Pàrlamaid na h-Alba

O Uicipeid
Pàrlamaid na h-Alba
Fiosrachadh
Stèidheachadh 1999
Buill 129
Labhraiche Coinneach Mac an Tòisich
Sèorsa aon-seòmarach
Teirm 2015 - 2021
Togalach Taigh an Ròid
Sèoladh Sràid nan Clèireach, EH99 1SP Dùn Èideann
Dùthach Alba
làrach-lìn http://www.parliament.scot/gd

’S e còmhdhail reachdail na h-Albann a tha ann an Pàrlamaid na h-Alba. Tha i a’ coinneachadh ann an togalach na Pàrlamaide ann an sgìre Taigh an Ròid ann an Dùn Èideann, prìomh-bhaile na h-Albann, agus uaireannan theirear “Taigh an Ròid” gu neo-fhoirmeil rithe. Tha a’ Phàrlamaid air a dhèanamh le 129 buill taghte air a bheil Buill Pàrlamaid na h-Alba no BPA.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Bha Pàrlamaid na h-Alba ann ro 1707, ach chaidh cur às dhith le Achd an Aonaidh, mar mhol Co-chruinneachadh Bun-reachdail na h-Alba, anns an robh Canon Kenyon Wright na chathraiche. Stéidhich Achd na h-Alba 1998 a’ phàrlamaid ùr. Bha a’ chiad taghadh airson Pàrlamaid na h-Alba anns a’ Chéitean 1999, agus ghabh a’ Phàrlamaid a làn chumhachdan anns an Iuchair 1999.

Cumhachdan[deasaich | deasaich an tùs]

Tha am Pàrlamaid a' taghadh am prìomh-mhinistear a tha a' stiùireadh Riaghaltas na h-Alba.

Faodaidh Pàrlamaid na h-Alba laghan a dhèanamh a bheireas buaidh air Albainn ann an iomadh cùis a bhuineas ri gnothaichean na dùthcha, agus faodaidh i ìre bhunaiteach na cìse cosnaidh àrdachadh no ìsleachadh suas ri trì sgillinn san not. Tha Achd na h-Alba 2012 agus Achd na h-Alba 2016 a’ toirt chumhachdan cìse leasaichte do Phàrlamaid na h-Alba, agus thàinig na cumhachdan seo an cur an gnìomh gu h-iomlan sa bhliadhna 2017. Bhon uair sin tha cìs an tuarastail air a bhith rud beag nas troma air na daoine beartach ann an Albainn seach mar a tha ann an Sasainn, rud beag nas eutroime air na daoine bochda.

Tha cumhachd aig Pàrlamaid na h-Alba a bhith a’ dèanamh laghan air raon ghnothaichean air a bheil “cùisean tiomnaichte”. Tha iadsan a’ gabhail a-steach:

  • tuathanachas
  • ceartas catharra agus eucoireach
  • foghlam
  • an àrainneachd
  • slàinte
  • taigheadas
  • riaghaltas ionadail
  • dealbhadh
  • seirbheisean poileis is smàlaidh
  • obair shòisealta
  • spòrs agus na h-ealain
  • còmhdhail
  • Gàidhlig

Tha cuid de chùisean a bhuineas ri Albainn ach aig a bheil buaidh air an Rìoghachd Aonaichte, no buaidh eadar-nàiseanta, gan co-dhùnadh le Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte ann an Westminster. Is e “cùisean gléidhte” a theirear ri na rudan seo, leithid:

  • cùisean dùthchannan céin
  • dìon
  • in-imrich
  • sochairean sòisealta
  • craoladh
  • lùths

Dòigh taghaidh[deasaich | deasaich an tùs]

An seòmar deasbaid

Is àbhaist do thaghaidhean do Phàrlamaid na h-Alba tachairt a h-uile còig bliadhna. An siostam bhòtaidh, ’s e seòrsa de riochdachadh co-roinneil a th’ ann air a bheil an t-ainm Siostam Ball a Bharrachd. Tha dà bhòt aig a h-uile neach-bhòtaidh: aon airson na sgìre-phàrlamaid agus aon airson na roinne. Tha gach duine ann an Albainn ga riochdachadh le aon BPA sgìreil agus seachd BPA roinneil. Tha inbhe cho-ionnan aig a h-uile BPA anns a’ Phàrlamaid agus faodaidh luchd-taghaidh fios a chur gu duine sam bith den ochdnar a tha gan riochdachadh.

Leis a’ bhòt sgìreil, nì an neach-bhòtaidh roghainn eadar na tagraichean a tha a’ seasamh anns an sgìre-phàrlamaid aige. Is e an tagraiche leis an àireamh as motha de bhòtaichean a gheibh an seata. Tha 73 BPA sgìreil ann uile gu léir.

An bhòt eile, an bhòt roinneil, 's ann airson pàrtaidh poilitigeach a tha sin, no airson duine a sheasas gu neo-eisimeileach anns an roinn-taghaidh. Tha ochd roinnean-taghaidh Pàrlamaid na h-Alba ann agus seachd seataichean anns a’ Phàrlamaid aig a h-uile roinn, 56 seataichean uile gu léir. Anns gach roinn, bidh pàrtaidhean a’ faighinn sheataichean a réir cia mheud bhòt a fhuair iad anns a’ bhòtadh roinneil agus cia mheud seata sgìre-pàrlamaid a fhuair iad.

Roinnean agus sgìrean[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]