Jump to content

Ae

O Uicipeid
Ae

Map
55°11′10″N 3°35′49″W
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris agus Gall-Ghàidhealaibh
Siorrachd Siorrachd Dhùn Phris
Paraiste Cill MoChotha[1]
Sgìre Phàrlamaid na h-Alba Siorrachd Dhùn Phris
Sgìre Phàrlamaid na RA Siorrachd Dhùn Phris, Dail Chluaidh agus Srath Thuaidh
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 200 (2011)
Àireamh fòn 01387
Còd-puist DG1 1
Duilleag oifigeil Duilleag a' Bhaile

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Dùn Phris, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Ae. Tha e suidhichte aig 136m os cionn ìre na mara,[2] ann an cridhe na roinne Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phris ro 1975), eadar Bàrr na Driseig agus Am Magh Fada, ri taobh an Uisge Ae. Tha e 14km air falbh bho Dhùn Phris agus 110km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. Tha dìreach 200 duine a’ fuireach anns a’ bhaile agus 's e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Ae. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air coilltearachd agus turasachd, gu seachd araidh baidhseagal nam beann.[3]

Freumhan an ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, 's e Ae an dàrna ainm-àite as giorra ann an Alba air fad an dèidh Ì, a bhathar a' sgrìobhadh Æ ro 1787.[4] Thathar dhen bheachd gur ann às an t-seann Lochlannais aa (Gàidhlig: uisge) a tha an t-ainm. 'S ann gu math pailt 's a tha ainmean-àite Lochlannach ann an iar-dheis na h-Alba,[5] gu h-àraidh nas fhaisge air a' Mhuir.

Tha am paraiste-eaglaise seo, air an robh Cille Mhìcheil, a-staigh paraiste Cille Mhìcheil, Tinwald agus Torthorwald a-nis [6] A-rèir carragh-chuimhne ionadail, fhuair 31 às an sgìre bàs sa Chogadh Mòr[7] agus ochdnar eile san Dàrna Cogadh. Chaidh am baile fhèin a stèidheachadh dìreach ann an 1947.[8] An dèidh an dàrna cogaidh Coimisean na Coilltearachd airson choilltean a chur ann am boglaichean far nach robh coille neo coille ann mar-thà, fiù 's shuas aig còrr is 530m os cionn ìre na mara.[Feumar soilleireachadh] Tha giuthas dhen a h-uile seòrsa ann: giuthas-Sitka, giuthas-learaige, giuthas-Albannach agus Spruis uabhasach cumanta sa sgìre. A bharrachd air sin, tha an sgìre loma-làn ainmhidhean, gu h-àraidh fèidh, sionnaich, gearraidhean, neasan, calmain, Buidheagan-bealaidh, speireagan, sgreuchain-choille, feasain agus cearcan-tomain.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Cill MoChotha”. Am Faclair Beag. Air a thogail 28mh dhen Fhaoilleach 2026.
  2. Falling Rain
  3. 7 Stanes
  4. Great Britain House of Lords (1787), Journals of the House of Lords / Great Britain, Parliament, House of Lords 38, HMSO
  5. Ordanance Survey
  6. KTT
  7. Scottish War Memorials Project
  8. Reader's Digest Association (1990), Book of British Villages, Lunnainn: Reader's Digest, ISBN 0-276-42018-7, OCLC 35330841