Drochaid Charrainn
Drochaid Charrainn | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Ceàrn | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 55° 15' 43″ Tuath 03° 46' 44″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 320 () |
Àireamh fòn | 01848 |
Duilleag oifigeil | Drochaid Charrainn aig Visit Scotland |
‘S e baile beag dùthchasail faisg air Dùn Phrìs, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Drochaid Charrainn.[1] Tha e suidhichte aig 82m os cionn ìre na mara,[2] ann an ceann a tuath Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar An t-Seann Chathair agus Bàrr na Dris, faisg air inbhir na h-aibhnichean Carrainn agus Nid.[3] Tha e 235km air falbh bho Obar Dheathain, 73km bho Ghlaschu, 24km bho Dhùn Phrìs agus 85km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhuibh ann an Drochaid Charrainn. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, coilltearachd agus turasachd. A bharrachd air sin, tha taigh-òsda[5] agus talla a' bhaile ann.[6] Taobh fhoghlaim, chan eil sgoiltean ann agus le sin feumar a dhol dhan na sgoiltean ann am Bàrr na Dris.[7]
Freumhan an Ainm
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à Caer/Cathair agus Afon/Abhainn ann an seann chuimris neo Gàidhlig a th'ann an t-ainm.[8] 'S ann gu math pailt a tha ainmean-àite ann an Cuimris ann an ceann a deas na h-Alba. Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Dhùn Phrìs fhèin anns an 14mh Linn.[9] A bharrachd air sin, tha cruth na tìre a' toirt cuideam dhan teòiridh seo. A dh'aindeoin sin, tha cuid eile dhen bheachd gur ann à treubhan mar na Carnones/Cerones air an do sgrìobh Ptolemy ann an 120 a bha nan tàmh san sgìre seo a tha ainm an àite seo.[10]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Bha campa Ròmanach ann o shean, faisg air an rathad a thog iad ri taobh na h-aibhne Nid.[11] Chithear tobhtaichean dà chaisteil san sgìre: Caisteal Enoch,[12] a thogadh san 13mh Linn agus caisteal Mhorton, a thogadh mu 1250 agus a dh'fhàgadh ann an 1714. Chaidh Na Seumasaich seachad air Drochaid Charrainn air an t-seann rathad shuas gu tuath ann an 1746, an dèidh dhaibh Sasainn fhàgail.[13] Thogadh stèisean-rèile agus drochaid-rathaid an seo ann an 1850[14] ach dhùnadh an stèisean ann an 1953. A-rèir carragh-chuimhne faisg air an stèisean, fhuair 28 duine às an sgìre seo bàs sa Chogadh Mòr[15] agus seachdnar eile san Dàrna Cogadh.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Dumfriesshire Companion
- ↑ Elevation Map[dead link]
- ↑ Scottish Places
- ↑ Distance From
- ↑ Carronbridge Hotel
- ↑ Need a disco
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ The New Statistical Account of Scotland, Volume 2, William Blackwood, Dùn Èideann 1834
- ↑ Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
- ↑ The Placenmes of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
- ↑ Dumfriesshire Companion
- ↑ CAST
- ↑ Am Baile[dead link]
- ↑ Butt, R. V. J. (1995). The Directory of Railway Stations: details every public and private passenger station, halt, platform and stopping place, past and present (1st ed.). Sparkford: Patrick Stephens Ltd. ISBN 1-8526-0508-1. OCLC 60251199
- ↑ Scottish War Memorials Project
Achadh na h-Eaglaise • Ae • Amisfield • Applegarthtown • Auldgirth • Bankend • Bàrr na Dris • Beattock • Bentpath • Canonbaidh • Cathair • Cathair Ruairidh • Chapelknowe • Cille Chonaill • Cille Bhrìghde • Cill Osbairn • Cille Phàdraig nam Fleamach • An Clachan • Clarencefield • Collin • Comar na Drise • Cuingealach • Dalswinton • Daltan • Doire Chonaill • Dòrnach • Drochaid Charrainn • Drochaid a' Mhuilinn • Drochaid Mhic Iain • Dubhras na Doire • Dùn Choll • Dùn Phris • Dùn Sgoir • Eaglais Fheichin • Eastriggs • Eskdalemuir • Gleann Chapall • Greatna • Hightae • Hoddom • Inbhir Anainn • Kettleholm • Kirtlebridge • Langaim • Loch Mhabain • Logarbaidh • Am Magh Fada • Middlebie • Mouswald • Parkgate • Penpont • Powfoot • Ruadhail • Templand • Torthorwald • Tynron • Wamphray • Waterbeck
- All articles with dead external links
- Articles with dead external links from July 2023
- Articles with invalid date parameter in template
- Articles with dead external links from September 2022
- Pages using ISBN magic links
- Alba
- Bailtean
- Bailtean na h-Alba
- Comhairle Dhùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
- Siorrachd Dhùn Phrìs
- Na Seumasaich