Soacha

O Uicipeid
Soacha
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Cundinamarca
Sgìre Soacha
Àirde 2564m
Co-chomharran 04' 34' 41' Tuath
74° 12' 52' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 184.45 km²
Àireamh-shluaigh 511,262 (2005)
Dlùths 2,771.82/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

'S e baile mòr ann an Cundinamarca,[1] Coloimbia,[2] a th' ann Soacha. Tha e suidhichte dìreach ann am meadhan na dùthcha aig 400m os cionn ìre na mara agus 102km air falbh bho Bhogotá agus 30km bhon Abhainn Mhagdalena. 'S e baile le gnàth-shìde gu math teth a th' ann an Tocaima, agus tha teodhachd mheadhanach dhe 28˚ aige. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1544.

Sluagh a' bhaile[deasaich | deasaich an tùs]

Tha 17,196 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach chan eil ach 7,220 a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Soacha, ach tha 0.02% dhe Tùsanaich agus 0.03% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 82.9% dhe na daoine ann an Tocaima leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig 31.9% dhe na dachannan.[5]

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Bha am baile na phàirt Co-chaidreachais nam Muisca agusa b' e an Zipa a bha na rìgh an seo o chionn fhada. Chaidh Soacha a stèidheachadh ann an 1600 ann an àite far an robh baile Tùsanach ann mar-thà. Phòs Francisco de Paula Santander, curaidh cogadh na Neo-eisimeileachd, aig té à Soacha ann an 1800. Chaidh loighne rèile a thogail tron bhaile ann an 1898. Chaidh am neach-poileataigs airson Pàrtaidh Libearalach Choloimbia Luis Carlos Galán a mharbhadh ann an Soacha ann an 1989. Loisg na daoine aig Pablo Escobar air,[6] nuair a bha e ann an coinneamh aig àm iomairt-taghaidh. B' e nàmhaideas a bha aig cnap na cùise: bha Galán ag iarraidh bacadh a chur air luchd-reic dhrogaichean agus lagh a chur an gnìomh airson gan cur thall thairis far an robh casaidean laghail an aghaidh mòran dhuibh.[7]

Freumhan an ainm[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann à dà fhacal ann am Muisca, ann cànan a bha ga bruidhinn san sgìre mus do ràinig na Spàinntich a tha Soacha: Sua (Grian) agus Cha (Fireann). Bheireadh Fear na Grèine sin dhuinn sa Ghàidhlig.

Fèisean[deasaich | deasaich an tùs]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Soacha. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[8] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir 's a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

An t-sìde ann an Soacha

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Mapa na Roinne
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  4. Colombia Virtual
  5. Bileag fhiosrachaidh DANE
  6. Semana
  7. BBC
  8. Country Studies: Colombia