Brian MacUilleim

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Brian MacUilleim
Ball-pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte


Ball de Chomhairle Dhìomhair na Rìoghachd Aonaichte


ball 52mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte

1 dhen Chèitean 1997 - 14 dhen Chèitean 2001
Sgìre: Cunninghame North
Taghadh: United Kingdom general election, 1997
Member of the 53rd Parliament of the United Kingdom

7 dhen Ògmhios 2001 - 11 dhen Ghiblean 2005
Sgìre: Cunninghame North
Taghadh: United Kingdom general election, 2001
Beatha
Breith Dùn Omhain, 13 dhen Dùbhlachd 1948
Dùthaich  Alba
Foghlam
Foghlam Oilthigh Dhùn Dè
Oilthigh Chaerdydd
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs
Àitichean-obrach Lunnainn
Ballrachd 50mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte
51mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte
52mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte
53mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Am Pàrtaidh Làbarach

'S' e neach-poileataigs a tha ann am Brian MacUilleim (Beurla: Brian Wilson).

Rugadh e air 13 an Dùbhlachd 1948 ann an Dùn Omhain, Còmhall. Bha e na bhall pàrlamaid Làbarach bho 1987 mun 2005, agus coimhlion e oifis ministear na stàit bho 1997 gu 2003 (An Oifis Albannach 1997–1998, Roinn Malairt agus Gnìomhachas (RMG) 1998–1999, Oifis na h-Alba 1999–2001, Oifis nan Dùthchannan Cèin 2001 agus Ministear airson Neirt agus Togalach, RMG (2001–2003).[1] Air a sheasamh sìos bho oifig mhinistear na ullachadh a chuir cùl ri pàrlamaid, dh'iarr Tony Blair air a bhith Riochdaire Sònraichte a Phrìomhaire air Malairt Thar-chuain.[2]

Fhuair e foghlam oilthigh aig Dùn Dè. Thoisich a shàs an poileataigs nuair a bha e 'san oilthigh- aig tùs am Pàrtaidh Nàiseantach na h-Alba ach iompaich e ri Pàrtaidh Làbarach an 1971. On chuir e cùl ri pàrtaidh nan nàiseantaich tha e air a bhi na nàmhaid fiach gan aghaidh. Ach airson a nàmhaid ri cùise nan nàiseantaich tha e air a nochdadh seasamh prionnsabalaichte fad iomadh bliadhna, ri poileataigs an sgeith clì, ri coireachan nan Gàidheal agus ri còirichean coimhearsnachd na croitearachd. B' esan a chiad ministear riamh ann an Oifis na h-Alba le dleasdanas ainmichte airson math na Gàidhlig. Na shaoghal poileataigs, sheas e airson roinnean pàrlamaid Gàidhealach dà thuras: an aghaidh Dòmhnall Stiùbhart 's na h-Eileanan Siar agus an aghaidh Teàrlach Ceanadach ann an Rois is Cromba. Aig a cheann thall chaidh a thaghadh ann an 1987 airson Coineagan a Tuath ann an Siorramachd Àir. Dh'fhàg e pàrlamaid ann an 2005, nuair a chaidh an roinn-taghaidh aige a-mach a bhith an lùib atharrachaidhean crìch. Tha e pòsda aig a' bhan-naidheachd Joni Bochanan.

Naidheachdas[deasaich | deasaich an tùs]

B' esan na chiad neach-deasachaidh don West Highland Free Press, pàipear ionadail Sgitheanach a stèidhich e còmhla le trì caraidean oilthigh. Ann an 2015 dhearbhaich am Pàipear Beag nach bi Mgr MacUilleim a' sgrìobhadh colbh fhathast an dèidh dha taic don Àrd-Ollamh Dòmhnall MacLeòid a thoirt mu colbh an do sgrìobh Mgr MacLeòid mu shuidheachadh luchd-imrich à Afraga a Tuath anns an Roinn Eòrpa.[3]

Ceanglaichean[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Rt Hon Brian Wilson(Beurla). Pàrlamaid Westminster. Air a thogail 13mh dhen Dùbhlachd 2016.
  2. Fagan, Mary ⁊ Edward Simpkins (17mh dhen Lùnasdal 2003): “Wilson takes special trade role in Iraq”. Daily Telegraph. Air a thogail 13mh dhen Dùbhlachd 2016.
  3. Dà cholbh a' falbh on Phàipear Bheag”. BBC. Air a thogail 13mh dhen Dùbhlachd 2016.