Prìosan

O Uicipeid
Prìosan ann an Alba

'S e togalach neo àite eile far a bhios daoine air an cumail ann an gainntireachd gun shaorsa o chionn 's gu bheil iad air an lagh a bhriseadh neo, ann an cuid a dhùthchannan, air adhbharan poileataigeach a th' ann am prìosan neo gainntir. 'S ann às an fhacal Fraingis prison a tha am facal againne.

Feartan Prìosain[deasaich | deasaich an tùs]

Bidh suidheachadh nam prìosan gu math eadar-dhealaichte bho dhùthaich gu dùthaich, ach seo na feartan nas àbhaistiche a leanas:

  • Daoine cunnartach a chumail air falbh bho chàch.
  • Bac a chur air eucoir.
  • Ath-ionnsachadh a thoirt do eucoirich.
  • Suidheachadh poileataigeach a chumail fo smachd an Riaghaltais.
  • Daoine a chur fo chùram nam Poileas.

Stadastaireachd Eadar-nàiseanta[deasaich | deasaich an tùs]

Àireamhan daoine sa phrìosan airson gach 100,000 sa dhùthaich, 2012

A rèir nam figearan, bha mu 9,5 muillean duine nam Prìosanach air feadh na cruinne ann an 2006.[1] Aig an ìre seo, 's e na Stàitean Aonaichte far a bheil an àireamh as àirde de dhaoine ann an gainntearachd, còrr is 2.19 muillean duine.[2] Ged nach eil ach beagan nas motha na 5% de na daoine san t-saoghal a' fuireach an siud, 's e 0.75% gu 1% dhuibh a tha sa phrìosan.[3] Ann an 2002 bha còrr is muillean duine sna prìosanan anns an Ruis agus Sìona.[4] Thuit na figearan airson na Ruise ann ceann ceithir bliadhna agus bha 869,814 ann an gainntearachd an siud ann an 2006, air neo 611 airson gach 100,000 san dùthaich.[5] Chaidh na figearan seo suas a-rithist ann an 2008 gu 891,738 duine, neo 629 airson gach 100,000 duine san Ruis.[6] Thuit iad a-rithist ann an 2010 gu 862,300 duine, neo 607 prìosanaich airson gach 100,000 duine.[7]

Prìosanaich airson gach 100,000 duine (An Dàmhair 2006)[8]
Stàitean
Aonaichte
An
Ruis
Seallann
Nuadh
Breatainn Tìrean
Ìsle
Astràilia Canada A'
Ghearmailt
An
Tuirc
An
Fhraing
An
t-Suain
An
Seapan
Na h-
Innseachan
756 611 186 148 128 126 107 95 91 85 82 62 22

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. World Prison Population
  2. Bureau of Justice
  3. in100: Behind Bars in AmericaTeamplaid:Fix/category[dead link]
  4. Neue Zürcher Zeitung
  5. World Prison Population
  6. World Prison Population List
  7. ФСИН России
  8. World Prison Population