bochdainn ann an taigh suarach ann an Hatoviejo, faisg air Medellín. B' e mac dìolain mhnatha bhochd air an robh Rosalía Suárez agus José María Barrientos, uachdaran cumhachdail nach do dh' aithnich a mhac a-riamh. Le sin, bha dìreach sloinneadh a mhàthar aige an àite dhà a chithear mar as àbhaist anns na dùthchanan far a bheil Spàinntis ga bruidhinn. Dhùilteadh mòran dhaoine e air sgàth sin - Laureano Gómez Castro nam measg. Cha robh an t-uabhas airgead ann airson na sgoile agus b' fheudar dha seasamh aig an uinneig taobh a-muigh a' chlas airson an neach-teagaisg a chluinntinn. A dh'aindeoin sin, chaidh e dhan oilthigh agus bha e na bhall acadamaidh na dùthcha agus na bhàrd ainmeil.

Bha Suárez na shaighdear ann an Antioquia anns na 70an nuair a sgiùrsadh còmhsti sìobhalta an sgìre.[4] Phòs e aig Isabel Orrantia y Borda ann an 1895 agus rug i dithis dhuine-cloinne dha. Chaochail a bhean ann an 1901. Dh'eug a mhàthair agus a mhac ann an 1918: bha a mhac na oileanach ann am Pittsburgh aig an àm.

B' e ball a’ Phàrtaidh Thòraidh Choloimbia a bh’ ann Suárez ged nach do thoisich e a bhith an lùib poileataigs aig àrd ìre mus robh e 41 bliadhna a dh'aois. Bha e na mhinistear an fhoghlaim fo Carlos E. Restrepo Restrepo (1911 - 1912) agus na Mhinistear nan Dùthchanan Cèin fo Miguel Abadía Méndez (1926 - 1927). Chaidh a thaghadh ceann-suidhe na dùthcha ann an 1918. Lean e polasaidhean a neartachadh an ceangail eadar Coloimbia agus Na Stàitean Aonaichte. B' e Estrella del Norte (Rionnag an Tuath) an t-ainm a bha air sin,[5] air sàilleabh gu robh Suárez dhen bheachd gur e modal sònraichte a bh' anns na Stàitean a thaobh chultair agus phoileataigs. A bharrachd air sin, thoisich e siosatam nan Cìsean cosnaidh, cagar adhair agus post-adhair. Thug e sgioba dhan dùthaich a dh' ullaich na Feachdan Adhair.[6] Leig Suárez an dreuchd dheth o chionns gum fàgadh airsan gu robh e ri cleachdaidhean coirbe.[7]

Ministearan[deasaich | deasaich an tùs]

  • Rùnaire na Stàite: Pedro Antonio Molina (1918)/Marcelino Arango (1918-1919)/Luis Cuervo Marquéz (1919-1921)/Aristóbulo Archila (1921)
  • Ministear nan Dùthchanan Cèin: Jorge Holguin Mallarino (1918)/Pedro Antonio Molina (1918-1919)/Hernando Holguin y Caro (1919-1920)/Francisco Montaña (1920)/Laureano García Ortiz (1920-1921)/José Vicente Concha (1921)
  • Ministear nan Cìsean: Carlos Vázquez Latorre (1918)/Marcelino Arango (1918)/Pomponio Guzman (1918-1921)/Pedro Justo Berrio (1921)
  • Ministear a' Chogaidh: Jorge Roa (1918-1921)/Bonifacio Velez (1921)
  • Ministear an Àiteachais agus Malairt: Simon Araujo (1918)/Esteban Jaramillo (1918-1919)/Jesús Del Corral (1919-1921)
  • Ministear an Ionmhais: Pedro A. López (1918)/Jorge Ancizar (1918-1919)/Esteban Jaramillo (1919-1920)/José María Pasos (1920-1921)/Laureano García Ortiz (1921)
  • Ministear an Fhoghlaim: Emilio Ferrero (1918)/José Francisco Insignares (1918-1919)/Miguel Abadía Méndez (1919-1921)/Eduardo Restrepo Saenz (1921)
  • Ministear a' Chòmhdhail: Rafael Del Corral (1918-1919)/Carmelo Arango (1919-1920)/Esteban Jaramillo (1920-1921)/Julian Buchelli (1921)/Esteban Jaramillo (1921)

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Presidencia de Colombia
  3. Leabharlann Luis Angel Arango
  4. Historia de Antioquia, Jorge Orlando Melo, Editorial Presencia Ltd, Page 458, Bogotá, Colombia, November, 1988
  5. La ilusión posible: un testimonio sobre la política exterior colombiana, Guillermo Fernández de Soto
  6. Gobernantes Colombianos, Ignacio Arismendi Posada, Interprint Editors Ltd., Italgraf, Segunda Edición, Bogotá
  7. Presidencia de Colombia


Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: