Jump to content

Clàr pillteach

O Uicipeid

'S e siostam airson nan eileamaidean ceimigeach a chur air dòigh a tha ann an clàr pillteach no clàr nan eileamaidean.[1]

'S e ùinean a tha ann an sreathan a' chlàir agus buidheannan a tha anns na colbhan. Tha an clàr seo cuideachail air sgàth 's gu bheil na feartan de aon eileamaid coltach ri na feartan eile anns an aon bhuidheann, mar eisimpleir na haloideanan, na gasaichean uasal, na meatailtean alcalaidh agus na meatailtean talmhaidh alcaileach. Àireamhaichear na buidheannan bho 1, na meatailtean alcalaidh, do 18, na gasaichean uasal. Tha an t-siostam seo a' cur an aite nan siostam neo-chòrdail Eòrpaich agus Aimeirigeanaich.

Cudromach cuideachd a tha na blocan san clàr. Tha buidheannan 1, 2 agus 18 sam bloca-s, 13 do 17 sam bloca-p, scandium, itrium agus buidheannan 4 do 12, na meatailtean trastach, sam bloca-d agus an t-sreath nan lantanach is an t-sreath nan actanach sam bloca-f.

Eachdraidh

Ann an 1869 dh'fhoillsich Dmitri Mendeleev a' chiad chlàr pillteach. Rinn e dà rud cudromach: chuir e beàrnan sa clàr agus bhris e an òrdugh cruaidh an tomaid atamach, mar eisimpleir le telurium agus aidhodain, far an robh an eileamaid mì-choltach ri na h-eileamaidean eile san aon bhuidheann. Leis a' dhòigh seo b' urrainn dha na feartan de ghailium agus ghearmainium a ro-innse.

Clàr pillteach
H He
Li Be B C N O F Ne
Na Mg Al Si P S Cl Ar
K Ca Sc Ti V Cr Mn Fe Co Ni Cu Zn Ga Ge As Se Br Kr
Rb Sr Y Zr Nb Mo Tc Ru Rh Pd Ag Cd In Sn Sb Te I Xe
Cs Ba * Hf Ta W Re Os Ir Pt Au Hg Tl Pb Bi Po At Rn
Fr Ra ** Rf Db Sg Bh Hs Mt Ds Rg Cn Nh Fl Mc Lv Ts Og
* La Ce Pr Nd Pm Sm Eu Gd Tb Dy Ho Er Tm Yb Lu
** Ac Th Pa U Np Pu Am Cm Bk Cf Es Fm Md No Lr


Iomraidhean

  1. http://www.anseotal.org.uk/results.jsp?query=cl%C3%A0r%20nan%20eileamaidean