Rionegro
Rionegro
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Antioquia | ||||
Sgìre | Oriente | ||||
Àirde | 2130m | ||||
Co-chomharran | 06° 09' 19' Tuath 75° 23' 20' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 198 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 100,502 (2005) | ||||
Dlùths | 507.59/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile |
‘S e baile meadhanach ann an Antioquia,[1] Coloimbia,[2] a th’ann Rionegro neo Santiago de Arma de Rionegro. Tha e suidhichte aig 2,130m os cionn ìre na mara 45km air falbh bho Mhedellín, prìomh-bhaile na roinne 'S e baile le gnàth-shìde caran fuar a th’ ann agus tha teodhachd meadhanach dhe 17˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1541.
Freumhan an ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Mar a b'àbhaist ann an Aimearaga, chruthachadh na Spàinntich ainmean-àite le freumhan anns na creideamhan aca neo mar chuimhne air àiteachan agus daoine ainmeil thall anns an Spàinn: m.e. Sante Fe de Bogotá, San Bonifacio de Ibagué agus Santiago de Cali. Mar sin, fhuair am baile an t-ainm San Nicolas (Naomh Niocal) o thùs. Chaidh sin a dh'atharrachadh gu Santiago de Arma de Rionegro ann an 1783 nuair a ràinig daoine às a' bhaile siud dhan àite far a bheil Rionegro an latha an-diugh.[3] Tha Santiago (Naomh Sheumais) anns an Spàinn.[4] Tha an t-ainm Rionegro a' ciallachadh Abhainn Dhubh, bho dhà fhacal ann an Spàinntis: negro (dubh) bhon fhacal Laideann niger[5] agus río (abhainn) bon fhacal Laideann rius.[6] Tha am baile suidhichte anns an sgìre far a sruthas uisgeachan na h-aibhne Río Negro.[7]
Sluagh a' bhaile
[deasaich | deasaich an tùs]Tha 100,502 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach chan eil ach 35,850 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[8] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[9] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Rionegro, ach tha 1.1% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 94.7% dhe na daoine ann an Rionegro leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig 87.1% dhe na dachannan.[10]
Fèisean
[deasaich | deasaich an tùs]Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Rionegro. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[11] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
- Fèis Neo-eisimeileachd na roinne: 11mh an Lùnasdal.
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]Ricardo Rendón (1894 – 1931): Dealbhadair.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Mapa oifigeil na roinne[dead link]
- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Fiosrachadh a' Chomhairle
- ↑ Santiago de la Compostela
- ↑ Real Diccionario de la Lengua
- ↑ Real Diccionario de la Lengua
- ↑ Fiosrachadh a’ Chomhairle
- ↑ Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
- ↑ Colombia Virtual
- ↑ Bileag fhiosrachaidh DANE
- ↑ Country Studies: Colombia