Jump to content

Barbacoas (Nariño)

O Uicipeid
Barbacoas
municipality of Colombia
Cur air cois1600 Deasaich
DùthaichColoimbia Deasaich
Sgìre riaghaltais ionadailNariño Deasaich
Faisg air an uisgeTelembí River Deasaich
Domhan-leud is -fhad1°40′18″N 78°8′16″W Deasaich
Làrach-lìnhttp://www.barbacoas-narino.gov.co/index.shtml Deasaich
Map

'S e baile beag ann an Nariño, Coloimbia,[1] a th’ann am Barbacoas. Tha e suidhichte aig 36m os cionn ìre na mara agus 236km air falbh bho Phasto, prìomh-bhaile na roinne. 'S e baile le gnàth-shìde theth a th' ann agus tha teodhachd mheadhanach dhe 26˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1600.

Freumhan an Ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann às na Barbacoas, tuath Tùsanach a bha nan tàmh anns an sgìre seo o shin,a thàinig ainm a' bhaile.[2]

Sluagh a' bhaile

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha 30,270 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach tha a’ mhòr-chuid dhuibh, 18,668 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poileataigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Ach ‘ s e baile agus sgìre traidiseanta dùthchasail a th’ann Barbacoas fhathast.

Taobh chinnidh, 's e daoine Afro-Coloimbianach a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Barbacoas: 15.1% dhe Tùsanaich, 6.7% dhe daoine geala/mestizos agus 78.3% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 61% dhe na daoine ann an Barbacoas leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig 10% dhe na dachannan.[5]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am Barbacoas. Chithear fèilltean Caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ann fhathast,[6] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Fiosrachadh a' Chomhairle[dead link]
  3. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  4. Colombia Virtual
  5. Bileag fhiosrachaidh DANE
  6. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]