Girón

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Girón
Flag of Girón (Santander).svg Escudo de San Juan de Girón.png
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Colombia - Santander - Giron.svg
Sealladh air a' bhaile
Basilica Menor San Juan Bautista de Giron.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Colombia.svg Coloimbia
Roinn Flag of Santander (Colombia).svg Santander
Sgìre Soto
Àirde 777m
Teodhachd chuibheasach 28˚
Co-chomharran 07° 04' 15' Tuath
73° 10' 23' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 475 km²
Àireamh-shluaigh 135,791 (2005)
Dlùths 285.88/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

'S e baile meadhanach ann an Santander, Coloimbia,[1] a th' ann Girón. Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha aig 777m os cionn ìre na mara agus aig astar dhe 9km bho Bhucaramanga, prìomh-bhaile na roinne. ‘ S e baile le clìomaid teth a th' ann agus tha teodhachd meadhanach dhe 28˚ aige, rè na bliadhna. 'S e Girón an 34mh baile as motha na dùthcha.[2]Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1631.

Sluagh a' bhaile[deasaich | deasaich an tùs]

Tha 135,791 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach chan eil ach 17,850 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Girón, ach tha 0.6% dhe Rom agus 0.3% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 92.9% dhe na daoine ann an Girón leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 79% dhe na dachannan.[5]

Fèisean[deasaich | deasaich an tùs]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Girón. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[6] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Bailtean as motha na dùthcha
  3. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  4. Colombia Virtual
  5. Bileag fhiosrachaidh DANE
  6. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

An t-sìde ann an Girón