Ceit Fhoirbeis

O Uicipeid
Ceit Fhoirbeis
Ball 5mh Pàrlamaid na h-Alba

5 dhen Chèitean 2016 - 5 dhen Chèitean 2021
Dave Thompson
Sgìre: An t-Eilean Sgitheanach, Loch Abar agus Bàideanach
Taghadh: Taghadh Albannach 2016
Ball 6mh Pàrlamaid na h-Alba

6 dhen Chèitean 2021 -
Sgìre: An t-Eilean Sgitheanach, Loch Abar agus Bàideanach
Taghadh: Taghadh Albannach 2021
Rùnaire a’ Chaibineit airson an Ionmhais agus an Eaconamaidh

18 dhen Chèitean 2021 -
Beatha
Breith Inbhir Pheofharain, 6 dhen Ghiblean 1990
Dùthaich  Alba
Foghlam
Foghlam Acadamh Inbhir Pheofharain
Selwyn College (en) Translate
Cànain Beurla
Gàidhlig
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba

'S e neach-poileataigs Albannach a tha ann an Ceit Fhoirbeis, BPA (Beurla: Kate Forbes).

Bha i na sgoilear aig Acadamaidh Inbhir Pheofharain agus dh'ionnsaich i eachdraidh aig Oilthigh Chambridge. An dèidh do rinn i ceum maighstireachd air eachdraidh de dh'eilthireachd aig Oilthigh Dhùn Èideann, dh'obair i airson Dave Thompson BPA agus mar chunntasair airson Barclay's.[1]

Chaidh na BPA airson An t-Eilean Sgitheanach, Loch Abar agus Bàideanach ann an 2016 is na Ministear an Ionmhais Phoblaich agus na h-Eaconomaidh Didseataich nuair an do chrath Nicola Sturgeon a caibineit ann an 2018.[2] Ann an 2020 ghabh i òraid a' bhuidseid is i na chiad bhean a rinn sin às dèidh Derek Mackay leig a dhreuchd dheth,[3] agus an-sin chaidh i na Rùnaire Ionmhais.[4] Ghabh Iain MacShuibhne a h-àite nuair a chaidh i air fòrladh màthaireil ann an 2022.[5]

Tagraiche ceannardas Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba[deasaich | deasaich an tùs]

Faic Taghadh ceannardas Partaidh Nàiseanta na h-Alba 2023

Thill i à fòrladh màthaireil agus dh'fhoillsich i gun seas i airson ceannardas Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba agus mar sin prìomh-mhinistearachd na h-Alba an aghaidh Humza Yousaf agus Ash Regan an dèidh do Nicola Sturgeon innis gun leig ise a dreuchd suas.[6] Gidheadh, chaill i taic bho Clare Haughey agus Tom Arthur, am measg chàich, nuair a dh'inns i gun robh i an aghaidh poileasaidhean a' phàrtaidh mu pòsadh aona-ghnèitheach agus atharrachadh gnè.[7]

Bhuannaich i 20,559 bhòt (40.7%) anns a' chiad runnd is 23,890 (47.9%) anns an dàrna runnd, a choisinn Humza Yousaf.[8] Tha i na suidhe air na beingean-cùil an dèidh sin.[9]

Seasamh poileataigeach[deasaich | deasaich an tùs]

Ged a tha i air làmh deas a' phàrtaidh, dh'fhoillsich i agus dà BPA eile aithris air eaconamaidh shoirbheis còmhla ris a' bhuidheann-beachdachaidh Common Weal.[10]

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Personal Information”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 9mh dhen t-Sultain 2016.
  2. Àrdachadh dreuchd dha Ceit Fhoirbeis”, Naidheachdan a' BhBC. 27mh dhen Ògmhios 2018. Air a thogail 28mh dhen Ògmhios 2018. 
  3. Kate Forbes becomes first woman to deliver Scottish budget after Mackay quits”, The National. 6mh dhen Ghearran 2020. Air a thogail 7mh dhen Ghearran 2020. 
  4. Ceit Fhoirbeis na Rùnaire Iomhais”, Naidheachdan a' BhBC. 17mh dhen Ghearran 2020. Air a thogail 26mh dhen Ghearran 2020. 
  5. Kate Forbes maternity cover”. Riaghaltas na h-Alba. Air a thogail 22mh dhen Ghearran 2023.
  6. Ceit Fhoirbeis a' seasamh airson ceannard an SNP”, Naidheachdan a' BhBC. 20mh dhen Ghearran 2023. Air a thogail 6mh dhen Mhàrt 2023. 
  7. Brooks, Libby: “Kate Forbes defiant despite backlash over equal marriage views”, The Guardian. 21mh dhen Ghearran 2023. Air a thogail 22mh dhen Ghearran 2023. 
  8. Carrell, Severin ⁊ Brooks, Libby: “Humza Yousaf elected leader of Scottish National party”, The Guardian. 27mh dhen Mhàrt 2023. Air a thogail 19mh dhen Ghiblean 2023. 
  9. Caibineat ùr air a thaghadh”, Naidheachdan a' BhBC. 29mh dhen Mhàrt 2023. Air a thogail 19mh dhen Ghiblean 2023. 
  10. Forbes, Kate ⁊ McKee, Ivan ⁊ Thomson, Michelle (17mh dhen Ghiblean 2023): “Giving substance to the wellbeing economy”. Common Weal. Air a thogail 19mh dhen Ghiblean 2023.