Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu

Tha Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (ainm goirid: FTG; Beurla: Gaelic medium education, ainm goirid: GME ) a' toirt chothroman do chlann foghlam anns na sgoiltean fhaiginn tro mheadhan na Gàidhlig seach tro mheadhan na Beurla. Tha Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ri làimh ann an ceithir-deug a-mach à trithead sa dhà ùghdarrasan ann an Alba an-diugh.

Sgoiltean[deasaich | deasaich an tùs]

Anns na bun-sgoiltean cleachdar modhan bogaidh ann am P1 agus P2. Tha sin a' ciallachadh gu bheil gach cuspair sgoile a' libhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig, thèid Gàidhlig a cleachdadh airson ionnsachadh agus teagasg gu lèir. Chan eilear a' toiseachadh le leughadh is sgrìobhadh na Beurla ach bho P3, tha Beurla a' teagasg mar dàrna chànain. Ionnsachar gach cuspair eile tron Ghaidhlig. Is toradh don mhodh ionnsachaidh seo, gu bheil na sgoilearan fileanta sa Ghàidhlig is sa Bheurla, nuair a dh'fhàgas iad a' bhun-sgoil.

Tha an àireamh de sgoilearan aig ìre bun-sgoil a' fàs gu mòr rè bliadhnaichean a chaidh. Ann an 1985 cha robh ach 24 sgoilearan roinnte eadar 2 sgoil fa-leth, ach eadar 2006 is 2007 bha 2,000 clann a' toirt foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an 62 sgoiltean. Tha e cudthromach ri aithneachadh co-dhiu, gu bheil an saoghal air atharrachadh gu mor bho 1985, agus bhiodh 7,000 clann an foghlum tro meadhan na Gaidhlig aig ire bhun-sgoil an aireamh bu lugha a ghleidheas sluagh Gaidhealach na h-Alba aig an aireamh lathaireachd.[1]

Mar as trice tha aonadan Gàidhlig anns na sgoiltean Beurla, ach 's e sgoil Ghàidhlig a tha ann am Bun-sgoil Shlèite le aonad beag sa Bheurla.

Ann an Foglam Àrd-sgoil thèid a h-uile cuspair a' teasgasg tro mheadhan na Gàidhlig aig ìre àrd-sgoil. Tha sin ag amas cothrom a thoirt do sgoilearan a bhith nas fhileanta, agus tuigse fhaighinn air a' Ghàidhlig mar chànan beò.[1] 'S e Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu an sgoil as motha le foghlam Gàidhlig aig ìre àrd-sgoil. Ann an 2010, chan eil fiu's aon ard-sgoil ann an sgire Comhairle na Gaidhealtachd neo ann an Sgire comhairle nan Eilean Siar a' libhrigeadh foghlum tro meadhan na Gaidhlig, ri sgoilearan a tha os cionn 13 bliadhnaichean dh'aois.

Àireamhean[deasaich | deasaich an tùs]

A-rèir staitistearachd aig Riaghaltas na h-Alba [2] bha ann an 2008:

  • 718 clann anns an fhoghlam ro-sgoile.
  • 2,164 clann anns na bun-sgoiltean Ghàidhlig.
  • 968 sgoilear anns na h-àrd-sgoiltean Ghàidhlig.
  • 322 sgoilear a' dèanamh cuspairean tro mheadhan na Gàidhlig anns na h-àrd-sgoiltean.
  • 2,733 sgoilear ag ionnsachadh Gàidhlig ann an cùrsaichean anns na h-àrd-sgoiltean.
  • Dh'ionnsaich timcheall air 6,000 clann a' Ghàidhlig anns na bun-sgoiltean.

A-rèir staitistearachd aig Bòrd na Gàidhlig[3] bha ann an 2016:

  • 3 bunsgoiltean làn-Ghàidhlig
  • 8 bunsgoiltean Gàidhlig le aonad Beurla
  • 47 aonadan Gàidhlig ann an bunsgoiltean Beurla
  • 1 àrdsgoil Gàidhlig
  • 34 àrdsgoiltean anns an robh Gàidhlig ga teagasg
  • 3 bunsgoiltean làn-Ghàidhlig a’ dol a dh’fhosgladh ro deireadh na bliadhna
  • barrachd is 4000 sgoilearan a’ faighinn an cuid foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Anns na 1950an, chuir Comhairle an Fhoghlaim ann an Siorrachd Inbhir Nis iomairt air chois ag amas air foghlam dà-chànanach anns an Eilean Sgitheanach agus na h-Eileanan Siar[4], ach 's iad na ciad sgoiltean FTG a dh'fhosgail, na bun-sgoiltean Sir John Maxwell, ann an Glaschu, agus Sgoil a' Mheadhain, ann an Inbhir Nis, ann an 1985. Aig an àm, bha 24 sgoilear air an clàradh uile gu lèir.

Aistean co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. 1.0 1.1 Comann nam Parant (Gàidhlig)
  2. Riaghaltas na h-Alba (Beurla)
  3. http://www.gaidhlig.org.uk/bord/sgriobh-bord-na-gaidhlig-diugh-gu-buill-parlamaid-na-h-alba-mu-dheidhinn-nan-cumhachan-gaidhlig-ann-bile-fhoghlaim/
  4. 'Cothrom na Feinne Do'n Sgoil-Ghàidhlig', Gairm 16, An Samhradh 1956, d.360.

Tuilleadh leughaidh[deasaich | deasaich an tùs]

  • 'Cothrom na Feinne Do'n Sgoil-Ghàidhlig', Gairm 16, An Samhradh 1956, dd.360-1.
  • NicNeacail, Mairead & Mata M. MacÌomhair (deas.) (2007) Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig Edinburgh: Dunedin Academic Press. ISBN: 978 1 903765 58 6

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]