Jump to content

Mouswald

O Uicipeid
Mouswald

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 02' 00″ Tuath
03° 28' 00″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 410 (1951)
Àireamh fòn 01387
Duilleag oifigeil Mouswald aig Visit Scotland

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Dùn Phrìs, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Mouswald (Mosswald o shean). Tha e suidhichte aig 52m os cionn ìre na mara,[1] ann an cridhe Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar an Cathair Ruairidh agus Dùn Phrìs, ri taobh an Uillt Cleughbrae.[2] Tha e 248km air falbh bho Obar Dheathain, 102km bho Ghlaschu, 14km bho Inbhir Anainn agus 103km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. [3] Bha mu 410 duine a' fuireach an seo ann an 1951.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann am Mouswald. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus dreuchdan ann an Dùn Phrìs. A bharrachd air sin, tha pàirc charabhan ann.[5] Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil[6] ann ach feumar a dhol dhan àrd sgoil ann an Dùn Phrìs.

Freumhan an Ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à seann Bheurla neo Lochlannais a tha ainm a' bhaile, a tha a' ciallachadh Coille a' Mhòintich bho Méos (Mòinteach) agus Weald (Coille).[7] Chan eil am baile idir fada air falbh bhon a' Mhòinteach Lochar.[8] Bha coilltean mòra ann o chionn fhada. 'S ann gu math pailt 's a tha ainmean-àite Lochlannach ann an iar-dheas na h-Alba,[9] gu h-àraidh nas fhaisge air a' Mhuir agus tha iad uile-làthaireach san sgìre eadar Inbhir Anainn agus Greatna.

Bha a' chiad eaglais do Naomh Peadar, ann san 13mh Linn mar-thà, ach thogadh eaglais ùr an seo an an 1816 agus lesachadh ann an 1929,[10] nuair a chuireadh geata mòr air bhog. Chaidh an eaglais a dhùnadh ann an 2011,[11] leis gun do deach Comar na Drise, Ruadhail agus Mouswald a chur ri chèile mar aon pharraist. A-rèir carragh-chuimhne a' bhaile, fhuair deichnear à Mouswald bàs sa Chogadh Mòr[12] agus fear eile san Dàrna Cogadh.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. ↑ Elevation Map
  2. ↑ Geolocation
  3. ↑ Distance Calculator
  4. ↑ Vision
  5. ↑ Manor Hotel
  6. ↑ A' Chomhairle
  7. ↑ Old English Translator
  8. ↑ Scottish Places
  9. ↑ Ordanance Survey
  10. ↑ Scottish Churches
  11. ↑ Daily Record
  12. ↑ Scottish War Memorials Project