Ceimigeachd

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Fullerene-C60

Is e ceimigeachd saidheans nan stuthan agus an eadar-oibre aige le lùth, gu h-àraid na dòighean mar a dhealbhas ataman, moileciuilean, agus buadhan cheimigeach. Tha e a' dèiligeadh le stuth, mar eileamaidean is co-thàthaidhean ceimigeach agus ciamar a tha iad ag iom-obrachadh ri chèile.

Tha na meuran cheimigeachd nas cudromach nan:

Iom-obrachaidhean[deasaich | deasaich an tùs]

Ma thèid measgachadh air dà shusbaint a tha ag iom-obrachadh ri chèile, bithidh na susbaintean tùsail gan caitheamh agus a' cruthachadh susbaintean eile. Bithidh na iom-obrachaidhean a' tachairt eadar ataman fa-leth, airson adhbharan ceangailte ri gèilleadh, glacadh agus co-phàirteas de na eileagtronaibh bhalantais aca.

Na h-eileamaidean[deasaich | deasaich an tùs]

Liosta nan eileamaidean

Tha na h-eileamaidean roinnte eadar meatailtean agus neo-mheatailtean. Is atam an aonad bu lugha de gach eileamaid, agus tha gach atam dèanta suas de niuclas, agus sligean eileagtronach a tha gan chuairteachadh. Tha gach atam fa-leth na staid as cunbhalach nuair a tha na sligean eileagtronaich aice làn. Is feart de meatailtean, gun choisinn iad inbhe cunbhalas le toirt seachad na dealanaich a tha anns an slige a-muigh aca, agus is feart de neo-mheatailtean gun choisinn iad cunbhalas le gabhail na dealanaich a tha dith orra a lionaich na slige-dhealain a-muigh aca.

Nuair a thig meatailt agus ana-mheatailt còmhla, cruthaichear 'tàthadh aidheonach eadarra. Tha sin ri radh gu gèill an meatailt dealanach (aich) chun ana-mheatailt, a' fagail slige a-muigh a' mheatailt ban agus slige a-muigh an t-ana mheatailt lán. Air sgàth 's gu bheil an meatailt air call dealanach, thig urchair dearbhach air, agus thèid urchair diùltach (air sgath na dealanaich air barrachd) air an ana-mheatailt. Canar aidheonan ri na mirean seo. Tha an diofar eadar na h-urcharan aig aobharachadh co-tharraing agus tàthadh làidir eadar nan atamain meatailt agus ana-mheatailt, chanar tàthadh aidheonach ris.

Clàr pillteach
H He
Li Be B C N O F Ne
Na Mg Al Si P S Cl Ar
K Ca Sc Ti V Cr Mn Fe Co Ni Cu Zn Ga Ge As Se Br Kr
Rb Sr Y Zr Nb Mo Tc Ru Rh Pd Ag Cd In Sn Sb Te I Xe
Cs Ba * Hf Ta W Re Os Ir Pt Au Hg Tl Pb Bi Po At Rn
Fr Ra ** Rf Db Sg Bh Hs Mt Ds Rg Cn Uut Fl Uup Lv Uus Uuo
* La Ce Pr Nd Pm Sm Eu Gd Tb Dy Ho Er Tm Yb Lu
** Ac Th Pa U Np Pu Am Cm Bk Cf Es Fm Md No Lr


Altan eile[deasaich | deasaich an tùs]