Misael Pastrana Borrero

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Misael Pastrana Borrero
Misael Pastrana.JPG
ambassador of Colombia (en) Translate


Ceann-suidhe Choloimbia

7 dhen Lùnastal 1970 - 7 dhen Lùnastal 1974
Carlos Lleras Restrepo - Alfonso López Michelsen
Beatha
Breith Neiva, 14 dhen t-Samhain 1923
Dùthaich  Coloimbia
Ciad chànan Spàinntis
Bàs Bogotá, 21 dhen Lùnastal 1997
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (Aillse)
Teaghlach
Cèile María Cristina Arango Vega (en) Translate  (24 dhen Ghearran 1951 -
Clann
Foghlam
Foghlam Oilthigh Javeriana
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd dioplomat, neach-teagaisg oilthigh, neach-lagha agus neach-poileataigs
Duaisean a fhuaras
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Glèidhteachail Choloimbia

B' e eaconomaiche, fear-lagha, neach-poileataigs agus riochdaire dioplòmasach à Coloimbia bh’ ann am Misael Pastrana Borrero (Neiva, 14 an t-Samhain 1923 - Bogotá, 21 an Lùnastal 1997).[1] Bha e na cheann-suidhe Choloimbia eadar 7 an Lùnasdal 1970 agus 7 an Lùnasdal 1974.[2] 'S ann do theaghlach beairteach a bhuineadh e: bha a mhac, Andrés Pastrana Arango, na cheann-suidhe bliadhnaichean an a dhèidh, eadar 1998 agus 2002. A bharrachd air sin, bha càideas fad às aige ri Mercedes Cabal Borrero, bean Mhanuel Mharía Mhallarino.[3] Chaidh e dhan Oilthigh Javeriana ann am Bogotá. Phòs e aig María Cristina Arango Vega à Bogotá ann an 1951 agus rug i ceathrar duine-cloinne dha.[4] Tha ise a' buntainn do theaghlach cumhachdail, le ceanglaichean dhan Phàrtaidh Libearalach. Theab Pastrana Borrero bàsachadh ann an tubaist phlèana ann an 1938. Chaochail e le aillse mheirbheach.[5]

‘S e ball a’ Phàrtaidh Thòraidh Choloimbia a th’ ann Pastrana agus bha e an lùib poileataigs aig àrd ìre fad a bheatha. Thoisich e mar thosgair thall ann an Cathair na Bhatacain agus anns Na Stàitean Aonaichte. Nuair a thill e dhan dùthaich bha a na rùnaire dhan cheann-suidhe Mariano Ospina Pérez. Bha e na mhinistear na Stàite fo Guillermo León Valencia agus na ionmhasair fo Carlos Lleras Restrepo. Chaidh a thaghadh ceann-suidhe na dùthcha ann an 1970. B' e Pastrana Borrero a dh' fhosgail an taigh-ghnìomhachais Renault ann an Envigado,[6] air sàilleabh gu robh prògram-leaschaidh malairt ann. Cuideachd dh'atharraich e siostam na slàinte, thug e piseach air còirichean nam banntraichean agus nan dìlleachdan, leasaich e na peinnseanan agus an còmhdhail.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Banrepcultural
  2. Presidencia de Colombia
  3. Geneología Colombiana
  4. Geni
  5. La Nación
  6. Renault