Telurium

O Uicipeid


Telurium
Diosg de thelurium.
Clàr pillteach
H He
Li Be B C N O F Ne
Na Mg Al Si P S Cl Ar
K Ca Sc Ti V Cr Mn Fe Co Ni Cu Zn Ga Ge As Se Br Kr
Rb Sr Y Zr Nb Mo Tc Ru Rh Pd Ag Cd In Sn Sb Te I Xe
Cs Ba * Hf Ta W Re Os Ir Pt Au Hg Tl Pb Bi Po At Rn
Fr Ra ** Rf Db Sg Bh Hs Mt Ds Rg Cn Nh Fl Mc Lv Ts Og
* La Ce Pr Nd Pm Sm Eu Gd Tb Dy Ho Er Tm Yb Lu
** Ac Th Pa U Np Pu Am Cm Bk Cf Es Fm Md No Lr
Buadhan
Samhla Te
Àireamh 52
Buidheann 16
Ùine 5
Bloca p
Seòrsa Meataloighd
Buadhan stuthach
Dath Airgead-liath (criostalach),
dubh-dhonn (neo-chothromach)
Teothachd leaghaidh 722.66 K ​(449.51 °C, ​841.12 °F)
Teothachd goilidh 1261 K ​(988 °C, ​1810 °F)
Buadhan atamach
Tomad atamach/Da 127.60(3)[1]
Comh-dhealbhadh atamach [Kr] 4d10 5s2 5p4
Cor ogsaideachaidh +6, +5, +4, +2, −2 ​
1mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–1 869.3
2mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–1 1790
3mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–1 2698

'S e eileamaid cheimigeach a tha ann an telurium le samhla Te agus àireamh atamach 52.

'S e meataloighd a tha ann, le feartan ceimigeach coltach ri na de selenium agus sulfar. Tha an cor ogsaidicheadh IV as cumanta. Tha an cruth criostalach telurium airgeadach agus brisg.

Tha 8 iosatòpaichean nàdarra de thelurium agus tha 128Te (leth-bheatha 2.2 × 1024 bliadhna) is 130Te (leth-bheatha 7.9 × 1020 bliadhna) as cumanta. Tha na 6 iosatòpaichean nàdarra eile seasmhach.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Ann an 1782 lorg Franz-Joseph Müller von Reichenstein telurium ann am mèinnear còmhla ri òr. Smaoinicheadh gur e antamonaidh a bha ann am mèinnear, ach dhearbhaich Müller gur e stuth ùr a bha ann. Ann an 1798 dh'ainmhich Martin Heinrich Klaproth an stuth ùr telurium air an Laideann tellus, no "Talamh".

Cleachdadh[deasaich | deasaich an tùs]

Cleachdar telurium ann am meatailteachd. Tha e nas fhasa aloidhean de copar no stàilinn is telurium a chumadh na aloidhean gun telurium. Cleachdar cadmium teluraid cuideachd ann am panailean-grèine.

Bith-eòlas[deasaich | deasaich an tùs]

Tha telurium puinnseanach. Tha an corp ag atharrachadh telurium ann an Te(CH3)2. 'S e an co-thàthadh seo as adhbhar do "anail thelurium", far a bheil fàileadh creamha air an anail.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. http://www.ciaaw.org/atomic-weights.htm