Jump to content

Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu

O Uicipeid
Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu

'S e sgoil ann an Glaschu a tha ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, far a bheil am foghlam ga lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig.

Chaidh a' chiad sgoil fhosgladh ann an 1999 mar "Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu". Ach cha robh an togalach mòr gu leòr mar sin dh'fhosgail sgoil ùr, Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu san Lùnastal 2006. 'S e sin an aon sgoil Ghàidhlig ann an Alba, far a bheil Sgoil Àraich, Bun-sgoil agus Àrd-sgoil anns an aon togalach.

Tha Poileasaidh Cànain aca a thathas ag ràdh:

Tha sinne nar sgoil Ghàidhlig agus leis an sin tha e mar dhleasdanas oirnn an cànan a bhrosnachadh, a leasachadh agus a chleachdadh taobh a-staigh na sgoile agus anns a’ choimhearsnachd. ’S e prìomh amas na sgoile fiosrachadh agus sgilean cànain nan sgoilear a leudachadh agus a bhrosnachadh anns a’ Ghàidhlig agus teagasg agus ionnsachadh a lìbhrigeadh aig an ìre as àirde. [1]

Thèid na cùrsaichean den Churraicealam Albannach a theagaisg tron Ghàidhlig a-mhàin. An luib an modh teagaisg seo, thig fèin-dhearbadh air Gaidheal òga Ghlaschu. Chaidh cùrsaichean mar ceimigeachd, teicneòlas is matamataig a leasachadh aig ìre Àrd-sgoil. Tha clasaichean coimpiutaireachd ann cuideachd. Is a' Ghàidhlig chànan làitheil air fad na sgoile.

Anns na bliadhnaichean sa chaidh tha àireamh nan sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Glaschu a’ sìor fhàs. Anns a’ bhliadhna acadaimigeach 2007 gu 2008, dh’èirich àireamh nan sgoilearan 11% an aghaidh àrdachadh de 4% gu nàiseanta. Bho 2008 gu 2009 bha mu 400 sgoilear gu lèir ann. Ann an 2009/2010 tha mu 13% de sgoilearan bun-sgoile agus 25% de sgoilearan àrd-sgoile ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig na h-Alba air fad ann an Glaschu.[2]

Air barrachd, tha prògraman cultarach don chloinn, m.e.: òrain is dannsa tradaiseanta no pìobaireachd. Bithear a’ toirt misneachd dhaibh pàirt a gabhail ann an co-fharpaisean is taisbeanaidhean, ann am Mòdan is Fèisean ionadail. Le sin thathar an dòchas gum bi iad a’ toirt Gàidhlig a-mach às an sgoil dhan choimhearsnachd.

Aistidhean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Poileasaidh Cànain Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu[dead link]
  2. Plana na Gàidhlig 2009 gu 2012 Comhairle Baile Ghlaschu td 26

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]