Tynron

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Tynron
Tynron - geograph.org.uk - 179843.jpg
Mapa dg tynron.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Scotland.svg Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 12' 58″ Tuath
03° 52' 42″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01848
Duilleag oifigeil Tynron aig Visit Scotland

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Dùn Phrìs, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Tynron (neo Dunron agus Kirk of Tynron o shean).[1] Tha e suidhichte aig 141m os cionn ìre na mara,[2] air an àirde an ear-dheas Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Penpont agus Am Mòine Naomh, ri taobh na h-aibhne Shinnel.[3] Tha e 241km air falbh bho Obar Dheathain, 76km bho Ghlaschu, 46km bho Inbhir Anainn agus 92km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhuibh ann an Tynron. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, coilltearachd agus turasachd. A bharrachd air sin, tha trì tuathanasan agus talla a' bhaile ann. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoil ann agus le sin feumar a dhol dhan bhun sgoil ann am Penpont agus dhan àrd-sgoil ann am Bàrr na Dris.[5]

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Tha e coltach gur ann à Din Rhòn (Gàidhlig: Dùn na Lannsa) ann an seann chuimris a tha an t-ainm.[6] Gu h-inntinneach, tha Dùn ro-eachdraidheil ann, air a bheil Tynron Doon neo Auchengibbert Hill. Tha tobhtaichean structar neo dhà bho Linn an Airgid ann shuas air a' dhùn cuideachd.[7] Chleachd na Ròmanaich agus na Breatannaich e. Thogadh tùr dìona air bàrr a' dhùin san 16mh Linn ach leagadh mu 1750 e.[8] Thogadh drochaid air an abhainn Shinnel ann an 1786 is an uair sin thogadh a' mhòr-chuid dhe na taighean a chithear nar làithean. Chaidh an eaglais ùr a thogail ann an 1837,[9] san aon àite far an robh sean eaglais bhon 17mh Linn agus tha fiù 's clach-uaighe neo dhà bho 1683 ann.[10] Dhùnadh an eaglais ann an 1997.[11] A-rèir carragh-chuimhne san sgìre, fhuair sianar às a' pharraist bàs sa Chogadh Mòr.[12] Ghoideadh a' phrais chuimhneachaidh nuair a dhùnadh an eaglais ach chunnaic tè à Tynron ann am bùth an Glaschu i is thugadh air ais dhachaidh leis a' phoilis i. Tha a' phràis ga cumail ann an talla a' bhaile a-nis.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Dumfriesshire Companion
  2. Elevation Map
  3. Scottish Places
  4. Distance From
  5. A' Chomhairle
  6. [1] The Celts (British and Gael) in Dumfriesshire and Galloway, Watson W.J., 1925, Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society, duilleagan 147-148
  7. CAST
  8. Canmore
  9. Buildings at risk
  10. Canmore
  11. Moniaive
  12. Scottish War Memorials Project