Jo Swinson
'S e neach-poileataigs à Alba a tha ann an Jo Swinson. Bha i na ceannard am Pàrtaidh Libearal Deamocratach ann an 2019 mus do chaill i a seat a-rithist.
Rugadh i ann an 1980 is thogadh i ann am Muileann-Ghaidh. Bha i na h-oileanach aig an LSE far an do dh'ionnsaich i manaidsireachd agus dh'obair i ann am margaideachd airson an stèisean-rèidio Viking FM ann an Hull.[1]
Sheas i ann an Kingston upon Hull an Ear ann 2001 agus bhuannaich i Siorrachd Dhùn Breatainn an Ear ann an 2005 agus a-rithist ann an 2017 an dèidh dhi a seat a chall dhan Nàiseantach John Nicolson. Fhuair i freagairt aileirdsig ann an 2013 an dèidh do bhriosgaid ithe.[2] Sheas i mar thagraiche airson cheannardas na Lib Deamach an dèidh do Vince Cable ann an 2019 an aghaidh Ed Davey[3] agus bhuannaich i.[4] Chaill i a seat a-rithist ann an 2019 is Amy Callaghan ga buannachadh.[5]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Sylvester, Rachel: ““She’s quite formidable”: Jo Swinson may yet become leader of the Lib Dems”, Prospect Magazine. 14mh dhen t-Sultain 2017. Air a thogail 29mh dhen Ògmhios 2019.
- ↑ “MP with nut allergy almost dies after eating biscuit”, The Guardian. 6mh dhen Chèitean 2013. Air a thogail 29mh dhen Ògmhios 2019.
- ↑ “Jo Swinson confirms Liberal Democrat leadership bid”, BBC News. 31mh dhen Chèitean 2019. Air a thogail 29mh dhen Ògmhios 2019.
- ↑ “Lib Dems: Who is new leader Jo Swinson?”, BBC News. 22mh dhen Iuchar 2019. Air a thogail 2na dhen Lùnasdal 2019.
- ↑ “Dunbartonshire East parliamentary constituency”, BBC News. 13mh dhen Dùbhlachd 2019.
| Paddy Ashdown (1988–99), Teàrlach Ceanadach (1999–2006), Menzies Campbell (2006–2007) Nick Clegg (2007–2015), Tim Farron (2015–2017), Vince Cable (2017–2019), Jo Swinson (2019–) |