Villeta
Villeta
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Cundinamarca | ||||
Sgìre | Gualivá | ||||
Àirde | 850m | ||||
Co-chomharran | 05° 00' 53' Tuath 74° 28' 29' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 140 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 24,340 (2005) | ||||
Dlùths | 173.86/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile |
‘S e baile beag ann an Cundinamarca,[1] Coloimbia,[2] a th’ann Villeta. Tha e suidhichte aig 850m os cionn ìre na mara, 78km air falbh bho Bhogotá. 'S e baile le gnàth-shìde bhlàth a th' ann agus tha teodhachd meadhanach dhe 26˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1551.
Sluagh a' bhaile
[deasaich | deasaich an tùs]Tha 24,340 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach chan eil ach 9,566 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala agus mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Villeta, ach tha 2.4% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 88.1% dhe na daoine ann an Villeta leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig 27.8% dhe na dachannan.[5]
Fèisean
[deasaich | deasaich an tùs]Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Villeta. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[6] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]Chaochail Manuel Antonio Sanclemente (1813 – 1902) an seo.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Mapa na Roinne
- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
- ↑ Colombia Virtual
- ↑ Bileag fhiosrachaidh DANE
- ↑ Country Studies: Colombia