Obar Dheathain Oir Dheathain (sgìre Phàrlamaid na h-Alba)
Coltas
| Obar Dheathain Oir Dheathain | |
|---|---|
|
| |
| Dùthaich | Alba |
| Pàrlamaid | Taigh an Ròid |
| Ball | Mark McDonald BPA |
| Pàrtaidh | Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba |
| Àireamh-bhòtaidh | 30,981 |
| Mòr-chuid | 11,630 |
'S e sgìre Phàrlamaid na h-Alba a tha ann an Obar Dheathain Oir Dheathain (Beurla: Aberdeen Donside).[1]
Chruthaicheadh i ann an 2011 o Obar Dheathain a Tuath agus pàirtean de Shiorrachd Obar Dheathain an Iar agus Ceann Chàrdainn. Tha pàirtean de dh'Obar Dheathain tuath air an Deathain, Deis agus Mastrick san sgìre seo.[2] Tha i ann an crìch ri Siorrachd Obar Dheathain an Ear, Siorrachd Obar Dheathain an Iar agus Obar Dheathain Meadhain.
Chaochail a' chiad BPA, Brian Adam ann an 2013[3] agus bhuannaich Mark McDonald am frith-thaghadh.[4]
Buill-phàrlamaid
[deasaich | deasaich an tùs]| Taghadh | Ball | Pàrtaidh | Mòr-chuid | Àireamh-bhòtaidh |
|---|---|---|---|---|
| 2016[5] | Mark McDonald | Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba | 11630 | 30981 |
| Frith-thaghadh 2013[4] | Mark McDonald | Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba | 2025 | 23396 |
| 2011[6] | Brian Adam | Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba | 7175 | 26707 |

Buill Pàrlamaid na h-Alba airson Ear-Thuath na h-Alba
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Gaelic Constituency and Region Names 2011”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 1d dhen Ghiblean 2017 (pdf).
- ↑ “Recommended Scottish Parliament constituencies: Aberdeen Donside”. Coimisean Crìochan na h-Alba. Air a thogail 20mh dhen Ògmhios 2017 (pdf).
- ↑ “SNP MSP Brian Adam dies aged 64”, BBC. 25mh dhen Ghiblean 2013. Air a thogail 20mh dhen Ògmhios 2017.
- 1 2 “SNP's Mark McDonald wins Aberdeen Donside by-election”, BBC. 21mh dhen Ògmhios 2013. Air a thogail 20mh dhen Ògmhios 2017.
- ↑ “Aberdeen Donside” (Beurla). BBC. Air a thogail 20mh dhen Ògmhios 2017.
- ↑ “VOTE2011: Aberdeen Donside”. BBC. Air a thogail 20mh dhen Ògmhios 2017.