José Hilario López
José Hilario López | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Popayán, 18 dhen Ghearran 1798 |
Dùthaich | Coloimbia |
Bàs | Neiva, 27 dhen t-Samhain 1869 |
Foghlam | |
Cànain | Spàinntis |
Dreuchd | |
Dreuchd | neach-poileataigs agus oifigear |
Ìre | oifigeach coitcheann |
Creideamh | |
Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Glèidhteachail Choloimbia |
B’ e José Hilario López Valdés, a rugadh ann am (Popayán 18 an Gearran 1798 agus a chaochail ann an Campoalegre, Huila, 27 an t-Samhain 1869) saighdear, neach-poileataigs agus riochdaire dioplòmasach à Coloimbia. Bha e na cheann-suidhe na dùthcha eadar 1849 agus 1853.[1][2] ‘S e mac José Casimiro López, oficial de cruzada, agus Rafaela Valdés y Fernández de Córdoba a bh' ann. Fhuair e a chuid fhoghlaim ann am Popayán, is thug José Félix de Restrepo a chuid oideachaidh dhàsan. A bharrachd air sin fhuair e deagh fhoghlaim aig Oilthigh Cauca.[3]
Sàbaid airson an Neo-eisimeileachd
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh e dhan Arm mar fhoghlaimichte-airm nuair a bha e 14 bliadhna a dh’aois. Ghabh e pàirt anns na cathan aig Alto Palacé (30 an Dùbhlachd 1813), Calibío (am Faoilleach 1814), Tacines (9 an Cèitean 1814) agus Pasto (10 an Cèitean 1814). Chaidh e a ghlacadh le feachdan na Spàinne aig Blàr Cuchilla del Tambo (29 an t-Ògmhios 1816). Fhuair e binn phrìosain agus an uair sin chaidh e a chur gu Arm na Spàinne mar shaighdear na raghan. Theich e às an Arm nuair a bha e ann am Bogotá far an do dh’aontaich e gus na Reubaltaich.
B’ urrainn dhàsan a chuid shaorsa mhaireannach fhaighinn 28 an t-Ògmhios 1819, tro eadraiginn Eusebia Caicedo, piuthar a' mhàthar. Nuair a bha e ann am baile beag ris an canar La Mesa chunnaic e feachdan mu dheireadh Arm na Spàinne a dhol seachad, is Vicente Azuero (seann chompanach prìosan aige), na phrìosanach nam measg fhathast. Rinn López gnothach soirbheachail airson ga shaorachadh. Chaidh e a a chur an aithne gu Simón Bolívar leis na cinn-fheadhna tìr-ghràdhaiche a bha eòlach air, agus dh’ainmich esan leas cheann-feadhna air an Rèiseamaid ùr “Boyacá” e. An ceann greiseadh chaidh e a dh’ àrdachadh gu fo-cheannard, mar chaiptean. Ghabh e pàirt anns an Iomairt an Tuath (Spàinntis: La Campaña del Norte), far an do rinneadh ionnsaigh mòr anns A' Bheiniseala.
Ri Taobh Shantander
[deasaich | deasaich an tùs]Bha e an sàs, còmhla ris a’ Chornailear José María Obando, ann an ar-a-mach an aghaidh Bholívar, air sàilleabh na tachartasan a lean Fliùchd an t-Sultain 1828, leis gur e Ceannard Coitcheann Àrd-oifis an Airm agus Ceannard Coitcheann na Roinne Azuay a bh’ ann. Bha còmhstri armachd dìreach air thòiseachadh eadar Colombia agus Riaghaltas A’ Phearù. Chaidh Bolívar mu dheas aig deireadh an Dùbhlachd 1828 airson a dhèiligeadh ris a’ chogadh agus an t-ar-amach aig López agus Obando. Dh’ fheuch esan ris na draghan a bha airsan taobh ar-a-mach nan Ceannard a sheachnadh fhad ’s a bha e an siud gus gum b’ fhaodadh e coinneamh fhaighinn leis a’ Mharasgal Antonio José de Sucre agus ionnsaighean nam Pearuach a chur às. Le sin, ghabh na reubaltaich maitheanas aig deireadh am Faoilleach 1829. A bharrachd air sin, chuir e tosgairean dha Obando agus López gus sgur-cogaidh a mholadh. An ceann mhìos thachair Còrdadh Juanambú, ris a chuir iad uile ainm 2 am Màrt 1829.Dh’ innis Bolívar dha na reubaltaich na adhbharan a bh’ aige airson Bun-reachd Cúcuta a dhiùltadh, air sgàth a thachair le Páez anns a’ Bheiniseala.
Rinn López agus Obando ar-a-mach a-rithist ann an t-Sultain 1830, an turas sin aig àm Riaghaltas an Airm aig Rafael Urdaneta. Chaidh an dithis bho neart gu neart. Aig toiseach tòisichidh chuir iad an ceann a deas na dùthcha fo smachd, an uair sin thug iad Popayán os làimhe agus, mu dheireadh thall, chaidh López air adhart gu ruige Tocaima. Le sin, mhol Urdaneta sgur-cogaidh agus, an dèidh rèiteachaidh, chuir esan ainm gu Còrdadh Apulo 28 an Giblean 1831.
Chaidh López a dh’ainmeachadh Ceannard an Airm ann am Bogotá am broinn an Riaghaltais aig Francisco de Paula Santander ann an 1832, agus Riaghladair air Cartagena de Indias ann an 1834. An dèidh sin bha e na mhinistear a’ Chogaidh is an Luingeis, thosgair chun na Bhatacain, Rùnaire na Dùthchannan Cèin, Comhairliche na Stàite agus seanadair.
Bha ar-a-mach Tòraidh eile ann air sàilleabh gun do sheas cuid an aghaidh chur às dhan tràilleachd, gu seach àraidh anns a’ Chauca, le Julio Arboleda Pombo os a chionn. Chuir López ruaig orra. Bha an còmhstri uabhasach fuilteach ann an ceann a deas na dùthcha, gu h-àraidh ann an Cali. Bha an còmhstri eadar na uachdarain agus daoine a’ bhaile, leis na comhairlichean os an cionn, gu math cruaidh an siud. Dh’adhbharaich ruaig sealbhadairean nan tràillean tuilleadh ar-a-mach ann an Valle del Cauca, an turas sin le na seann tràillean agus daoine na dùthcha, a ghabh fàth air an t-suidheachadh airson na seann mhaighstirean a bhualadh agus airson sgrios a dhèanamh dha na taighean agus feansaichean aca. Dh'fhreagair López an càineadh a fhuair e anns na meadhanan air a shon, is thuirt esan gur e dìreach ceartachadh deamocratach a bh’ ann an ùpraid sin.
Ceann-suidhe na Dùthcha
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh e a thaghadh ceann-suidhe na dùthcha 7 am Màrt 1849. Fhuair e taic bho na luchd-ceàirde agus na Buidhnean Deamocratach (Spàinntis: Las Sociedades Democráticas). Ghabh e fàth air na sgaraidhean eadar na Tòraidh. Rinn e sreath dhe atharrachaidhean poileataigeach, eaconomach agus sòisealta fhad ‘s a bha e os cionn an Riaghaltais: chur às dhan tràilleachd, lagh an àiteachais, sgaradh na h-Eaglaise bhon Stàit, saorachadh na meadhanan agus feadaraileachd na dùthcha.
Nuair a bha e os cionn an Riaghaltais thoisich e pròiseas cur às do dh’àiteachan-glèidhidh nan Tùsanach, agus chuir e às do thoirmisg air reic na h-àiteachan-glèidhidh. Seo a’ chiad rud a dh’adhbharaich còmhstri eadar López agus na Buidhnean Deamocratach, ach chuidich sin Uachdarain às-mhalairte a bhith, o chionn 's gun do bhrosnaich sin desplazamiento luchd-obrach Tùsanach gu ruige na sgìrean far an robhar a’ dèanamh tombaca, leis nach robh an lus sin fo mhonopolaidh na Stàite nas motha. Dh’adhbharaich sin àrdachadh ann am prìsean a bhith am broinn na dùthcha fhèin cuideachd, o chionn 's gu do sholarachadh deagh chuid stuth nan Tùsanach anns na h-àiteachan-glèidhidh am margaidh sin aig prìsean uabhasach ìosal.
Chuir e an Comann Iosaid a-mach às an dùthaich a-rithist, dìreach còig bliadhna an dèidh gun do thill iad. Bha iad air a bhith a chur a-mach às an cuid sgoiltean agus miseanan anns na coilltean ro-làimhe. ‘Se fear dhe na co-dhùnaidhean na bu chonnspaidiche a rinn e a bh' ann sin.
Cogaidhean Sìobhalta
[deasaich | deasaich an tùs]Ann an 1854, dìreach bliadhna an dèidh gun do leig esan an ceannas, shabaid e ri taobh feachdan nam Libearalach agus nan Tòraidh an aghaidh ar-a-mach na Luchd-ciùird. Chuir iad an Seanalair José María Melo às a’ chathair agus chuir iad siostam a’ mhargaidh in-mhalairt shaoir air dòigh.
Shabaid e ri taobh na libearalaich raidigeach airson feadaraileas na dùthcha agus fèin-riaghladh na Stàitean a dhìon anns na cogaidhean sìobhalta ann an 1859 agus 1863. Chaidh López a thaghadh mar cheann-suidhe na stàite Tolima, is thug e an dreuchd sin os làimhe nuair a ràinig e Neiva anns an Iuchar 1863. Ghabh e ris a bhith na thagraiche ceann-suidhe an Aonaidh Choloimbia ann an 1865, ach rinn Tomás Cipriano de Mosquera an gnothach airsan.
Dhùin an ceann-suidhe Mosquera an Còmhdhail ann an 1867, ach chaidh esan a chur às a’ chathair an ceann greiseag. Chaidh López a dh’ainmeachadh mar Cheannard an Airm leis an Riaghaltas ùr aig Santos Acosta Castillo. Nuair a leig e am beatha poblach mu dheireadh thall, ghabhadh e air na oighreachdan aige, gus a chaochail e.
Gallaraidh
[deasaich | deasaich an tùs]-
Teaghlach López Durán
-
Na òganach
-
Na sheanalair
-
Anns na meadhanan
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Pàrtaidh Libearalach Choloimbia (Spàinntis)
Simón Bolívar • Francisco de Paula Santander • Joaquín Mosquera • Rafael Urdaneta • Domingo Caycedo Santamaría • Jerónimo de Mendoza Galavís • José Ignacio de Márquez Barreto • Pedro Alcántara Herrán • Juan de Dios Aranzazu • Tomás Cipriano de Mosquera • Rufino Cuervo y Barreto • José Hilario López • José María Obando • José María Melo • Tomás Herrera • José de Obaldía • Manuel María Mallarino • Mariano Ospina Rodríguez • Juan José Nieto Gil • Bartolomé Calvo • Leonardo Canal González • Froilán Largacha • Manuel Murillo Toro • José María Rojas Garrido • Santos Acosta Castillo Joaquín Riascos • Santos Gutiérrez Prieto • Eustorgio Salgar • Santiago Pérez de Manosalbas • Aquileo Parra Gómez • Manuel María Ramírez Fortoul • Julián Trujillo Largacha • Rafael Núñez Moledo • Francisco Javier Zaldúa • Clímaco Calderón • José Eusebio Otálora • Ezequiel Hurtado • José María Campo Serrano • Eliseo Payán • Carlos Holguín Mallarino • Miguel Antonio Caro Tovar • Manuel Antonio Sanclemente • José Manuel Marroquín • Rafael Reyes • Diego Lemos • Jorge Holguín Jaramillo • Ramón González Valencia • Carlos E. Restrepo Restrepo • José Vicente Concha • Marco Fidel Suárez • Pedro Nel Ospina Vásquez • Miguel Abadía Méndez • Enrique Olaya Herrera • Alfonso López Pumarejo • Eduardo Santos • Darío Echandía Olaya • Alberto Lleras Camargo • Mariano Ospina Pérez • Laureano Gómez Castro • Roberto Urdaneta Arbeláez • Gustavo Rojas Pinilla • Gabriel París • Guillermo León Valencia • Carlos Lleras Restrepo • Misael Pastrana Borrero • Alfonso López Michelsen • Julio César Turbay Ayala • Belisario Betancur Cuartas • Virgilio Barco Vargas • César Gaviria Trujillo • Ernesto Samper (1994–1998) • Carlos Lemos Simmonds • Andrés Pastrana Arango (1998–2002) • Álvaro Uribe (2002–2010) • Juan Manuel Santos Calderón (2010–2018) • Iván Duque (2018–)