Siorrachd Dhùn Breatainn an Ear (sgìre Phàrlamaid Westminster)
Siorrachd Dhùn Breatainn an Ear | |
---|---|
Dùthaich | Alba |
Pàrlamaid | Westminster |
Ball | Amy Callaghan BP |
Pàrtaidh | Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba |
Luchd-bhòtaidh | 66,075 |
Àireamh-bhòtaidh | 53,031 |
Mòr-chuid | 149[1] |
'S e sgìre Phàrlamaid Westminster a tha ann an Siorrachd Dhùn Breatainn an Ear (Beurla: East Dunbartonshire).
Chaidh a cruthachadh ann an 2005 o Shrath Chelbhinn agus Bearsden agus pàirtean de sgìrean eile ach bha sgìre eile air an robh an aon ainm ro 1983. Bha Mairead Ewing, mar Mhairead Bain, na BP air a son eadar 1974 agus 1979.[2] Bha Jo Swinson na ciad bhall pàrlamaid eadar 2005 agus 2015 nuair a bhuannaich an Nàiseantach John Nicolson agus bhuannaich i a-rithist ann an 2017 i.
Tha Bearsden, Muileann-Ghaidh agus Drochaid an Easbaig anns an sgìre seo.[3] Tha i ann an crìch ri Sruighlea, Comar nan Allt, Cill Saidh agus Cair Cheann Tulaich an Ear, Coatbridge, Chryston agus Belshill, Glaschu an Ear-Thuath, Glaschu a Tuath, Glaschu an Iar-Thuath agus Siorrachd Dhùn Breatainn an Iar.
Buill-Phàrlamaid
[deasaich | deasaich an tùs]- Amy Callaghan (Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba) (2019–)[4]
- Jo Swinson (Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba) (2017–2019)[4]
- John Nicolson (Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba) (2015–2017)[4]
- Jo Swinson (2005–2015)
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Jo Swinson MP”. Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte. Air a thogail 29mh dhen Ògmhios 2019.
- ↑ MacUilleim, Brian (23mh dhen Mhàrt 2006): “Obituary: Margaret Ewing”. The Guardian. Air a thogail 19mh dhen Ghearran 2017.
- ↑ Mapa aig Coimisean Chrìochan na h-Alba (pdf)
- ↑ 4.0 4.1 4.2 “Dunbartonshire East parliamentary constituency”, BBC News. 13mh dhen Dùbhlachd 2019. Air a thogail 13mh dhen Dùbhlachd 2019.