Jump to content

Pàrtaidh Alba

O Uicipeid
Pàrtaidh Alba
Fiosrachadh
Stèidheachadh 2021
Luchd-stèidheachaidh Laurie Flynn
Beachd-Smuainealas An-Dràsda Neo-eisimeileachd
Cathraiche Coinneach MacAsgaill (am fear mu dheireadh)
Suidheachain Taigh an Ròid: 0. Westminster: 0

'S e pàrtaidh a tha ag iomairt airson neo-eisimeileachd na h-Alba agus an aghaidh fèin-aithneachadh gnè a tha ann am Pàrtaidh Alba. Chaidh a stèidheachadh ann an 2021 le Laurie Flynn a bha na neach-aithris is rinn iomairt an aghaidh asbestos.[1]

Cha bhi am pàrtaidh a' seasadh air na liostaichean sgìreil anns an Taghadh Albannach 2021. Tha iad a' brosnachadh luchd-bhòtaidh a bhòt airson Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba airson na sgìre agus airson Pàrtaidh Alba fhèin air an liosta roinneil airson "sàr-mhòr-chuid" airson neo-eisimeileachd fhaighinn.[2]

Chaidh Ailig Salmond na cheannard[3] is chaidh dà BhP SNP aig Westminster, Coinneach MacAsgaill is Neale Hanvey, sa' phàrtaidh anns a' Mhàirt 2021.[4] Chaidh Ash Regan sa' phàrtaidh ann an 2023[5] agus dh'fhàg i am pàrtaidh ann an 2025.[6]

Chaill a h-uile tagraiche an t-eàrlas aca ann an 2024.[7] Bha Coinneach MacAsgaill ann an 8mh àite ann an Alamhagh agus Inbhir Ghrainnse.[8]

Leigeadh am pàrtaidh mu sgaoil anns a' Mhàirt 2026 air sgàth gainnead airgid is am poileas a' rannsachadh na cunntasan.[9]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Richards, Xander: Alba party membership surpasses Scottish LibDems in just one week, founder says”, The National. 2na dhen Ghiblean 2021. Air a thogail 28mh dhen Ghiblean 2021. 
  2. Manifesto Pàrtaidh Alba air fhoillseachadh”, Naidheachdan a' BhBC. 21mh dhen Ghiblean 2021. Air a thogail 4mh dhen Chèitean 2021. 
  3. Wilson, Louise: Salmond announces plan to stand for Holyrood as he launches Alba Party”, Holyrood Magazine. 26mh dhen Mhàrt 2021. Air a thogail 4mh dhen Chèitean 2021. 
  4. Naidheachdan 11:00m”, Naidheachdan a' BhBC. 29mh dhen Mhàrt 2021. Air a thogail 4mh dhen Chèitean 2021. 
  5. Boyle, Cash: Scotland’s Alba party has its first MSP after Ash Regan jumps ship”, The Guardian. 28mh dhen Dàmhair 2023. Air a thogail 17mh dhen Chèitean 2024. 
  6. MSP Ash Regan quits Alba to focus on prostitution bill”, BBC News. 10mh dhen Dàmhair 2025. Air a thogail 10mh dhen Mhàrt 2026. 
  7. An Taghadh”, Naidheachdan a' BhBC. 5mh dhen Iuchar 2024. Air a thogail 5mh dhen Iuchar 2024. 
  8. Alloa and Grangemouth - General election results 2024”, BBC News. Air a thogail 5mh dhen Iuchar 2024. 
  9. Alba Party to be wound down amid 'dire financial plight'”, BBC News. 8mh dhen Mhàrt 2026. Air a thogail 10mh dhen Mhàrt 2026.