Hightae
Hightae | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Ceàrn | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 55° 05' 00″ Tuath[1] 03° 25' 00″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh fòn | 01387 |
Duilleag oifigeil | Hightae aig Visit Scotland |
‘S e baile beag dùthchasail faisg air Loch Mhabain, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Hightae. Tha e suidhichte aig 34m os cionn ìre na mara,[2] ann an cridhe Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Torthorwald agus Logarbaidh, ri taobh na h-aibhne Anainn.[3] Tha e 243km air falbh bho Obar Dheathain, 100km bho Ghlaschu, 12km bho Dhùn Phrìs agus 96km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Hightae. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus coilltearachd. A bharrachd air sin, tha talla a' bhaile ainmeil[5] agus taigh-seinnse/taigh-òsda[6] anns a’ bhaile. Taobh fhoghlaim, tha bun sgoil[7] ann ach feumar a dhol dhan àrd sgoil ann an Logarbaidh.
Freumhan an Ainm
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a coltas ann gur ann à Seann Bheurla Heghetache (Gàidhlig: Òrdag Àrd) a th' ann ainm a' bhaile.[8] A dh aindeoin sin, tha cuid eile dhen bheachd gur ann à Lochlannais tjd (sràc) a tha e.[9] 'S ann gu math pailt 's a tha ainmean-àite Lochlannach ann an iar-dheas na h-Alba,[10] gu h-àraidh nas fhaisge air a' Mhuir.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Thug Righ Raibeart I na h-Alba[11] còirichean sònraichte air an fhearainn do mhuinntir na sgìre mar duais airson a bhith dìleas dha ri linn Cogadh Neo-eisimeileachd na h-Alba. Le sin thogadh talla a' bhaile ann an Hightae airson ceithir bailtean beag air iomall Loch Mhabain: Hightae, Heck, Greenhill agus Smalholm, neo na Ceithir Bailtean Rìoghail mar a chanadh iad. Chaidh talla a' bhaile ùr a thogail an seo ann an 1910, le taic airgid bho Andrew Carnegie. Thogadh eaglais an seo ann an 1796 agus leasachadh ann an 1865 i.[12] Chaidh lùchairt air a bheil Rammerscales[13] a thogail an seo ann an 1768 le fear-malairt agus lighiche air an robh James Mouncey, a rinn fortan dhasan fhèin thall san Ruis nuair a bha Catrìona Mhòr os cionn na dùthcha. Cheannaich William Bell Macdonald à Glaschu ann an 1790 i. 'S e eadar-theangaiche fa-leth a bh' anns an Dòmhnallach, a chuireadh A' Bheurla Ghallda gu Eabhra, Gearmailtis, Greugais neo Laideann. Sgrìobh esan Gràmar na Coptais cuideachd. A-rèir carragh-chuimhne a' bhaile, fhuair ceithir duine deug à Hightae bàs sa Chogadh Mòr[14] agus còignear eile san Dàrna Cogadh.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Geographic
- ↑ Falling Rain
- ↑ Fish Pal
- ↑ Distance from - to
- ↑ Geolocation
- ↑ Hightae Inn
- ↑ A' Chomhairle[dead link]
- ↑ Scottish Placenames Society
- ↑ The Placenmes of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
- ↑ Ordanance Survey
- ↑ Dumfries Companion
- ↑ Scotland's Churches
- ↑ Rammerscales
- ↑ Scottish War Memorials Project
Achadh na h-Eaglaise • Ae • Amisfield • Applegarthtown • Auldgirth • Bankend • Bàrr na Dris • Beattock • Bentpath • Canonbaidh • Cathair • Cathair Ruairidh • Chapelknowe • Cille Chonaill • Cille Bhrìghde • Cill Osbairn • Cille Phàdraig nam Fleamach • An Clachan • Clarencefield • Collin • Comar na Drise • Cuingealach • Dalswinton • Daltan • Doire Chonaill • Dòrnach • Drochaid Charrainn • Drochaid a' Mhuilinn • Drochaid Mhic Iain • Dubhras na Doire • Dùn Choll • Dùn Phris • Dùn Sgoir • Eaglais Fheichin • Eastriggs • Eskdalemuir • Gleann Chapall • Greatna • Hightae • Hoddom • Inbhir Anainn • Kettleholm • Kirtlebridge • Langaim • Loch Mhabain • Logarbaidh • Am Magh Fada • Middlebie • Mouswald • Parkgate • Penpont • Powfoot • Ruadhail • Templand • Torthorwald • Tynron • Wamphray • Waterbeck