Jump to content

Greatna

O Uicipeid
Greatna

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Co-chomharran 54° 59′ 38″ Tuath
03° 03′ 43″ Iar
Comharradh-clèithe NY 321 671
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 2,705 (2011)
Àireamh fòn 01461
Duilleag oifigeil Greatna aig Visit Scotland

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Inbhir Anainn, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Greatna.[1][2] Tha e suidhichte aig 26m os cionn ìre na mara air an àirde an ear Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Dòrnach agus Cathair Luail, ri taobh na h-aibhne Easg.[3] Tha e 247km air falbh bho Obar Dheathain, 122km bho Ghlaschu, 35km bho Dhùn Phrìs agus 107km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Greatna. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus turasachd. A bharrachd air sin, tha ionad nam bùithtean,[5] dà thaigh-seinnse,[6] trì taighean-òsda,[7] agus talla a' bhaile ann.[8] Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil ann an Inbhir Anainn. Ann an 2020 bha 3110 duine a' fuireach an seo.[9] Tha Gretna Green, baile beag a tha ainmeil airson na bainsean aige, faisg air. Tha sgioba ball-coise aige, an C.B. Greatna.[10]

Freumhan an Ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a coltas ann gur ann à Lochlannais greten (caoineadh) agus seann-Bheurla howe (sloc) tha ainm a' bhaile.[11] Bheireadh sin Sloc a' Chaoinidh dhuinn sa Ghàidhlig. 'S ann gu math pailt 's a tha ainmean-àite Lochlannach ann an iar-dheas na h-Alba,[12] gu h-àraidh nas fhaisge air a' Mhuir agus tha iad uile-làthaireach san sgìre eadar Inbhir Anainn agus Greatna. A bharrachd air sin, chaidh am baile a chlàradh mar Gretenhowe ann an 1576.

Chaidh Na Seumasaich seachd air Greatna air an t-seann rathad shuas gu tuath ann an 1746, an dèidh dhaibh Sasainn fhàgail.[13]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Stòr-dàta SMO
  2. Alba le Roy Pedersen
  3. GPS Routes
  4. Distance from - to
  5. Gretna Gateway
  6. Good Pub Guide
  7. Trip Advisor
  8. Village Halls
  9. Mid-2020 Population Estimates for Settlements and Localities in Scotland”. Clàran Nàiseanta na h-Alba. Air a thogail 30mh dhen t-Sultain 2024.
  10. Gretna Supporters Society
  11. The Placenames of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
  12. Ordnance Survey
  13. MacIain, T B, MacDhonnachaidh, Col Seumas A (1899): Historical Geography of the Clans of Scotland, 3mh Dreach.  Mapa a' sealltainn Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]