Aillse
Coltas
'S e aillse galar a dh'fhàsas sa chorp. Is urrainn a dh’aillse a bhith àiteigin san corp - san fhuil (bànachadh-fala), na clachan, craiceann, cìochan, stamag, beul 7c. Anns an latha a tha ann, gabhaidh i a leigheas ma mhothaicheadh dhi tràth gu leòr, gu h-àraidh le réidio-theiripe, ceimeo-theiripe no le oparèisean. Mar eisimpleir le aillse na guthlaige, mur eil réidio-theiripe no ceimeo-theiripe ag obrachadh, faodaidh na dotairean a' ghuthlag a chur a-mach.
Sa chumantas, chan urrainn do dh'aillse a bhith ga h-aiseag, seach trì seòrsachan: aillse drùiseil conail, galar tùmoir aodainn aig diabhlan Tasmanach, agus seòrsa de dh'aillse aig a' bhreallaich.[1]
Luchd-rannsachaidh ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “About transmissible cancers”. Transmissible Cancer Group aig Oilthigh Chambridge. Air a thogail 22mh dhen Iuchar 2020.
Ceanglaichean a-muigh
[deasaich | deasaich an tùs]- Aillse[dead link] air làrach-lìn Seirbheis Nàiseanta na Slàinte
- Macmillan Cancer Support, carthannas a ghabhas taic do dhaoine le aillse