Ailig Salmond
'S e neach poileataigs a tha ann an Ailig Salmond (Beurla: Alex Salmond).
Bha e 'na Phrìomh-Mhinistear ann an Riaghaltas na h-Alba, bhon Chèitein 2007 gu ruige 19 an t-Samhain 2014.
Beatha[deasaich | deasaich an tùs]
Rugadh agus thogadh e ann an Gleann Iucha agus bha e na oileanach aig Oilthigh Chill Rìmhinn far an do dh'ionnsaich e eaconomachd agus eachdraidh meadhan-aoiseil. An dèidh an oilthigh dh'obair e mar eaconomaiche ann an seirbheis chatharra agus airson Banca Rìoghail na h-Alba. Ghabh e mar bhall ann am Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba nuair a bha e na oileanach.
Ann an 1987 chaidh e a thaghadh mar Bhall Pàrlamaid airson Banbh agus Buchan. Chaidh e na cheannard air an SNP ann an 1990. Chaidh a thaghadh mar Bhall Pàrlamaid na h-Alba ann an 1999 agus leig e dheth ceannardas an SNP ann an 2000. Thill e air ais gu ceannardas ann an 2004. Ann an 2007 B' e an SNP am pàrtaidh a bu mhotha ann am Pàrlamaid na h-Alba agus dh'ainmicheadh e mar Phrìomh-Mhinistear. An dèidh don SNP an taghadh 2011 a bhuannachadh, dh'eagraich Riaghaltas na h-Alba reifreann air neo-eisimeileachd. Às déidh dhan bhòt san reifreann a dhol ’na aghaidh, thuirt e gum biodh e a' leigeil dheth a dhreuchd mar cheannard a' Phàrtaidh Nàiseanta san t-Samhain, agus às déidh sin a dhreuchd mar Phrìomh-Mhinistear na h-Alba.
Bha e 'na Bhall Pàrlamaid airson Gòrdan eadar 2015 agus 2017.[1] Mar BhPA riochdaich e Siorrachd Obar Dheathain an Ear agus Gòrdan.
Phòs e Moira McGlashan, àrd-sheirbheiseach catharra, ann an 1981.
Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]
- BBC Naidheachdan: Sùil air: Ailig Salmond
- BBC Naidheachdan: Salmond a’ falbh an dèidh bhòt an aghaidh neo-eisimeileachd, 2014-09-22
- BBC Naidheachdan: Mar a chaidh gabhail ri brath Mhgr Salmond, 2014-09-22
- They Work for You (Beurla)
Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]
- ↑ “General election 2017: Former SNP leader Alex Salmond loses seat”, BBC. 9mh dhen Ògmhios 2017. Air a thogail 6mh dhen Iuchar 2017.
William Wolfe (1969-1979), Gordon Wilson (1979-1990), Ailig Salmond (1990-2000), Iain MacShuibhne (2000-2004), Ailig Salmond (2004-2014), Nicola Sturgeon (2014-)