Jump to content

Na Stàitean Aonaichte

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Stàitean Aonaichte)
Na Stàitean Aonaichte
stàit neo-eisimeileach, constitutional republic, Democratic Republic, federal republic, superpower, dùthaich
Pàirt deAimearaga a Tuath Deasaich
Cur air cois12 dhen Chèitean 1784 Deasaich
Ainm sa chànan dùchaisUnited States of America Deasaich
Ainm oifigeilthe United States of America Deasaich
Ainm goiridUSA, U.S. Deasaich
Tar-sgrìobhadh IPAʉːɛˈsɑː, ˈmeɪɹ.ɹɪkə Deasaich
CinnidheachdAimeireaganaich gheala, Aimeireaganaich Afragach, Asian Americans, Tùsanaich nan Stàitean Aonaichte Deasaich
Ainmichte às dèidhNa h-Aimearagan Deasaich
Cànan oifigeilBeurla Deasaich
LaoidhThe Star-Spangled Banner Deasaich
Cultureculture of the United States Deasaich
MottoIn God We Trust Deasaich
MottoIn God We Trust Deasaich
Mòr-roinnAimearaga a Tuath Deasaich
DùthaichNa Stàitean Aonaichte Deasaich
Prìomh-bhaileWashington Deasaich
Faisg air an uisgeAn Cuan Artaigeach, Cuan Sèimh, Cuan Siar Deasaich
Domhan-leud is -fhad39°49′41″N 98°34′46″W Deasaich
Coordinates of geographic center44°58′2″N 103°46′18″W Deasaich
Coordinates of easternmost point44°48′55″N 66°57′0″W Deasaich
Coordinates of northernmost point71°22′48″N 156°28′48″W Deasaich
Coordinates of southernmost point24°32′39″N 81°48′18″W Deasaich
Coordinates of westernmost point52°55′16″N 172°26′13″E Deasaich
Puing as àirdeDenali Deasaich
Lowest pointBadwater Basin Deasaich
Basic form of governmentpresidential system, federal republic, Poblachd Deasaich
Oifis aig ceann-stàiteCinn-suidhe nan Stàitean Aonaichte Deasaich
Ceannard na stàiteJoe Biden Deasaich
Oifis aig ceann an riaghaltaisCinn-suidhe nan Stàitean Aonaichte Deasaich
Ceannard an riaghaltaisJoe Biden Deasaich
Has cabinetUnited States Cabinet Deasaich
Executive bodyFederal Government of the United States Deasaich
Legislative bodyUnited States Congress Deasaich
Highest judicial authoritySupreme Court of the United States Deasaich
Central bankFederal Reserve System Deasaich
CurrencyUnited States dollar Deasaich
Crìoch còmhla riMeagsago, Canada Deasaich
Teacsa stéidheachaidhUnited States Declaration of Independence Deasaich
Driving sideright Deasaich
Electrical plug typeNEMA 1-15, NEMA 5-15 Deasaich
Na bh’ann roimheConfederate States of America, Thirteen Colonies Deasaich
Language usedBeurla Deasaich
Present in workThe City on the Edge of Forever Deasaich
Cuspair eòlaisAmerican studies Deasaich
Làrach-lìnhttps://www.usa.gov/ Deasaich
Official blog URLhttps://blog.usa.gov/ Deasaich
External data available at URLhttps://www.data.gov/ Deasaich
Privacy policy URLhttps://www.usa.gov/privacy-security Deasaich
Hashtagusa, America, USA, EstadosUnidos, america Deasaich
Top-level Internet domain.us Deasaich
Main regulatory textUnited States Constitution Deasaich
Bratachflag of the United States of America Deasaich
Gearradh-armGreat Seal of the United States of America Deasaich
Has seal, badge, or sigilGreat Seal of the United States of America Deasaich
Official symbolBald Eagle Deasaich
Geography of topicgeography of the United States Deasaich
Feartfree country Deasaich
History of topichistory of the United States Deasaich
Railway traffic sideright Deasaich
Open data portaldata.gov Deasaich
Economy of topiceconomy of the United States Deasaich
Demographics of topicdemographics of the United States Deasaich
Contains the statistical territorial entityUnited States Minor Outlying Islands Deasaich
Gregorian calendar start date15 dhen Dàmhair 1582, 20 dhen Dùbhlachd 1582, 14 dhen t-Sultain 1752, 18 dhen Dàmhair 1867 Deasaich
WordLift URLhttp://data.thenextweb.com/tnw/entity/united_states_of_america Deasaich
Mobile country code310, 311, 312, 313, 316 Deasaich
Country calling code+1 Deasaich
Emergency phone number911 Deasaich
GS1 country code000-139 Deasaich
Licence plate codeUSA Deasaich
Maritime identification digits338, 366, 367, 368, 369 Deasaich
NCI Thesaurus IDC17234 Deasaich
Stack Exchange taghttps://travel.stackexchange.com/tags/usa, https://matheducators.stackexchange.com/tags/usa Deasaich
Caractar Unicode🇺🇸 Deasaich
Category for honorary citizens of entityCategory:Honorary citizens of the United States Deasaich
Category for mapsCategory:Maps of the United States Deasaich
Map

'S e dùthaich ann an Aimearaga a Tuath a tha anns na Stàitean Aonaichte[1] neo ainm oifigeil: na Stàitean Aonaichte Aimeireaga (SAA)[2] (Beurla: "United States of America" no USA). Tha i na Poblachd cùmhnantach. Tha crìochan aice sa tuath le Canada agus sa deas le Meagsago. Tha 48 de na stàitean suidhichte eadar an Cuan Siar agus an Cuan Sèimh. Tha Alasca ann an iar-thuath na dùthcha le Canada san àirde an ear agus leis an Ruis san àirde an iar dhith. Tha Hawaii suidhichte anns a’ Chuan Shèimh.

Chaidh na Stàitean a stèidheachadh an ceathramh latha dhen t-Iuchar, 1776, nuair a thòisich ar-a-mach anns a' chiad 13 colonaidhean imrich aig Breatainn Mhòr ann an Ameireaga an aghaidh na Rìoghachd Aonaichte. B' e an "Ar-a-mach Ameireaganach" an t-ainm air an strì seo agus sheas i seachd bliadhna gu Còrdadh Pharas ann an 1783 nuair a dh'aithnich Breatainn Mhòr gun robh na Stàitean Aonaichte neo-eisimeileach. Ann an 1787, shoidhnig riochdairean às a h-uile tìrean bun-reachd ùr. Tha e na bun-reachd nan Stàitean fhathast san latha an diugh.

Bha cogadh eile an aghaidh Breatann ann an 1812. Bha na Stàitean Aonaichte neodrach anns a' chogaidhean Napoleonach is dh'iom-chuairtich na Breatannaich puirt anns an Fhraing. Cuideachd dh'fhuadaich an Rìoghachd Aonaichte maraichean Ameireaganach airson a' Chabhlachd Rìoghail. Thoisich an cogadh 18 Ògmhios 1812 is lunn na Stàitean Aonaichte air na ranntairean a chaidh na Chanada. Shoidhnig an Cùmhnant Ghent ann an 1815 is bha an t-suidheachadh mar a bha e ron chogadh a-mach air na tùsanaich. Shabaid cuid de na tùsanaich còmhla ri na Breatannaich is gheall na Breatannaich fearann agus neo-eisimeileachd. Cha do chum iad an gealladh seo is cha do sholair na Breatannaich armachd do na tùsanaich.[3]

Bhon àm ud tha an dùthaich a' fàs agus sgaoileadh tarsainn air Ameireaga a Tuath gu ìre far a bheil i a-nis cho mòr is nach eil ach dà dhùthaich anns an t-saoghal nas motha: an Ruis agus Canada.

Anns an 19mh linn bha guano cudromach mar thodhar is thuirt Achd Eileanan Ghuano gum b' urrainn do na Stàitean Aonaichte eileanan a ghlacadh airson guano fhaighinn.[4]

Nuair a thàinig daoine geala siar, do fearann na gnàth-mhuinntir Aimeireagach, bha cogaidhean leotha ann an 18 is 19 linn, mar eisimpleir Cogadh Nimíipuu. Dh'èignich an ùghdarras na gnàth-mhuinntire do tèarmannan tùsanach às dèidh seo. Thairis air ùine, fhuair a' ghnàth-mhuinntir coirean a-rithist: saoranachd ann an 1924,[5] flaitheas ann an 1934, agus saorsainnean chatharra gu lèir ann an 1968.[6]

Bha an dùthaich gu mòr an sàs gnothach tràilleachd thar a' Chuain Shiar eadar an 16mh Linn agus an 19mh Linn, gus an do rinn Abraham Lincoln foirgheall saorsa nan tràill am measg a' Chogaidh Chathara Ameireaganaich.[7] Chaidh na daoine dubha a' bhòt agus na saorsainnean chatharra eile a cheadachadh ann an 1870 gu oifigeil, ach cha cho-èignicheadh gus an Iomairt Shaorsainn Chatharra anns na 1950an. Bha leas-breith ann an taigheadas, foghlam, agus obair.

Ann an 1920, fhuair na boireannaich a' bhòt, às dèidh iomairt nan Silent Sentinels. Thog boireannaich fianais a-muigh an taigh cinn-shuidhe (Beurla: White House) corr math 's aon is leth-bhliadhna. Chuir an ùghdarras mòran dhuibh ann an làimh, agus ghiùlain iad droch-ghrèidheadh ann am prìosan, mar eisimpleir biadhadh ri èignicheadh.[8]

Bha nan Stàitean an sàs a' Chogaidh Mhòir agus an Dàrna Chogaidh, airson na Caidreachais an dà àm. Às dèidh an Dàrna Chogaidh, bha iad cudromach anns an stèidheachadh nan Dùthchannan Aonaichte. Aig an aon àm, bha iad an sàs a' Chogaidh Fhuair an aghaidh na h-Aonachd Sobhiatach, anns an Cogadh Bhiet-Nam gu sònraichte. Bha cogaidhean-ionaid eile ann an Aimeireaga a Deas, Meadhan-Ameireaga is dùthchannan eile.[9]

Poileataigs

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha dà phàrtaidh phoileataigeach a-nis, am Pàrtaidh Deamocratach is am Pàrtaidh Poblachdach. Bha Franklin D. Roosevelt, John F. Kennedy, agus Barack Obama nan cinn-shuidhe as ainmeil nan Deamocratach, agus bha Abraham Lincoln, Dwight D. Eisenhower, agus Ronald Reagan nan cinn-shuidhe as ainmeil nam Poblachdach. Bha taghadh ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte ann air 4mh an t-Sultain 2016, a chaidh a bhuannachadh le Donald Trump, dhan Pàrtaidh Poblachdach. Chaill e taghadh a' chinn-suidhe ann an 2020 is ann an 2021 thug e misneachd do luchd-taic a thug ionnsaigh air togalach a' Chapitol, far a bheil Pàrlamaid nan Stàitean Aonaichte is i a' dearbhadh gum bi Joe Biden an t-ath-cheann-suidhe. Chaochail ceathrar anns an fhòirneart[10] agus aonar eile an dèidh sin.[11]

Chan eil na daoine a' taghadh an cinn-shuidhe ach Colaiste an Taghaidh. Ann an 2000 agus 2016 bhòt barrachd dhaoine airson Gore agus Clinton, a chaill na taghaidhean, na Bush agus Trump, a bhuannaich.[12][13] Mar as àbhaist tha buaidh aig seachd stàitean air an toradh.[14]

Bailtean as motha

[deasaich | deasaich an tùs]

Seo liosta na bailtean as motha na dùthcha:[15]

Na Stàitean

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha an USGS a' roinn ranntairean a tha fo uachdranas nan Stàitean Aonaichte ann an: stàitean agus sgìre Cholumbia, co-fhlaitheasan, ranntairean agus ionadan measgaichte eileanach no iomallach.[16]

Stàitean agus Sgìre Cholumbia

[deasaich | deasaich an tùs]

Co-fhlaitheasan

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Puerto Rico
  • Co-fhlaitheas nan Eilean Mairianach a Tuath

Ranntairean

[deasaich | deasaich an tùs]

Stàitean co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha iad neo-eisimeileach ach tha na Stàitean Aonaichte gan dìon:[16]

  • Stàitean Feadarail nam Meanbh-eileanan
  • Poblachd nan Eilean Mharshall
  • Poblachd Phalabh

Na Lochan Móra

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
  2. Na Stàitean Aonaichte Aimearaga (SSA)”. Am Faclair Beag. Air a thogail 1d dhen Ghearran 2023.
  3. A Brief Overview of the War of 1812”. American Battlefield Trust. Air a thogail 4mh dhen t-Samhain 2021.
  4. Guano Islands Act”. Norie Atlas. Taigh-tasgaidh Smithsonian. Air a thogail 21mh dhen Mhàrt 2023.
  5. McCool, Daniel, Susan M. Olson, agus Jennifer L. Robinson. Native Vote. Cambridge, Sasainn: Cambridge University Press, 2007. td. 1
  6. Robert J. McCarthy, Civil Rights in Tribal Courts; The Indian Bill of Rights at 30 Years, 34 IDAHO LAW REVIEW 465 (1998).
  7. The Emancipation Proclamation”. United States National Archives. Air a thogail 24mh dhen Chèitean 2020.
  8. Alice Paul’s “Silent Sentinel” Pin”. National Museum of American History. Air a thogail 12mh dhen Chèitean 2020.
  9. In Today’s Headlines, Echoes of Central America’s Proxy Wars of the 1980s”, New York Times. 27mh dhen Ghearran 2019. Air a thogail 24mh dhen Chèitean 2020. 
  10. Naidheachdan 11:00m”. 7mh dhen Fhaoilleach 2020. Air a thogail 8mh dhen Fhaoilleach 2020. 
  11. Evelyn, Kenya: “Capitol attack: the five people who died”, The Guardian. 8mh dhen Fhaoilleach 2021. Air a thogail 13mh dhen Fhaoilleach 2020. 
  12. MacIllFhinnein, Ruaraidh Alastair: “Harris, Trump agus Colaiste an Taghaidh”, Naidheachdan a' BhBC. 4mh dhen t-Samhain 2024. Air a thogail 4mh dhen t-Samhain 2024. 
  13. MacIllFhinnein, Ruaraidh Alastair: “Colaiste an Taghaidh”, Naidheachdan a' BhBC. 4mh dhen t-Samhain 2024. Air a thogail 4mh dhen t-Samhain 2024. 
  14. "Gu ìre mhòir chan eil an rèis ach ann an seachd stàitean"”, Naidheachdan a' BhBC. 1d dhen t-Samhain 2024. Air a thogail 4mh dhen t-Samhain 2024. 
  15. Frey, William H. (28mh dhen Dàmhair 2021): “2020 Census: Big cities grew and became more diverse, especially among their youth”. Brookings Institute. Air a thogail 8mh dhen Ghearran 2023.
  16. 16.0 16.1 How are U.S. states, territories, and commonwealths designated in the Geographic Names Information System?”. United States Geological Survey. Air a thogail 21mh dhen Mhàrt 2023.
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: