Nicola Sturgeon

O Uicipeid
Nicola Sturgeon
Ball de Chomhairle Dhìomhair na Rìoghachd Aonaichte


Ball 1mh Phàrlamaid na h-Alba

6 dhen Chèitean 1999 - 31 dhen Mhàrt 2003
Sgìre: Glaschu
Taghadh: Taghadh Albannach 1999
Ball 2mh Pàrlamaid na h-Alba

1 dhen Chèitean 2003 - 2 dhen Ghiblean 2007
Sgìre: Glaschu
Taghadh: Taghadh Albannach 2003
Ceannard nan Dùbhlanach (Alba)

3 dhen t-Sultain 2004 - 17 dhen Chèitean 2007
Iain MacShuibhne - Seac MacDhòmhnaill
Ball 3mh Pàrlamaid na h-Alba

3 dhen Chèitean 2007 - 22 dhen Mhàrt 2011
Sgìre: Glaschu - Baile a' Ghobhainn
Taghadh: Taghadh Albannach 2007
3. Leas Phrìomh-mhinistear na h-Alba

17 dhen Chèitean 2007 - 19 dhen t-Samhain 2014
Nicol MacSteaphain - Iain MacShuibhne
Rùnaire Stàite airson Slàinte agus Soirbheas

17 dhen Chèitean 2007 - 19 dhen Chèitean 2011
Andy Kerr (en) Translate
Ball 4mh Pàrlamaid na h-Alba

5 dhen Chèitean 2011 - 24 dhen Mhàrt 2016
Sgìre: Glaschu Taobh a Deas
Taghadh: Taghadh Albannach 2011
Rùnaire a' Chaibineit airson Slàinte, Soirbheas is Ro-innleachd nan Cathair

19 dhen Chèitean 2011 - 5 dhen t-Sultain 2012
Rùnaire a' Chaibineit airson Bun-structar, Inbheisteadh is nan Cathair

5 dhen t-Sultain 2012 - 19 dhen t-Samhain 2014
Ailig Neil - Keith Brown
5. Prìomh-mhinistear na h-Alba

20 dhen t-Samhain 2014 - 28 dhen Mhàrt 2023
Ailig Salmond - Humza Yousaf
Ball 5mh Pàrlamaid na h-Alba

5 dhen Chèitean 2016 - 5 dhen Chèitean 2021
Sgìre: Glaschu Taobh a Deas
Taghadh: Taghadh Albannach 2016
Ball 6mh Pàrlamaid na h-Alba

6 dhen Chèitean 2021 -
Sgìre: Glaschu Taobh a Deas
Taghadh: Taghadh Albannach 2021
Beatha
Ainm slàn Nicola Ferguson Sturgeon
Breith Irbhinn, 19 dhen Iuchar 1970
Dùthaich  Alba
Àite-fuirich Taigh Bhòid
Teaghlach
Màthair Joan Sturgeon
Cèile Peter Murrell (en) Translate
Foghlam
Foghlam Oilthigh Ghlaschu
Greenwood Academy (en) Translate
University of Glasgow School of Law (en) Translate
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs agus neach-lagha
Duaisean a fhuaras
Creideamh
Creideamh Eaglais na h-Alba
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba
firstminister.gov.scot

'S e neach-poileataigs Albannach, Prìomh Mhinistear na h-Alba, agus ceannard a' Phàrtaidh Nàiseanta a tha ann an Nicola Ferguson Sturgeon, BPA (rugadh 19 an t-Iuchar 1970). Mar Bhall Pàrlamaid na h-Alba tha i a' riochdachadh Glaschu Taobh a Deas.

Rugadh Nicola Sturgeon ann an Irbhinn, Siorrachd Àir, fhuair i a cuid sgoile aig Acadamaidh Greenwood, agus choisinn i ceum LLB (Urram) ann an lagh agus Dioplòma ann an Gnàthas Lagha aig Oilthigh Ghlaschu. Ro phoileataigs, bha i ag obair ’na neach-lagha aig Ionad Comhairle Lagha is Airgid ann an Druim a' Chapaill, Glaschu.

Tha i a' fuireach ann an Glaschu cuide ris an duine aice, Peter Murrell, a bha na àrd-oifigear gnìomha Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba.

Poileataigs[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh a taghadh mar bhall-pàrlamaid roinneil airson baile Ghlaschu ann an 1999. Riochdaich i Glaschu mar bhall liosta eadar 1999 is 2003 agus Glaschu Baile a' Ghobhainn mar bhall roinne-phàrlamaid eadar 2007 agus 2011 nuair a chaidh na crìochan taghaidh atharrachadh agus tha i a-nis a' riochdachadh Glaschu Taobh a Deas.[1]

Ann an Riaghaltas na h-Alba bha i ann an dreuchd Rùnaire Caibineit na Slàinte eadar an Céitean 2007 agus an t-Sultain 2007, agus ann an dreuchd Rùnaire Caibineit airson Bun-structair In-ionmhais agus Bhailtean le dleastanasan airson ro-innleachd an riaghaltais agus na bun-reachd gus an t-Samhain 2014. Bha i cuideachd 'na Leas-phrìomh-mhinistear aig an àm sin.

Chaidh a taghadh mar Cheannard Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba air 14 an t-Samhain 2014 agus ghabh i dleastanasan a’ Phrìomh Mhinisteir os làimh air 20 an t-Samhain 2014. Thug i seachad Òraid an t-Sabhail aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 2015.[2] An dèidh do thaghadh Albannach 2021 mhair i mar phrìomh-mhinistear is chaidh na h-Uainich ann an riaghaltas na h-Alba airson a' chiad turas.[3]

Anns a' Ghearrain 2023 thuirt i gun leigeadh i a dreuchd mar phrìomh mhinistear suas nuair a thagh am Pàrtaidh Nàiseanta ceannard ùr.[4] Bhuannaich Humza Yousaf taghadh a' cheannardais an dèidh seo.[5]

Cùis Ailig Salmond[deasaich | deasaich an tùs]

Bha rannsachaidhean ann mun dòigh anns an do làimhsich Ms Sturgeon gearainean mu Ailig Salmond. A-rèir rannsachaidh neo-eisimeileach a rinn James Hamilton QC a bha na àrd neach-casaid ann an Èirinn cha do bhris ise còd nam ministearan.[6] Thug comataidh Thaigh an Ròid aithris air a' chùis is thuirt iad gun do mheall Ms Sturgeon iadsan ach cha b' ann a dh'aona-gnothach a rinn i sin.[7]

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Personal Information”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 19mh dhen Iuchar 2017.
  2. Òraid an t-Sabhail 2015 / SMO Lecture 2015”. Sabhal Mòr Ostaig. Air a thogail 19mh dhen Iuchar 2017.
  3. New Ministers to be appointed”, Riaghaltas na h-Alba. 30mh dhen Lùnasdal 2021. Air a thogail 1d dhen t-Sultain 2021. 
  4. Am Prìomh Mhinistear a' falbh”, Naidheachdan a' BhBC. 15mh dhen Ghearran 2023. Air a thogail 22mh dhen Ghearran 2023. 
  5. Ceannard ùr an SNP: Humza Yousaf”, Naidheachdan a' BhBC. 27mh dhen Mhàrt 2023. Air a thogail 8mh dhen Ghiblean 2023. 
  6. Carrell, Severin: “Nicola Sturgeon vows to focus on elections after being cleared by inquiry”, The Guardian. 22mh dhen Mhàrt 2021. Air a thogail 23mh dhen Mhàrt 2021. 
  7. Naidheachdan 11:00m”, Naidheachdan a' BhBC. 22mh dhen Mhàrt 2021. Air a thogail 23mh dhen Mhàrt 2021.