Jump to content

Cuingealach

O Uicipeid
Cuingealach

Map
55°23′49″N 3°46′37″W
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Comhairle Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh
Siorrachd Siorrachd Dhùn Phris
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 158 (2001)
Àireamh fòn 01659
Duilleag oifigeil Cuingealach aig Visit Scotland

‘S e baile beag dùthchasail faisg air na crìochan le Lannraig a Deas, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Cuingealach (Beurla: Wanlockhead). Tha e suidhichte aig 490m os cionn ìre na mara,[1] air an àirde an ear-thuath Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Abington agus An t-Seann Chathair, ri taobh an Uillt Uisge Cuingealach. 'S e am baile as àirde ann an Alba air fad[2] a th' ann. 'S e Beurla a th' ann a' chiad chànain aig a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Cuingealach. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus turasachd. A bharrachd air sin, tha talla a' bhaile san sheann sgoil, taigh-òsta[3] agus taigh-tasgaidh[4] anns a’ bhaile. Taobh fhoghlaim, chan eil bun-sgoil ann is feumar a dhol dhan sgoil ann am Bigear, leis nach eil ach 158 duine a' fuireach shuas an seo.[5] Bidh e daonnan gu math doirbh an seo sa gheamhradh.

Freumhan an Ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd,[6] tha a h-uile coltas ann gur ann à Lochlannais Lokkr (bachlagan) agus wandel (coiseachd) a tha ainm a' bhaile.[7] 'S ann gu math pailt 's a tha ainmean-àite Lochlannach ann an iar-dheas na h-Alba,[8] gu h-àraidh nas fhaisge air a' mhuir. A dh'aindeoin sin, tha cuid eile dhen bheachd gur ann à Gàidhlig cumhang a tha e, a tha mòran nas coltaiche ris an t-seann ainm Winlocke a bha ga chleachd gu ruige 1566. Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Dhùn Phrìs fhèin anns an 14mh Linn.[9]

Thoisich mèinneadh luaidhe fiù 's ro àm nan Ròmanach anns na Cnuic Lowther, a tha ri gach taobh Chuingealach,[10] agus bha na manaich an sàs sa ghnothach anns na meadhan aoisean, ach dh'fhàs an gnothach gu bith uabhasach làidir ri linn a' Thionndaidh Gnìomhachais[11] agus ann an 1810, puing na b' àirde a' ghnothaich, mhèinnich 1,400 tunna dhe luaidhe, a chleachdadh sna bailtean mu thuath. Thig mèinneadh gu crìoch an seo mu dheireadh thall ann an 1928. Bha coimhearsnachd nam mèinnear glè chumhachdail is 's e iadsan a chuir air bhog a' chiad leabharlann ballrachd na dùthcha an seo fhèin ann an 1741.[12] Bha dìreach dithis nam measg an 41 a stèidhich an leabharlann, is iad am maighstir-sgoile is am ministear.

Rinn Raibeart Burns sgrìob neo dhà do Chuingealach ann an 1789 agus 1794 is sgrìobh e Pegasus at Wanlockhead an seo,[13] ach cha do chòrd an t-àite leis idir. Bha an galar-fuilteach na chunnart agus chaochail mòran leis, mar a chithear sa chladh. Bha 788 duine a' fuireach an seo san dàrna leth dhen 19mh Linn.[14] Chaidh loidhne-rèile fhosgladh an seo ann an 1900,[15] a cheangladh Cuingealach gu, ach dhùnadh ann an 1938 e. Tha Stòras air a bhith ga chumail a' dol gu saor-thoileach bho 1983.[16] Bha bun sgoil ann, ach dhùnadh ann an 1976 i[17] oir cha robh ach 11 sgoilear ann.

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. ↑ Falling Rain
  2. ↑ AA
  3. ↑ Lotus Lodge
  4. ↑ Lead Mining Museum
  5. ↑ Lead Mining Museum
  6. ↑ The Placenmes of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
  7. ↑ Viking
  8. ↑ Ordinance Survey
  9. ↑ Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  10. ↑ Foghlam Alba
  11. ↑ Alba Aosmhor[dead link]
  12. ↑ Leadhills Library
  13. ↑ Mackay, James A. (1988). Burns-lore of Dumfries and Galloway. Ayr : Alloway Publishing. ISBN 0-907526-36-5
  14. ↑ Scottish Places
  15. ↑ Nothing to See
  16. ↑ Leadhills Railway
  17. ↑ RLS