Achadh na h-Eaglaise
Achadh na h-Eaglaise | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 55° 03′ 32″ Tuath 03° 11′ 49″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 691 (2001) |
Àireamh fòn | 01461 |
Duilleag oifigeil | Eaglesfield aig Visit Scotland |
‘S e baile beag dùthchasail faisg air Inbhir Anainn, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Achadh na h-Eaglaise (Beurla: Eaglesfield).[1] Tha e suidhichte aig 77m os cionn ìre na mara,[2] air an àirde an ear-dheas Dhùin Phris is Gall-Ghàidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phris ro 1975), eadar Greatna agus Eaglais Fheichin, ri taobh an Uillt Eaglesfield. Tha e 242km air falbh bho Obar Dheathain, 112km bho Ghlaschu, 26km bhon Dùn Phris agus 99km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] Tha 691 duine a' fuireach an seo[4] agus 's e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Eaglesfield. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas. A bharrachd air sin, tha talla a' bhaile, oifis a' phuist[5] agus taigh-seinnse[6] anns a’ bhaile. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil[7] ann ach feumar a dhol dhan àrd sgoil ann an Inbhir Anainn.
Freumhan an Ainm
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, 's e ainm dà-chànanach a th' ann an Eaglesfield: eglwys (eaglais) bho Chuimris agus Feld (achadh) bho shean Bheurla,[8] a' toirt Achadh na h-Eaglaise dhuinn sa Ghàidhlig. Tha baile eile ann, thall an Sasainn agus thugadh luchd-stèidheachaidh an t-ainm sin airsan nuair a stèidhich iad e mu 1810.[9] 'S ann gu math pailt a tha ainmean-àite ann an Cuimris neo dà-chànanach ann an ceann a deas na h-Alba.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Bha muinntir a' bhaile gu math tàcarach, is iad uile nam breabadairean, mus do nochd inneal a dhèanadh an dreuchd san 19mh Linn. 'S ann à Eaglesfield a bha am fear mu dheireadh a chaidh a chrochadh a-riamh ann an Dùn Phrìs: chaidh òganach air an robh Raibeirt Mac a' Ghobhainn a chur gu bàs ann an 1868, air casaidean mhurt agus èigneachaidh.[10] B' e Thomasina Scott, a bha dìreach 11 bliadhna a dh'aois, na h-ìobairt. A-rèir carragh-chuimhne san sgìre, fhuair 46 duine à Eaglesfield bàs sa Chogadh Mhòr.[11]
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Dictionary Detail - Achadh na h-Eaglaise”. Am Faclair Beag. Air a thogail 11mh dhen t-Samhain 2018.
- ↑ Elevation Map[dead link]
- ↑ Distances From
- ↑ City Population
- ↑ Post Office
- ↑ Beer in the Evening
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ Old English Translator
- ↑ Dumfriesshire
- ↑ Internet archive
- ↑ Scottish War Memorials Project
Achadh na h-Eaglaise • Ae • Amisfield • Applegarthtown • Auldgirth • Bankend • Bàrr na Dris • Beattock • Bentpath • Canonbaidh • Cathair • Cathair Ruairidh • Chapelknowe • Cille Chonaill • Cille Bhrìghde • Cill Osbairn • Cille Phàdraig nam Fleamach • An Clachan • Clarencefield • Collin • Comar na Drise • Cuingealach • Dalswinton • Daltan • Doire Chonaill • Dòrnach • Drochaid Charrainn • Drochaid a' Mhuilinn • Drochaid Mhic Iain • Dubhras na Doire • Dùn Choll • Dùn Phris • Dùn Sgoir • Eaglais Fheichin • Eastriggs • Eskdalemuir • Gleann Chapall • Greatna • Hightae • Hoddom • Inbhir Anainn • Kettleholm • Kirtlebridge • Langaim • Loch Mhabain • Logarbaidh • Am Magh Fada • Middlebie • Mouswald • Parkgate • Penpont • Powfoot • Ruadhail • Templand • Torthorwald • Tynron • Wamphray • Waterbeck