Kettleholm
Kettleholm | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Ceàrn | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 55° 04' 48″ Tuath 03° 20' 41″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh fòn | 01576 |
Duilleag oifigeil | Kettleholm aig Visit Scotland |
‘S e baile beag dùthchasail faisg air Loch Mhabain, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Kettleholm. Tha e suidhichte aig 60m os cionn ìre na mara,[1] air an àirde an ear-dheas Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Locarbaidh agus Daltan, ri taobh na h-aibhne Water of Milk.[2] Tha e 243km air falbh bho Obar Dheathain, 106km bho Ghlaschu, 17km bho Dhùn Phrìs agus 98km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhuibh ann an Kettleholm. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus coilltearachd. A bharrachd air sin, tha talla a' bhaile eachdraidheil[4] ann. Taobh fhoghlaim, tha bun sgoil ann,[5] ach feumar a dhan àrd-sgoil ann an Locarbaidh.
Freumhan an Ainm
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a h-uile coltas ann gur ann à Lochlannais heim a tha ainm a' bhaile.[6] 'S ann gu math pailt 's a tha ainmean-àite Lochlannach ann an iar-dheas na h-Alba,[7] gu h-àraidh nas fhaisge air a' Mhuir agus tha iad uile-làthaireach san sgìre eadar Inbhir Anainn agus Greatna.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Tha daingneach ro-eachdraidheil ann, air bàrr Nutholm Hill[8] agus nochd am baile ann an 19mh Linn[9] mar bhaile oighreachd dhan lùchairt Castlemilk, a thogadh eadar 1864 - 1870. Bhuineadh an oighreachd do Robert Jardine,[10] bha an sàs sa chompanaidh Jardine Matheson & Co, thall ann an t-Sìona. Chaidh eaglais ùr a thogail an seo ann an 1877[11] agus fhuair i organ ann an 1905. Chleachdadh an sean eaglais mar sgoil.[12] Chaidh an tè sin a thogail ann an 1754. A-rèir carragh-chuimhne san eaglais, fhuair 24 duine às a' pharraist bàs sa Chogadh Mòr[13] agus còignear eile san Dàrna Cogadh.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Elevation Map
- ↑ Scottish Places
- ↑ Distance From
- ↑ Listed Buildings
- ↑ A' Chomhairle[dead link]
- ↑ Viking
- ↑ Ordanance Survey
- ↑ CAST
- ↑ Scottish Places
- ↑ Dumfries Companion
- ↑ Scotland's Churches
- ↑ Canmore
- ↑ Scottish War Memorials
Achadh na h-Eaglaise • Ae • Amisfield • Applegarthtown • Auldgirth • Bankend • Bàrr na Dris • Beattock • Bentpath • Canonbaidh • Cathair • Cathair Ruairidh • Chapelknowe • Cille Chonaill • Cille Bhrìghde • Cill Osbairn • Cille Phàdraig nam Fleamach • An Clachan • Clarencefield • Collin • Comar na Drise • Cuingealach • Dalswinton • Daltan • Doire Chonaill • Dòrnach • Drochaid Charrainn • Drochaid a' Mhuilinn • Drochaid Mhic Iain • Dubhras na Doire • Dùn Choll • Dùn Phris • Dùn Sgoir • Eaglais Fheichin • Eastriggs • Eskdalemuir • Gleann Chapall • Greatna • Hightae • Hoddom • Inbhir Anainn • Kettleholm • Kirtlebridge • Langaim • Loch Mhabain • Logarbaidh • Am Magh Fada • Middlebie • Mouswald • Parkgate • Penpont • Powfoot • Ruadhail • Templand • Torthorwald • Tynron • Wamphray • Waterbeck