Jump to content

Dùn Choll

O Uicipeid
Dùn Choll

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 08' 00″ Tuath
03° 37' 00″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01387

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Dùn Phrìs, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Dùn Choll[1] (Beurla/Beurla Ghallda: Duncow). Tha e suidhichte aig 29m os cionn ìre na mara,[2] air an àirde an ear-dheas Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Dalswinton agus Auldgirth, ri taobh na h-aibhne Nid.[3] Tha e 244km air falbh bho Obar Dheathain, 90km bho Ghlaschu, 28km bho Inbhir Anainn agus 95km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhuibh ann an Duncow. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, coilltearachd agus dreuchdan ann an Dùn Phrìs. A bharrachd air sin, tha trì tuathanasan ann. Taobh fhoghlaim, tha bun sgoil ann,[5] ach feumar a dhan àrd-sgoil ann an Dùn Phrìs.

Freumhan an Ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a h-uile coltas ann gur ann à dùn agus gobhar sa a' Ghàidhlig fhèin a tha ainm a' bhaile.[6] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Dhùn Phrìs fhèin anns an 14mh Linn.[7]

Tha daingneach ro-eachdraidheil ann agus lorgadh tobhtaichean campa Ròmanach faisg air làimhe cuideachd.[8] agus nochd am baile ann an 19mh Linn[9] mar bhaile oighreachd, is thogadh an taigh ann an 1860. Bhuineadh an oighreachd do John Crabbie,[10] bha an sàs ann an gnothach na dibhe làidir ann an Lìte, faisg air Dùn Èideann. Bha clach ann a shealladh far a chuir an Righ Seumas V oidhche seachad an seo.[11] Chaidh an Tùr Amisfield, muileann gaoithe, a thogail an seo mu 1700. Chaidh an eaglais a thogail ann an 1822,[12] a tha a' frithealadh a' pharraist air fad,[13] a' gabhail a-steach Baile na h-Eaglaise agus Dalswinton. Chaidh a' bhun sgoil fhosgladh ann an 1878.[14] A-rèir carragh-chuimhne san sgìre, fhuair ceithir duine thar fhichead às a' pharraist bàs sa Chogadh Mòr[15] agus trì duine deug eile san Dàrna Cogadh. Ri linn an cogadh sin, chaidh lùchairt eile, air a bheil Newlands, a chleachdadh mar ospadal le saighdearan à Nirribhidh.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. http://www.scottish.parliament.uk/Gaelic/placenamesC-E.pdf
  2. Elevation Map
  3. Scottish Places
  4. Distance From
  5. A' Chomhairle[dead link]
  6. Etymological Geography: Being a Classified List of Terms of Most Frequent Occurrence, T. A. Gibson, Dùn Èideann, 1835
  7. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  8. CAST
  9. Scottish Places
  10. Dumfries Companion
  11. Vision
  12. Listed Buildings
  13. Scottish Places
  14. A' Chomhairle[dead link]
  15. Scottish War Memorials Project