Jump to content

An Cogadh Mòr

O Uicipeid

Thachair An Cogadh Mòr no "Cogadh a' Cheusair" eadar 1914 agus 1918. B' e sin an cogadh a bu sgriosaile a chaidh fhaicinn gu ruige sin, le barrachd bàs agus milleadh na thachair ann an cogadh sam bith a bh' ann roimhe. Fichead 'sa h-aon bliadhna às a dhèidh, thòisich Dara Cogadh an t-Saoghail agus tha ceangal mòr ann eadar na dhà.

B' e sin a' chiad chogadh anns an robh tancaichean agus itealain an sàs. Chaidh bàtaichean-aigil a chleachdadh gu mòr, gu h-àraidh leis a' Ghearmailt.

Structar nam Feachdan

[deasaich | deasaich an tùs]

Anns na bliadhnaichean ro 'n chiad chogadh, bha airm mhòra aig cuid mhòr de na dùthchannan mòra na Roinn Eòrpa ged a' bha iad aig sìth. A bharrachd air a sin, anns a' chuid a bu mhotha de na dùthchannan mòra, bha cuid a bu mhotha de dhaoine aig aois chogaidh anns na feachdan cùl-chuideachd. Bha sin a' ciallachadh gun rachadh na daoine aig an robh dreuchd sìobhalta gairm gu cogadh nan robh feum aig an dùthaich orra.

Na bu mhiosa na sin, bha na planaichean-cruinneachaidh nam feachdan stèidhte gu mòr air na clàran-ama nan trèanaichean. Ann an seòrsa de dhealbh-cluich mòr, bha fios aig gach duine cuin a b' fheudar dha dhol ga uidheamachadh dhan ghearasdan ionadail agus an uair sin cuin a b' fheudar dhan gach aonad a dhol dhan stèisean trèine airson a dhol gu na crìochan. Bha e an ìre mhath do-dhèanta stad a chuir air cruinneachadh nam feachdan uair a chaidh e tòiseachadh gun na feachdan a chuir troimhe chèile, rud a bheireadh làmh an uachdar dhan nàmhaid. Agus bha làimh-an-uachdar aig an dùthaich a bha an toiseach air an fheadhainn eile ann a bhith a' cruinneachadh a feachdan. Leis a sin, bho a chaidh gairm gu armachd a-mach, 's e sliabh cas gu cogadh a bh' ann dhaibh.

Caidreachais

[deasaich | deasaich an tùs]

Thar nam bliadhnaichean ro 'n chogadh, chaidh iomadh caidreachais 's cùmhnantan stèidheachadh eadar mòran dùthchannan na Roinn Eòrpa. Mar eisimpleir, bha Caidreachas nan Cumhachdan Meadhanach ann leis a' Ghearmailt, an Eadailt agus an Ostair-Ungaire a bha nam ball ann. Bha cùmhnant-dìon eadar an Ruis agus an t-Sèirb an aghaidh Ostair-Ungaire. A bharrachd air a sin, bha caidreachas eadar an Ruis, an Rìoghachd Aonaichte agus an Fhraing an aghaidh na Gearmailt.

Plànaichean Chogaidh

[deasaich | deasaich an tùs]

Stèidhich cuid mhòr de na dùthchannan mòra planaichean chogaidh. Mar eisimpleir, anns a' Ghearmailt, fo a' phlana Schlieffen, bha rùn aca bhuannachadh anns an Fhrainge an toiseach agus an uair sin an Ruis. Agus bha an Fhraing, fo phlana XVII, ag amas air a' ghleann Ruhr far an robh cuid mhòr de na factaraidhean na Gearmailt. Anns an Ruis, bha iad ag amas an aghaidh na Gearmailte agus na h-Ostaire 's na h-Ungaire aig an aon àm.

Bha na planaichean a' crochadh gu mòr air an t-siostaim rèile anns gach dùthaich. 'S seòrsa de dhealbh-cluich mòr 's na trèanaichean anns gach dùthaich a' feuchainn na milleanan de saighdearan a thoirt do na crìochan. Agus bhiodh làmh-an-uachdair a dhèanadh a' chùis an toiseach agus ann an deagh òrdugh.

Sradag thoisich - Murt Àrd-Diùc Ferdinand

[deasaich | deasaich an tùs]
Àrd-Diùc Franz Ferdinand d´Este, a bhean agus an clann

'S e sradag a thòisich an cogadh am murt Àrd-Diùc Ferdinand na h-Ostaire 's na h-Ungaire le fear Gavrilo Princip, air an 28mh Ògmhios, 1914 ann an Sarajevo. Chuir am murt seo fearg air Ostair-Ungaire an aghaidh an t-Sèirb oir bha iad cinnteach gu robh an t-Sèirb air cùl a' mhuirt. Mar sin ghairm Ostair-Ungaire cogadh an aghaidh na Sèirbe air an 28mh Iuchair, 1914. Leis gu robh caidreachas-dìon eadar an Ruis agus an t-Sèirb, tòisich an Ruis a feachdan a chruinneachadh 's a chuir air cois-chogaidh airson taic a thoirt dhan t-Sèirb. Leis gun do gheall a' Ghearmailt taic dhan Ostair-Ungaire 's gu robh ann na rinn an Ruis dhaibh co-dhiù, ghairm a' Ghearmailt cogaidh an aghaidh na Ruis air 1ad an Lùnasdal agus air an Fhraing 3as an Lùnasdal.

Cathan toisich

[deasaich | deasaich an tùs]

A' Ghearmailt agus an Fhraing agus an Ruis

[deasaich | deasaich an tùs]

Thòisich a' Ghearmailt le bhith a' toirt ionnsaigh air an Fraing tro a' Bheilg le a' chuid a bu mhotha de na feachdan aca, a' fàgail feachdan aotrom anns a' cheann an ear ri dhìon an aghaidh na Ruise cho math sa b' urrainn dhaibh. 'S an amas a bh' aca chuir ruaig air an Fhraing mus biodh cothrom aig an Ruis na feachdan acasan a chruinneachadh air na crìochan eadar a' Ghearmailt agus an Ruis. B' e am plana stèidhte air a' bharail gu robh an t-siostam rèile aig an Ruis gu math slaodach agus leis cho farsaing sa bha an Ruis, b' fheudar dhan Ruis ùine mhòr ri na feachdan aca a chruinneachadh.

An aghaidh na Frainge, 's e am plana aig a' Ghearmailt cuideam a chuir air a' làimh dheis aca, a' ciallachadh gum biodh a' chuid a bu mhotha de na feachdan anns a' cheann an iar an aghaidh na Frainge a' toirt ionnsaigh tro a' Bheilg agus nach biodh ach feachdan aotrom air a' chrìoch eadar an Fhraing 's a' Ghearmailt fhèin. B' e sin rùn a' phlana Schlieffen. Ach mar a thachair, cha do chuir na Gearmailtich cuideam gu leòr air a' làimh dheis air a' plana, 's cha do dh' amas iad air cùil Pharas mar a bha Schlieffen an dùil. Thachair sreath de chathan eadar na feachdan na Beilge, na Frainge agus an Rìoghachd Aonaichte a chuir stad air an dol-air-adhart nan Gearmailteach.

Aig an dearbh àm, thug an Ruis ionnsaigh an aghaidh na Gearmailt anns a' cheann an ear agus b' fheudar dhan Ghearmailt a dìon as aonais na feachdan anns an Fhraing leis gu robh fhathast glacte ann an sin. Uill, mar a thachair, bhuannaich na Gearmailtich buaidh mhòr os cionn nan Ruiseach le na feachdan a bh' aca co-dhiù agus chuir na Gearmailtich stad air an dol-air-adhart nan Ruiseach ann a' bhatail ris an canar .

Rang-eòlas

[deasaich | deasaich an tùs]
55mh Earrann Bhreatannach, 10 An Giblean 1918: na saighdearan air am milleadh le gas puinnseanta

Dh'atharraich rang-eòlas gu mòr thar na bliadhnaichean a' chogaidh mhòir. Aig toiseach a' chogaidh, bha an armachd air fàs marbhtach gu ìre nach do thuig idir na seanalairean. Mar eisimpleir bha na [machine guns] ann a bha comasach iomadh peilearan a losgadh ann an sreath a chèile. Bha na gunnaichean mòra air fàs na bu chumhachdaiche 's na b' astaraiche. Ach a dh'aindheoin sin, bha rang-eòlas an ìre mhath mar a bha e aig àm nan cogaidhean Napoleon. Mar bu thrice, dhèanadh saighdearan caismeachd sìos an rathaid nam buidhnean mòra 's iad fhathast corra cilemeatairean bho lìnean nan nàimhdean ach mharbhadh na gunnaichean mòra na mìltean aca co-dhiù. Chaill mòran am beatha mus do thuig iad gum b' fheudar dhaibh sgapadh fiù 's nuair bha iad fhathast astar mòr bhon nàmhaid.

Air a' bhlàr fhèin an toiseach rachadh na saighdearan an sàs an nàmhaid nan sreathan fada 's aig amannan fiù 's a' seinn gun a bhith a' toirt cus for do na machine guns. Ach ged a bha na seanalairean fhathast aineolach, dh'ionnsaich na saighdearan fhèin gum b' èiginn dhaibh trainnsichean doimhne a chladhadh agus uèirean biorach a sgapadh air am beulaibh.

Mar sin, gu h-àraid sa cheann an iar, san Fhraing, cha b' fhada mus do stad na loidhnichean chogaidh a ghluasad 's thoisich na saighdearan a chladhadh tuill eu-domhainn 's an uair sin trainnseachan domhainn dhaibh-fèin gus an dìon o na [machine guns] 's na gunnaichean mòra. Chuir iad suas uèir bhiorach eadar an dà loinne.

Air sgàth sin, bha làmh-an-uachdair gu mòr ri taobh an fheadhainn a bha a' dìon. Bha na blàran uabhasach fhèin fuilteach. 'S iomadh bhlàr far an do chaidh ceudan mìltean saighdearan am marbhadh ach bu ghann a ghluasad na loidhnichean idir co-dhiù.

Air sgàth sin, dh'atharraich rang-eòlas gu mòr, feuch am faigh iad tro na trainnseichean. Chleachd iad gasaichean puinnseanta. Thionnsgain iad tancaichean agus an rang-eòlas an chleachdadh.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]