Eanraig MacGillÌosa

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Eanraig McGillÌosa
Eanraig MacGillÌosa

Dàrna Prìomh Mhinistear na h-Alba
Ann an rèim
27 an Dàmhair 2000 – 8 an t-Samhain 2001
Aon-fhlath Ealasaid II
Roimhe Dòmhnall Mac an Deòir
Leantail Seac MacConaill

Breith 15 an t-Ògmhios 1948
Fìobha
Roinn-taghaidh Fìobh Meadhanach
Pàrtaidh
poileataigeach
Pàrtaidh Làbarach na h-Alba
Alma mater Oilthigh Heriot-Watt

'S e neach poileataigs agus an dara prìomh-mhinistear a bh' aig Pàrlamaid na h-Alba, an dèidh Dhòmhnaill Mhic an Deòir, a tha ann an Eanraig MacGillÌosa (Beurla: Henry McLeish).

Rugadh e 15 an t-Ògmhios 1948) ann am Fìobha agus thogadh e ann am Meadhchill. Chluich e ball-coise airson Leeds United agus Fìobha an Ear nuair a bha e òg mus do robh e na oileanach ann an Oilthigh Heriot-Watt.[1] Thug e na BhP airson Fìobh Meadhanach ann an 1987 agus BPA airson Fìobh Meadhanach ann an 1999. Bha e san dreuchd mar phrìomh-mhinistear na h-Alba bho 2000 chun an 8mh den t-Samhain 2001. Dh'fhàg e a' phàrlamaid nuair a thàinig e am follais gun robh e a' faighinn airgead tro bhith a leigeil pàirt den oifis roinn-taghaidh aige air mhàl gun cead no gun a bhith ag innse mu dheidhinn mar a bu chòir.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Andrew Roth, The Guardian: Henry McLeish (Beurla). Air a tharraing 3 am Màrt 2016