Meatailt alcalaidh

O Uicipeid
Meatailt alcalaidh ann an ola

'S e buidhean sia meatailtean ann an clàr pillteach, litium, sodium, potasium, ruibidium, caesium agus fraingium, a tha anns na meatailtean alcalaidh. Tha iad anns a' chiad colbh, anns a' bhloca-s, agus tha an t-eileagtron as fhaide a-mach ann an atam-chuairt s. 'S an t-eileagtron seo as adhbhar do cheimigeachd nam meatailtean alcalaidh. Tha am feartan glè choltach ri chèile.

Tha haidridean cuideachd anns a' chiad colbh a' chlàr pillteach, ach cha e meatailt a tha ann.

Feartan stuthach[deasaich | deasaich an tùs]

Tha an tàthadh meatailteach glè lag, mar sin tha na meatailtean bog agus na teòthachdan leaghaidh ìosal.

Feartan ceimigeach[deasaich | deasaich an tùs]

Tha iad lasanta agus iad ag iom-obrach gu luath cuide ri uisge, mar sin taisgear e mar as trice fo ola. Cha lorgar na meatailtean seo mar mhèinnearan. Tha iad daonnan ann an salainn.