An t-Eilean Sgitheanach, Loch Abar agus Bàideanach (sgìre Phàrlamaid na h-Alba)
An t-Eilean Sgitheanach, Loch Abar agus Bàideanach | |
---|---|
Dùthaich | Alba |
Pàrlamaid | Taigh an Ròid |
Ball | Ceit Fhoirbeis BPA |
Pàrtaidh | Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba |
Àireamh-bhòtaidh | 17,362 |
Mòr-chuid | 8,743 |
'S sgìre Phàrlamaid na h-Alba a tha anns An t-Eilean Sgitheanach, Loch Abar agus Bàideanach (Beurla: Skye, Lochaber and Badenoch).
Chruthaicheadh i ann an 2011 on seann sgìre Ros, An t-Eilean Sgitheanach agus Inbhir Nis an Iar far an robh Iain Fearchar Rothach nach maireann na BhPA. Tha na uàrdan Inbhir Pheofharain agus Shiphoirt, An t-Eilean Dubh, Eilean a' Cheò, Caol agus Malaig, Àird agus Loch Nis, An Gearastan agus Àird nam Murchan, agus pàirtean de Ros an Iar, Srath Pheofhair agus Loch Aillse is Bàideanach agus Srath Spè san sgìre seo.[1]
Tha i ann an crìch ri Gallaibh, Cataibh agus Ros, Siorrachd Pheairt a Tuath, Sruighlea, Earra-Ghàidheal agus Bòd agus Inbhir Nis agus Inbhir Narann. Tha luchd-taghaidh an seo a' taghadh aon ball sgìreil agus buill liosta airson A' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan.
Buill-phàrlamaid
[deasaich | deasaich an tùs]Taghadh | Ball | Partaidh | Mòr-chuid | Àireamh-bhotaidh |
---|---|---|---|---|
2016[2] | Ceit Fhoirbeis | Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba | 5978 | 35389 |
2011[3] | Dave Thompson | Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba | 4995 | 31915 |
Faic cuideachd
[deasaich | deasaich an tùs]Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Skye Lochaber and Badenoch”. Coimisean Crìochan na h-Alba. Air a thogail 8mh dhen t-Sultain 2016 (pdf).
- ↑ “Taghadh Pàrlamaid air Ghàidhealtachd”. BBC. Air a thogail 8mh dhen t-Sultain 2016.
- ↑ “Election 2011 - Scotland - Skye, Lochaber & Badenoch” (Beurla). BBC. Air a thogail 8mh dhen t-Sultain 2016.