Teàrlach Ceanadach
Coltas
Bha Teàrlach Ceanadach (Beurla: Charles Kennedy) ʼna neach-poileataigs de chuid aʼ Phàrtaidh Libearalaich Dheamocratach ann am Breatainn. Bha e ʼna cheannard air aʼ Phàrtaidh Libearalach Deamocratach bho 1999 gu 2006, agus ʼna bhall de Phàrlamaid Westminster bho 1983 gu 2015. Chaidh a thaghadh aig aois 23 a riochdachadh Rois, Chrombaidh agus an Eilein Sgitheanaich ann an 1983. Chaill e a sheat Rois, an t-Eilean Sgitheanach agus Lochabar don Phàrtaidh Nàiseanta sa' Chèitean 2015[1] is chaochail e san Ògmhios.[2]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Naidheachd 11:00m”, BBC. 8mh dhen Chèitean 2015. Air a thogail 1d dhen Ògmhios 2018.
- ↑ “Teàrlach Ceanadach air bàsachadh”, BBC Naidheachdan. 2na dhen Ògmhios 2015. Air a thogail 1d dhen Ògmhios 2018.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- BBC Naidheachdan 2015-06-03: Teàrlach Ceanadach 1959-2015 (aithris bhideo)
- BBC Naidheachdan 2015-06-03: Caoineadh Theàrlaich (le Niall O'Gallagher, fear-naidheachd poileataigeach)
- BBC Naidheachdan 2015-06-12: Teàrlach Ceanadach: chaidh an t-adhlacadh a chumail
- BBC Naidheachdan 2015-08-25: Teàrlach Ceanadach ga chuimhneachadh (aithris bhideo)
- BBC Naidheachdan 2016-11-18: Òraid Theàrlaich Cheannadaich
- BBC Naidheachdan 2021-02-23: Prògram a'coimhead air beatha Theàrlaich Cheannadaich air BBC ALBA
- TheyWorkForYou: Charles Kennedy, former MP, Ross, Skye and Lochaber
Ceannardan Pàrtaidh Libearal Deamocratach
| Paddy Ashdown (1988–99), Teàrlach Ceanadach (1999–2006), Menzies Campbell (2006–2007) Nick Clegg (2007–2015), Tim Farron (2015–2017), Vince Cable (2017–2019), Jo Swinson (2019–) |