Manuel Antonio Sanclemente
Manuel Antonio Sanclemente | |||
---|---|---|---|
7 dhen Lùnastal 1898 - 31 dhen Iuchar 1900 ← Miguel Antonio Caro Tovar - José Manuel Marroquín → | |||
Beatha | |||
Ainm slàn | Manuel Antonio Sanclemente Sanclemente | ||
Breith | Buga, 19 dhen t-Sultain 1813 | ||
Dùthaich | Coloimbia | ||
Bàs | Villeta, 19 dhen Mhàrt 1902 | ||
Àite-adhlacaidh | Central Cemetery of Bogotá (en) | ||
Foghlam | |||
Foghlam | Oilthigh a' Chauca | ||
Cànain | Spàinntis | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | neach-lagha, neach-poileataigs agus luchd an airm | ||
Seirbheis san arm | |||
Strì | Cogadh Catharra Choloimbia | ||
Creideamh | |||
Pàrtaidh poileataigeach | National Party (Colombia) (en) |
Rugadh Manuel Antonio Sanclemente Sanclemente ann am Buga, anns an roinn Valle de Cauca an latha an-diugh, 19mh an t-Sultain 1813 agus dh’eug e ann an Villeta, Cundinamarca, 19mh am Màrt 1902. ‘S e stàitire, oide, fear-lagha agus neach-poileataigs à Coloimbia[1] a bh’ann agus bha e na Chean-suidhe[2][3] Choloimbia eadar 1898 agus 1900. Thoisich Cogadh na Mìle Làithean nuair a bha e na cheann-suidhe. A bharrachd air sin tha e ainmeil leis gur e an duine na b’aosda a thug an ceannas os làimhe a-riamh, aig 84 bliadhna a dh’aois.
Beatha
[deasaich | deasaich an tùs]Fhuair e a chuid fhoghlaim aig Oilthigh a’ Chauca ann am Popayán,[4] far an tug e dotaireachd ann an lagh ann an 1837. An uair sin bha e an sàs ann an caochladh dhreuchdan ann an siostam a’ cheartais agus a bharrachd air sin chaidh e a thaghadh chun an àrd-chùirt a’ cheartais ann an 1854. Dh’obair e anns an lagh agus an oideachas, is bha e na cheann na sgoile Colegio de Buga.
Cùrsa Beatha anns a’ Poileataigs
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh an dotair Sanclemente a thaghadh iomadh thuras chun a’ mhòr-dhàil mar riochdaire agus seanadair airson a’ Chauca is e ball a’ Phàrtaidh Tòraidh. Thionndaidh e gu ruige an riaghaltas fhèin ann an 1857 nuair a dh’ainmich an ceann-suidhe Mariano Ospina Rodríguez na Rùnaire an Riaghaltais (ministear na dùthcha agus a’ cheartais an latha an-diugh) agus a’ chogaidh. Le sin, b’ fheudar dhàsan an cogadh sìobhalta dhe 1860 a làimhseachadh, cogadh a thoisich anns na stàitean dhe Cauca, Santander agus Bolívar agus a sgaoil a-mach air feadh na dùthcha le sabaidean cudriomaiche ann an Oratorio, Manizales, Segovia, La Barrigona, Subachoque, El Rosal, Usaquén agus Bogotá.
Còmhrag ann an Santander
[deasaich | deasaich an tùs]Thug Sanclemente pàirt uabhasach dlùth anns a’ chòmhraig ann an Santander còmhla ris a’ cheann-suidhe Ospina Rodríguez, agus bha e an sàs anns a’ bhlàr aig El Oratorio. Thug na reubaltaich thairis Bogotá, prìomh-bhaile a’ Cho-chaidreachais Ghranada 18mh an t-Iuchar 1861; chuir iad an an ceann-suidhe Mariano Ospina Rodríguez an greim còmhla ris a’ Chaibineit aige, Sanclemente na measg. An dèidh na triobleanan sin, chaidh e thall thairis na fhògarrach ann am Panama, ach an ceann iomadh bhliadhna thill e dhan dùthaich aigese fhèin far an d; fhuair e fàilte chridheil agis an uair sin chaidh e air ais chun a’ Mhòir-dhail.
Ceann-suidhe na Poblachd
[deasaich | deasaich an tùs]Ann an 1898 fhuair e taic bho n cheann-suidhe Miguel Antonio Caro Tovar, leis gu robh e air a bhith na mhinistear an Riaghaltais fodha airson greiseag bheag. Bha Caro Tovar airson smachd a chumail air an riaghaltas tron bhodach sin a bhiodh na cheann-suidhe (chàineadh iad an aois aige fad an iomairt). Chuir Sanclemente ruaig air tagraiche nan Libearalach Miguel Samper, ach chan urrainn dhàsan a dhol bho Bhuga gu Bogotá airson a’ chinneas a ghabhail os làimhe 7mh an Lùnasdal, leis nach robh e slàn fallain idir. Chaidh an leas ceann-suidhe José Manuel Marroquín a chur an àite aige; b’ urrainn dhàsan fhèin Bogotá a ruigsinn 3 an t-Samhain agus thug e an ceannas os làimh, ach dìreach an uair sin thug e an riaghaltas leisesan gu Villeta, baile a bha cho freagarrach dhàsan, a bha glè thinn, air sgàth gu bheil e suidhichte gu math faisge air ìre na mhara.
Cur às a’ Chathair
[deasaich | deasaich an tùs]Dìreach bho toiseach tòiseachaidh an teirm aige, b’ fheudar dha Sanclemente a sheasamh mu choinneamh fìor dhroch dhùbhlain a’ Phàrtaidh nan Libearalach agus dubh chàineadh bhon bhuidheann ris an canadh am Pàrtaidh Tòraidh traidiseanta(am Pàrtaidh Nàiseanta Choloimbia), ged is ann às na Tòraidhean Tòraidhean Nàiseantaich a bha Sanclemente, leis an leas ceann-suidhe Marroquín os cionn na Tòraidhean dùbhlanaich. Thoisich Cogadh na Mìle Làithean ann an 1899 leis a’ Phàrtaidh Libearalach a’ sabaid an aghaidh an Riaghaltais. Cho-dhùin an leas ceann-suidhe Marroquín an ceann-suidhe Sanclemente a chur às a’ chathair leis cho cugallach ‘s a bha an dùthaich, rud a thachairt an 31mh an t-Iuchar 1900.
Chaidh Sanclemente a chumail an greim is e na phrìosanach ann an dòigh uabhasach mì-shuairc anns an eaglais ann an Villeta, far an do bhàsaich e an ceann dà bhliadhna.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]Simón Bolívar • Francisco de Paula Santander • Joaquín Mosquera • Rafael Urdaneta • Domingo Caycedo Santamaría • Jerónimo de Mendoza Galavís • José Ignacio de Márquez Barreto • Pedro Alcántara Herrán • Juan de Dios Aranzazu • Tomás Cipriano de Mosquera • Rufino Cuervo y Barreto • José Hilario López • José María Obando • José María Melo • Tomás Herrera • José de Obaldía • Manuel María Mallarino • Mariano Ospina Rodríguez • Juan José Nieto Gil • Bartolomé Calvo • Leonardo Canal González • Froilán Largacha • Manuel Murillo Toro • José María Rojas Garrido • Santos Acosta Castillo Joaquín Riascos • Santos Gutiérrez Prieto • Eustorgio Salgar • Santiago Pérez de Manosalbas • Aquileo Parra Gómez • Manuel María Ramírez Fortoul • Julián Trujillo Largacha • Rafael Núñez Moledo • Francisco Javier Zaldúa • Clímaco Calderón • José Eusebio Otálora • Ezequiel Hurtado • José María Campo Serrano • Eliseo Payán • Carlos Holguín Mallarino • Miguel Antonio Caro Tovar • Manuel Antonio Sanclemente • José Manuel Marroquín • Rafael Reyes • Diego Lemos • Jorge Holguín Jaramillo • Ramón González Valencia • Carlos E. Restrepo Restrepo • José Vicente Concha • Marco Fidel Suárez • Pedro Nel Ospina Vásquez • Miguel Abadía Méndez • Enrique Olaya Herrera • Alfonso López Pumarejo • Eduardo Santos • Darío Echandía Olaya • Alberto Lleras Camargo • Mariano Ospina Pérez • Laureano Gómez Castro • Roberto Urdaneta Arbeláez • Gustavo Rojas Pinilla • Gabriel París • Guillermo León Valencia • Carlos Lleras Restrepo • Misael Pastrana Borrero • Alfonso López Michelsen • Julio César Turbay Ayala • Belisario Betancur Cuartas • Virgilio Barco Vargas • César Gaviria Trujillo • Ernesto Samper (1994–1998) • Carlos Lemos Simmonds • Andrés Pastrana Arango (1998–2002) • Álvaro Uribe (2002–2010) • Juan Manuel Santos Calderón (2010–2018) • Iván Duque (2018–)