Raibeart Burns

O Uicipeid
Raibeart Burns
Beatha
Breith Allmhaigh, 25 dhen Fhaoilleach 1759
Dùthaich  Alba
Àite-fuirich Dùn Èideann
Bàs Dùn Phris, 21 dhen Iuchar 1796
Àite-adhlacaidh St Michael's Church, Dumfries (en) Translate
Burns Mausoleum (en) Translate
Nàdar a’ bhàis  (congenital heart disease (en) Translate)
Teaghlach
Athair William Burnes
Màthair Agnes Broun
Cèile Jean Armour (en) Translate
Clann
Foghlam
Cànain A' Bheurla Ghallta
Beurla
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhaiche òran, bàrd, sgrìobhadair, eòlaiche-ciùil agus tuathanach
Obraichean comharraichte Auld Lang Syne
To a Mouse (en) Translate
A bheil Bochdainn Onarach Ann
Ae fond kiss, and then we sever... (en) Translate
Brosnachadh Bhruis
Tam o' Shanter (en) Translate
Halloween (en) Translate
The Battle of Sherramuir (en) Translate
Gluasad romantaigeachd
Gnè ealain rann
bàrdachd-aithris
òran
bailead
cantata (en) Translate
robertburns.org

Is e Raibeart Burns (Allmhaigh, 25 am Faoilleach 1759 - Dùn Phris, 21 an t-Iuchar 1796), no Rabbie Burns anns a' Bheurla Ghallda, bàrd Albannach anabarrach mòr-chòrdte, agus bàrd nàiseanta na h-Alba. Sgrìobh Burns a' chuid as motha de'n bhàrdachd aige ann am Beurla Gallda. Rugadh e ann an Allmhaigh, ann an Siorrachd Àir. Bha e na mhac coiteir, agus aon de seachdnar cloinne. Thogadh Burns ann am bochdainn agus fhuair e a theachd-an-tìr mar treabhaiche, obair gu math cruaidh a chur ris a' bhàs tràth aige (le tinneas-cridhe loidhnicheadh) ann an 1796.

Am measg na bàrdachd agus nan òran as ainmeile aige, gheibhear òrain gaoil (Green Grow the Rashes O' , Ye Banks and Braes), dàin aithriseach (Tam O'Shanter, a sgrìobh e ann an Dùn Sgoir), òrain nàiseantach (Brosnachadh Bhruis (Scots Wha Hae)), òrain sòisealach (A Man's a Man for A That), dàin a bheir iomradh air a bheatha air an dùthaich (To a Mouse), agus òran eadar-nàiseanta na bliadhna ùire, An Tìm a bh' ann o chian (Auld Lang Syne). Air sgàth na bàrdachd sòisealaich aige, tha e na ghaisgeach do mhòran dhaoine air feadh an t-saoghail. Bha Burns gu math deidheil air cuideachd nam boireannach agus bha iomadh companach as pòsadh agus leanabh dìolain aige. An diugh, bithidh Albannaich a' moladh a chuimhne gach Faoilteach 25mh aig suipearan Burns. Tha ìomhaighean air togail an urram dha air feadh an t-saoghail (mar eisimpleir, ann an San Francisco, New York, agus Vancouver). Sheinneadh an t-òran A Man's a Man aig fuasgladh na Pàrlamaid Albannach ann an 1999.

Sgrìobh Burns an dàn ainmeil The Deil's awa' wi' the Exciseman (Gàidhlig: Tha an diabhal air falbh leis a' ghàidsear) an Inbhir Anainn ann an 1792, nuair a bha esan fhèin na ghàidsear.[1]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Scots Independent