Jump to content

Virgilio Barco Vargas

O Uicipeid
Virgilio Barco Vargas
ambassador of Colombia to the United States (en) Translate


Minister of Finance and Public Credit (en) Translate

7 dhen Lùnastal 1962 - 5 dhen t-Sultain 1962
6. Mèar Bogotá

1966 - 1969
27. Ceann-suidhe Choloimbia

7 dhen Lùnastal 1986 - 7 dhen Lùnastal 1990
Belisario Betancur Cuartas - César Gaviria Trujillo
Beatha
Breith Cúcuta, 17 dhen t-Sultain 1921
Dùthaich  Coloimbia
Bàs Bogotá, 20 dhen Chèitean 1997
Àite-adhlacaidh Central Cemetery of Bogotá (en) Translate
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (Aillse)
Teaghlach
Cèile Carolina Isakson Proctor (en) Translate
Clann
Foghlam
Foghlam Oilthigh Nàiseanta Colombia
Massachusetts Institute of Technology
Oilthigh Bhoston
School Sacred Heart of Jesus (en) Translate
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd einnseanair-thogalach, dioplomat, einnseanair agus neach-poileataigs
Duaisean a fhuaras
Creideamh
Creideamh Caitligeachd
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Libearalach Choloimbia
virgiliobarco.com

B' e eaconomaiche, Innleadair, neach-poileataigs agus riochdaire dioplòmasach à Coloimbia a bh’ ann am Virgilio Barco Vargas, Cúcuta, 17 an t-Sultain 1921 - Bogotá, 20 an Cèitean 1997).[1] Bha e na cheann-suidhe na dùthcha eadar 1986 gu ruige 1990. Phòs e aig Mary Caroline Isakson à York (Pennsylvania) ann an 1950 agus rug i ceathrar duine-cloinne dha.[2] 'S e boireannach uabhasach beairteach a bhuineadh do theaghlach bho thall thairis a bh’ innte: bha athair an lùib gnothach a' pheatrail airson companaidh mhòr às Na Stàitean Aonaichte. Chaidh Barco Vargas dhan Oilthigh Nàiseanta Colombia anns a' chiad dol a-mach agus an ceann bliadhaichean chaidh e do MIT agus Oilthigh Boston.

B' e ball a’ Phàrtaidh Libearalaich Choloimbia a bh’ ann am Barco Vargas agus bha e an lùib poileataigs aig àrd ìre fad a bheatha. Thoisich e mar chomhairliche ann an Durania ann an 1943, nuair a bha e dìreach 22 bliadhna a dh'aois agus ann an Cúcuta fhèin ann an 1947. Chaidh a thaghadh na bhall-pàrlamaid ann an 1949 ach b' fheudar dha an dùthaich fhàgail ann an 1950 o chionn ’s cho cunnartach 's a bha an suidheachadh aig àm cogadh sìobhalta eadar an dà phàrtaidh mhòr. 'S ann thall thairis a chuir e crìoch air a chuid fhoghlaim. Dh' ionnsaich e fo dhithis ollamh a gheibheadh an Duais Nobel an ceann bliadhnaichean: Robert Solow agus Paul Samuelson.[3]

Thill e dhan dùthaich aige fhèin ann an 1954 agus an ceann ceithir bliadhna, ann an 1958, chaidh a thaghadh dhan t-Seanadh. Bha e na Mhinistear na h-Obrach Phoblach eadar 1958 agus 1960 fo Alberto Lleras Camargo, na Rùnaire na Stàite bho 1962 agus 1963 agus an uair sin na Mhinistear an Àiteachais eadar 1963 agus 1964 fo Guillermo León Valencia.[4] A bharrachd air sin bha e na thosgaire thall thairis dà thuras: ann am Breatainn (1961 - 1962) agus anns na Stàitean Aonaichte (1977 - 1980).[5] Nuair a bha e os cionn Riaghaltas na dùthcha rinne tòrr an aghaidh bhochdainn agus leasaich e an riaghaltas fhèin.[6] A dh'aindeoin sin, bha suidheachadh na Stàite gu math cugallach agus thug luchd-reic dhrogaichean droch bhuaidh mhòr air an dùthaich.

Ministearan

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Rùnaire na Stàite: Fernando Cepeda Ulloa (1986-1987) César Gaviria Trujillo/(1987-1989) Raúl Orejuela Bueno (1989)/Orlando Vásquez Velásquez (1989)/Carlos Lemos Simmonds (1989-1990)/Horacio Serpa (1990)
  • Ministear nan Dùthchanan Cèin: Julio Londoño Paredes (1986-1990)
  • Ministear a' Cheartais: José Manuel Arias Carrizosa (1986-1987)/Edmundo López Gómez (1987)/Eduardo Suescún Monroy (1987)/Enrique Low Murtra (1987-1989)/Mónica de Greiff (1989-1990)/Roberto Salazar Manrique (1990)
  • Ministear an Ionmhais: César Gaviria Trujillo (1986-1987)/Luis Fernando Alarcón Mantilla (1987-1990)
  • Ministear an Dìona: Rafael Samudio Molina (1986-1988)/Manuel Jaime Guerrero Paz (1988-1989)/Óscar Botero Restrepo (1989-1990)
  • Ministear an Àiteachais: José Fernando Botero Ochoa (1986-1988)/Luis Guillermo Parra Dussán (1986-1988)/Gabriel Rosas Vega (1988-1990)
  • Ministear na h-Obrach agus Sochran Sòisealta: José Name Teran (1986-1988)/Diego Younes Moreno (1988-1989)/María Teresa Forero de Sade (1989-1990)
  • Ministear na Slàinte: Cesár Esmeral Barros (1986-agosto 1987)/José Granada Rodríguez (1987-1988)/Eduardo Díaz Uribe (1988-1990)
  • Ministear an Leasachadh Eaconomach: Miguel Merino Gordillo (1986-1988)/Carlos Arturo Marulanda (1988-1989)/María Mercedes Cuellar (1989-1990)
  • Ministear Mèinnean agus Lùths: Guillermo Perry Rubio (1986-1988)/Óscar Mejía Vallejo (1988-1989)/Margarita Mena de Quevedo (1989-1990)
  • Ministear an Fhoghlaim: Marina Uribe de Eusse (1986-1987)/Antonio Yepes Parra (1987-1988)/Manuel Francisco Becerra Barney (1988-1990)
  • Ministear a' Chòmhdhail agus na h-Obrach Phoblach: Luis Fernando Jaramillo (1986-1987)/Luz Priscila Ceballos Ordóñez (1987-1990)/Juan Felipe Gaviria (1990)
  • Ministear a' Conaltraidh: William Fadul Vergara (1986-1987)/Edmundo López Gómez (1990)/Fernando Cepeda Ulloa (1987-1988)/Pedro Martín Leyes (1988-1989)/Carlos Lemos Simmonds (2001)/Enrique Daníes Rincones (1989-1990)

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Colombia
  2. Geni
  3. CIDOB
  4. Banrepcultural
  5. Presidencia de Colombia
  6. El Tiempo