Foghlam

O Uicipeid


Is e gnìomh a tha ann an fhoghlam. An gnìomh a tha ann an ionnsachadh le amas a thogail comas-inntinn. Air feadh an t-Saoghal is ann air pàrantan a tha am prìomh dhleasdanas foghlam a thoirt do’n cuid cloinne. Ann an iomadh cultur, cuirear clann ri sgoiltean airson foghlam fhoirmeil ann an leughadh, sgrìobhadh agus àireamhachd.

Ann an tìrean bochda 's an treas domhain chan fhaigh h-uile pàiste cothrom air a' bhun-fhoghlam a tha ann leughadh, sgrìobhadh agus àireamhachd ach ann an tìrean beartaich cuirear dleasdanas laghail air pàrantaibh a chuir an clann aca dhan sgoile. Ann an Alba (mar eisimpleir de dùthaich a bhuineas don chiad domhain), is fheadar do clann eadar 5 agus 16 bliadhnaichean a dh'aois a bhi ann an fhoghlam làn-tìde. Is ann leis an stàit fhéin a tha an cuid as motha de sgoiltean an Alba, tha iad maoinichte a-mach à cìsean na dùthcha agus chanar "sgoiltean poblach" riutha.

Alba[deasaich | deasaich an tùs]

Tha da rang de sgoil anns an t-siostam Albannach an-dràsta, bun-sgoiltean a bhitheas ag foghlam clann air fad na 7 bliadhnaichean eadar 5 agus 12 bliadhna dh'aois agus àrd-sgoiltean a bhitheas ri foghlam clann eadar 12 agus 18 bliadhna dh'aois, ged a tha e ceadaichte do dh’òigridh cùl a chur ri foghlam na sgoile aig aois 16. Leanaidh clann air feadh Alba clàr-oideachaidh coitcheann 5-14, bho chòig bliadhna dh'aois gu ceithir-deug, cuairt-fhoghlaim a leanas a-steach dhan àrd-sgoil. Aig toiseach na treas bliadhna àrd-sgoile feumaidh na sgoilearan 8 cuspairean fa-leth a roghainn, a bhitheas iad a' leantainn chun na h-Ìre Choitcheann. Feumaidh an roghainn pearsanta gabhail-steach Matamataig, Beurla, aon saidheans, aon chùrsa teicniuil agus cànan eile. Suidhidh na sgoilearan deuchainn airson barantas nàiseanta aig an Ìre Choitcheann aig deireadh na 4mh bliadhna (aois 16). As déidh deuchainn na h-Ìre Coitcheann, roghnaichear suas ri 5 cuspair airson cùrsa chun Àrd-ìre. Is e deuchainn matriculation airson inntrigeadh do chùrsaichean oilthigh a tha 's an Àrd-ìre. Suidhear an Àrd-ìre aig 17 bliadhna dh'aois agus b'e seo an aois aig am biodh oileanaich Albannach gu traidiseanta ag inntrigeadh oilthigh. Anns an latha an diugh, is àbhaist do sgoilearan a' fantainn 's an Àrd-sgoil bliadhna eile, a ghabhail tuilleadh chùrsaichean Àrd-ìre neo lìonadh a-mach an cuid fhoghlam le cuspairean nach do rinn iad aig ìre choitcheann 's a' chiad dol a-mach, neo a' leantainn cùrsa nas adhartaiche ris an chanar "Sàr-àrd-ìre". Tha teagamhan mu deidhinn luach an chùrsa seo mu dheireadh o chionn 's gu bheil a h-inbhe gu ìre mhòir co-ionnan leis a' chiad bliadhna de sgrùdadh oilthigh.

Faic cuideachd[deasaich | deasaich an tùs]