Cogadh 1812

O Uicipeid
Cogadh 1812

Deasail bhon a' bhàrr: prìomh-bhaile nan stàitean aonaichte às dèidh Losgadh Washington; Isaac Brock (a bha air a ghortachadh gu bàs) a' brosnachadh nan saighdearan saor-thoileach aig Blàr Queenston Heights; USS Constitution an aghaidh HMS Guerriere; Chuir bàs Tecumseh ann an 1813 crìoch air a' chunnart anns an robh am Meadhan-Iar Ameireaganach bho na tùsanaich aig an àm; Andrew Jackson a' gabhail na buaidhe aig Blàr New Orleans.
Ceann-latha 18mh An t-Ògmhios, 1812 – 18mh An Gearran, 1815
Àite Ear agus meadhan Ameireaga a Tuath
Buil Status quo ante bellum
Atharrachadh chrìochan Cha do dh'atharraich crìochan sam bith
Luchd-cogaidh
Na Stàitean Aonaichte agus tùsanaich:
  • Choctaw
  • Cherokee
  • Creek
An Impire Bhreatannach

agus tùsanaich:

  • Shawnee
  • Creek Red Sticks
  • Ojibway
  • Chickamauga
  • Fox
  • Iroquois
  • Miami
  • Mingo
  • Ottawa
  • Kickapoo
  • Delaware
  • Mascouten
  • Potawatomi
  • Sauk
  • Wyandot
Cinn-fheachda
James Madison Lord Liverpool
Neart
Na Stàitean Aonaichte
  • 7 000 aig toiseach a' chogaidh
  • 35 800 aig deireadh a' chogaidh
  • 20 soithichean

125 tùsanaich co-dhiù

An Impire Bhreatannach
  • 5 200 aig toiseach a' chogaidh
  • 48 160 aig deireadh a' chogaidh
  • 106 soithichean

10 000 tùsanaich

na chaidh a leòn 's na chaidh a chall
2 260 a bha air am marbhadh anns an strì

4 505 a bha air an gortachadh

15 000 a bha air am marbhadh uile gu lèir

1 600 a bha air am marbhadh anns an strì

3 679 a bha air an gortachadh

3 321 a chaochail air sgàth galair

Mhair Cogadh 1812 dà bhliadhna gu leth, thachair e ann an Aimearaga a Tuath, agus bha na Stàitean Aonaichte agus an Impireachd Bhreatainneach an sàs ann. Dh'fhuasgail an cogadh tòrr thrioblaidean a dh'èirich, ach nach deach a cheartachadh, leis an Aramach Ameireaganach bliadhnaichean roimhe. Ged a thachair seo, cha do dh'atharraich crìochan sam bith idir, aig a' cheann thall. Ghairm Ameireaga cogadh an aghaidh nam Breatannach ann an 1812 airson mòran adhbharan; mar eisimpleirean bacadh eaconomach a chuireadh ann le Breatann is i a' cogadh ris na Frangaich cuideachd aig an àm. A bharrachd, chuireadh Breatainn maraichean Ameireaganach an grèim agus an uair sin thugadh iad orra obrachadh airson a' Chabhlaich Rìoghail, agus bhrosnaicheadh iad na tùsanaich an aghaidh nan Ameireaganach agus an dòchais aca gum biodh iad a' meudachadh. Bha na h-Ameireaganaich ag iarraidh ri smachd a ghabhail anns na tìrean-imrich aig Breatann ann an Aimearaga a Tuath cuideachd.