Humza Yousaf
| Humza Yousaf | |||||||||||||||||
|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
|
| |||||||||||||||||
5 dhen Chèitean 2011 - 24 dhen Mhàrt 2016 Sgìre: Glaschu Taghadh: Taghadh Albannach 2011
6 dhen t-Sultain 2012 - 18 dhen Chèitean 2016 - Alasdair Allan →
5 dhen Chèitean 2016 - 5 dhen Chèitean 2021 Sgìre: Glaschu Pollaig Taghadh: Taghadh Albannach 2016
18 dhen Chèitean 2016 - 26 dhen Ògmhios 2018 ← Derek Mackay - Paul Wheelhouse →
26 dhen Ògmhios 2018 - 20 dhen Chèitean 2021 ← Mìcheil MacMhathain - Keith Brown →
6 dhen Chèitean 2021 - 8 dhen Ghiblean 2026 Sgìre: Glaschu Pollaig Taghadh: Taghadh Albannach 2021
18 dhen Chèitean 2021 - 28 dhen Mhàrt 2023
29 dhen Mhàrt 2023 - 7 dhen Chèitean 2024 ← Nicola Sturgeon - Iain MacShuibhne → | |||||||||||||||||
| Beatha | |||||||||||||||||
| Ainm slàn | Humza Haroon Yousaf | ||||||||||||||||
| Breith | Glaschu, 7 dhen Ghiblean 1985 | ||||||||||||||||
| Dùthaich |
| ||||||||||||||||
| Teaghlach | |||||||||||||||||
| Cèile |
Nadia El-Nakla (en) | ||||||||||||||||
| Foghlam | |||||||||||||||||
| Foghlam |
Oilthigh Ghlaschu Sgoil-ghràmair MhicÙistein | ||||||||||||||||
| Cànain |
Beurla Urdu Punjabi | ||||||||||||||||
| Dreuchd | |||||||||||||||||
| Dreuchd | neach-poileataigs | ||||||||||||||||
| Neach-fànais | |||||||||||||||||
| Creideamh | |||||||||||||||||
| Creideamh | Ioslam | ||||||||||||||||
| Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba | ||||||||||||||||
| humzayousaf.scot | |||||||||||||||||
'S e neach-poileataigs à Alba agus a' chiad phrìomh-mhinistear Muslamach a tha ann an Humza Yousaf BPA.
Rugadh e ann an Glaschu ann an 1985. Bha e na oileanach aig Oilthigh Ghlaschu far an do dh'ionnsaich e poileataigs. Dh'obair e mar chuidiche pàrlamaideach mus deach e thaghadh mar BhPA airson Glaschu air an liosta Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba ann an 2011. An dèidh sin dh'fhrithealaich e air na comataidhean airson ceartais agus sgrùdaidh phoblach gu 2012. Chaidh e na BhPA airson Glaschu Pollaig ann an 2016 agus na Mhinistear airson Còmhdhalach agus nan Eilean an dèidh don taghadh. An dèidh sin bha e na Rùnaire airson Ceartais. Bha e na Rùnaire airson Slàinte eadar an taghadh ann an 2021 is nuair a bhuannaich e ceannardas a' phàrtaidh ann an 2023.[1]
Chaidh e na cheannard SNP agus na phrìomh-mhinistear na h-Alba sa' Mhàirt 2023. Cha do ghabh Ceit Fhoirbeis, a bha anns an dàrna àite an dèidh do Mhgr Yousaf ann an taghadh ceannardais, dreuchd mar rùnaire nan cùisean dùthchail is thill i gu na beingean-cùil. Chaidh Seòna Robasdan na leas-phrìomh-mhinistear.[2]
Rinn e cùmhnant còmhla ri COSLA, Co-chruinneachadh Ùghdarrasan Ionadail na h-Alba, mu dhèidhinn sìneadais agus co-obrachaidh air bochdainn, Net Zero agus seirbheisean poblach anns an Ògmhios 2023.[3]. Seo am Verity House Agreement.[4]
Bhris e an Cùmhnant Taigh Bhòid còmhla ris na h-Uainich 25 an Giblean 2024 an dèidh do chùl a chur air targaidean gnàth-shìde agus bi bhòt cion-earbsa aig Taigh an Ròid an ath-sheachdain.[5] 29 an Giblean 2024 thuirt e gun leig e a dhreuchd shuas nuair a thaghadh an SNP ceannard ùr.[6]
Lean Iain MacShuibhne mar phrìomh-mhinistear anns a' Chèitean 2024 e.[7]
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- “Humza Yousaf MSP, Glasgow Pollok”. They Work for You. Air a thogail 29mh dhen Mhàrt 2023.
- O'Gallagher, Niall: “A’ Bhliadhna Bhorb aig Taigh a’ Bhòid”, Naidheachdan a' BhBC. 27mh dhen Mhàrt 2024. Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2024.
- “Beachdan on cheann a tuath air Humza Yousaf a' fàgail a dhreuchd”, Naidheachdan a' BhBC. 29mh dhen Ghiblean 2024. Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2024.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Humza Yousaf”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 29mh dhen Mhàrt 2023.
- ↑ “Caibineat ùr air a thaghadh”, Naidheachdan a' BhBC. 29mh dhen Mhàrt 2023. Air a thogail 29mh dhen Mhàrt 2023.
- ↑ Patterson, Kirsteen: “Cosla president hails new deal for Scottish councils as Yousaf signs Verity House Agreement”, Holyrood. 30mh dhen Ògmhios 2023. Air a thogail 30mh dhen Ògmhios 2023.
- ↑ “New Deal with Local Government – Verity House Agreement”. Riaghaltas na h-Alba. Air a thogail 30mh dhen Ògmhios 2023.
- ↑ “Co-bhanntachd an SNP leis na h-Uainich seachad”, Naidheachdan a' BhBC. 25mh dhen Ghiblean 2024. Air a thogail 25mh dhen Ghiblean 2024.
- ↑ “Humza Yousaf a' fàgail a dhreuchd”, Naidheachdan a' BhBC. 29mh dhen Ghiblean 2024. Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2024.
- ↑ “Naidheachdan 11:00m”, Naidheachdan a' BhBC. 7mh dhen Chèitean 2024. Air a thogail 9mh dhen Chèitean 2024.
Alexander MacEwen (1934–1936) • Andrew Dewar Gibb (1936–1940) • William Power (1940–1942) • Douglas Young (1942–1945) • Bruce Watson (1945–1947) • Robert McIntyre (1947–1956) • Jimmy Halliday (1956–1960) • Arthur Donaldson (1960–1969) • William Wolfe (1969–1979) • Gordon Wilson (1979–1990) • Ailig Salmond (1990–2000) • Iain MacShuibhne (2000–2004) • Ailig Salmond (2004–2014) • Nicola Sturgeon (2014–2023) • Humza Yousaf (2023–2024) • Iain MacShuibhne (2024–)
Dòmhnall Mac an Deòir (1999–2000) • Eanraig MacGillÌosa (2000–2001) • Seac MacConaill (2001–2007) • Ailig Salmond (2007–2014) • Nicola Sturgeon (2014–2023) • Humza Yousaf (2023–2024) • Iain MacShuibhne (2024–)

