An Clachan, Siorrachd Dhùn Phris

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
An Clachan
Kirkton water pump - geograph.org.uk - 861477.jpg
Mapa dg baile na h-eaglaise.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Scotland.svg Alba
Co-chomharran 55° 11′ 00″ Tuath
03° 60′ 03″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 714[1] (2001)
Àireamh fòn 01387

‘S e baile beag dùthchasail air iomall Dhùn Phris, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' anns a' Chlachan (Beurla: Kirkton).[2] Tha e suidhichte aig 15m os cionn ìre na mara,[3] ann an cridhe Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phris ro 1975), eadar Dùn Phris agus Dùn Choll. Tha e 225km air falbh bho Obar Dheathain, 105km bho Ghlaschu, 36km bho Dhùn Phris agus 84km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine anns a' Chlachan. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, an cuairidh agus dreuchdan ann an Dùn Phris. A bharrachd air sin, tha talla a' bhaile, bùth agus oifis a' phuist[4] anns a’ bhaile. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoiltean ann is le sin feumar a dhol dhan sgoil ann an Dùn Phris.

Freumhan an Ainm[deasaich | deasaich an tùs]

Mar a h-uile baile leis an aon ainm ann an Alba, 's e dìreach an t-àite far an robh eaglais ann am meadhan sgìre dùthchasail a th' anns a' Chlachan.[5]

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Tha tobhtaichean dhaingnich a thog na Ròmanaich faisg air Baile na h-Eaglaise aig Carzield,[6] dìreach ro taobh rathaid Ròmanach agus fiù 's lorgadh ball-ceàirde Ròmanach an seo ann an 2012.[7] Thog am fear-malairt Alexander Johnston lùchairt air a bheil Carnsalloch House mu 1759 leis an fhortan a rinn e ann an Lunnainn.[8] Bha Carnsalloch na sgoil gu ruige 2004 ach tha an togalach bàn a-nis. Tha buidheann ann an Dùn Phrìs a' cumail a-mach gu bheil bòcain a' tathaich an taighe.[9] Lorgadh ball-ceàirde bhon 14mh Linn sa chladh ann ann 1992, san àite far ann robh Cille Quintin o shean.[10] Chaidh an eaglais a thogail ann an 1822,[11] a tha a' frithealadh a' pharraist air fad,[12] a' gabhail a-steach Dùn Choll agus Dalswinton. A-rèir carragh-chuimhne san sgìre, fhuair ceithir duine thar fhichead às a' pharraist bàs sa Chogadh Mòr[13] agus trì duine deug eile san Dàrna Cogadh.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. A' Chomhairle
  2. Kirkton”. Stòr-Dàta Briathrachais Gàidhlig. Sabhal Mòr Ostaig. Air a thogail 13mh dhen Fhaoilleach 2019.
  3. Elevation Map
  4. Big Red Directory
  5. clachan”. Am Faclair Beag. Air a thogail 13mh dhen Fhaoilleach 2019.
  6. Scottish Places
  7. BBC
  8. Dumfriesshire Companion
  9. Mostly Ghostly
  10. Canmore
  11. Listed Buildings
  12. Scottish Places
  13. Scottish War Memorials Project