Flerovium

O Uicipeid


Flerovium
Georgi Fliorov
Clàr pillteach
H He
Li Be B C N O F Ne
Na Mg Al Si P S Cl Ar
K Ca Sc Ti V Cr Mn Fe Co Ni Cu Zn Ga Ge As Se Br Kr
Rb Sr Y Zr Nb Mo Tc Ru Rh Pd Ag Cd In Sn Sb Te I Xe
Cs Ba * Hf Ta W Re Os Ir Pt Au Hg Tl Pb Bi Po At Rn
Fr Ra ** Rf Db Sg Bh Hs Mt Ds Rg Cn Nh Fl Mc Lv Ts Og
* La Ce Pr Nd Pm Sm Eu Gd Tb Dy Ho Er Tm Yb Lu
** Ac Th Pa U Np Pu Am Cm Bk Cf Es Fm Md No Lr
Buadhan
Samhla Fl
Àireamh 114
Buidheann 14
Ùine 7
Bloca p
Seòrsa Meatailt
Buadhan stuthach
Dath Chan eil fhios againn
Buadhan atamach
Tomad atamach/Da (289) Chan eil e seasmhach[1]

'S e eileamaid cheimigeach a tha ann am flerovium le samhla Fl agus àireamh atamach 114.

'S e meatailt glè rèidio-bheò agus fuadain a tha ann. Tha rannsachaidhean air a' chumhachd-thàlaidh eadar ataman de fhlerovium agus uachdar de dh'òr a thomhas agus leig iad ris gu bheil flerovium coltach ri mhearcair.[2] Mhol na ùghdaran gur e "meatailtean bheòthail", seòrsa ùr de eileamaidean, a tha ann an copernicium agus flerovium.

Rinneadh caractarachd ri 6 ioso-topaichean de fhlerovium. Tha 289Fl, le leth-bheatha 2.6 diogan, as seasmhaiche.[3]

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Ann an 1998 rinn an sgioba Yuri Oganessian aig an Co-instititud airson Rannsachadh Niùclasach ann an Dubna atam de fhlerovium. Bhuail iad niùclasan plutonium-244 le niùclasan calcium-48 agus rinn iad 289Fl. Dh'ainmich iad e air an Deuchainn-lann Flerov airson Iom-obraichean Niùclasach, a dh'ainmicheadh air Georgi Fliorov, fiosagaiche às an Ruis.

Cleachdadh[deasaich | deasaich an tùs]

Tha flerovium glè thearc agus chan eil cleachdaidhean ann.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. http://www.ciaaw.org/atomic-weights.htm
  2. Eichler, Robert, et al. (2010): “Indication for a volatile element 114,” ann an: Radiochim. Acta, leabhar 98, td. 133–139. Air a thogail 3s dhen Mhàrt 2021.
  3. Flerovium”. PubChem. National Center for Biotechnology Information. Air a thogail 3s dhen Mhàrt 2021.